Tha prògram Fèis bhliadhnail Blas ga fhoillseachadh is e a’ nochdadh taghadh farsaing de luchd-ciùil à Alba is thall thairis airson fèis chiùil Ghàidhlig na bliadhna-sa a bhios a’ gabhail aite an ath-mhìos ann an tallachan air feadh na Gàidhealtachd.

Tha Blas ga chur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal ann an co-bhoinn le Comhairle na Gàidhealtachd agus bidh i a’ gabhail àite eadar 22-30 Samhain, a’ tighinn gu crìch le caochladh thachartasan air feadh na Gàidhealtachd airson oidhche na Fèill Anndrais a chomharrachadh. Tha i an dùil cultar na Gàidhlig agus saoghal beothail ceòl dualchasach Albannach a chomharrachadh ann an 8 làithean de chonsairtean, de chèilidhean is de sheiseanan-obrach ann an àiteachan air feadh a’ chinn a tuath is nan eilean.

Ann am prògram sa bheil ann an da-rìreadh rudeigin do shean is òg, a bharrachd air na prìomh chonsairtean is cèilidhean, bidh cuideachd cèilidhean ann tron latha, sreath òraidean air òrain agus prògram sònraichte do sgoiltean far an tadhail cuid den luchd-ciùil air sgoiltean ionadail a chluich is a dhèanamh sheiseanan-obrach.

Am measg na bhios aig Blas na bliadhna-sa, a bhios a’ gabhail àite bhon Agaidh Mhòr gu Barraigh, bidh an còmhlan aig Gary Innes, Raibeart MacDhonnchaidh is Ros MacUilleim bho Thidelines, Iain MacPhàrlain is Ingrid NicEanraig, oidhche air leth de phìobaireachd ann an Taigh a’ Bhaile ann an Inbhir Nis agus an triùir nuadh-dhualchasach, Project Smok. Mar as àbhaist bidh cluicheadairean air leth againn bho thall thairis. Bidh brod nam fìdhlearan is nan dannsairean à Ceap Breatann, na peathraichean Dawn is Margie Pheutan, air beulaibh luchd-coimhead ann an Geàrrloch, an Ruigh Solais, an Ulabul agus san Drochaid Ruaidh, ri taobh an triuir sheinneadairean Sian agus a’ bhana-sheinneadair Caitlìn NicAonghais.

Am-bliadhna chìthear dà cho-thachartas air leth. Cuiridh Blas agus Fèis nan Tallachan Beaga consairtean air ann an Caol Àcainn agus san Aodann Bhàn le sar-thaghadh de luchd-ciùil, nam measg Dòmhnall Seathach bho Chapercaillie, am fìdhlear Donnchadh Siosal, am fear ioma-ionnstramaideach a bhios a dèanamh cèol ùr, Hamish Napier à Baile nan Granndach agus fear-glèidhidh Duais BBC Young Folk, am pìobaire uilleann, Iarlath MacEanraig. Ann an Inbhir Nis gabhaidh an sàr-chòmhlan eileagtronaigeach Ceilteach, Niteworks, a chluinntinn san Ironworks, rud a tha na chom-pàirteachas eadar 432 agus Fèis Blas.

Ann an cleachdadh a tha gu math stèidhichte ann am Blas a-nis, thèid trì co-làithean breith a chomharrachadh air an t-seann dòigh Ghàidhealaich am-bliadhna le taghadh sgoinneil de shar-aoighean ciùil. Bidh Seonaidh Beag MacMhaoilein a’ comharrachadh ceithir fichead bliadhna ri taobh Dhonaidh MhicLeòid a bhios 90 am-bliadhna.  Còmhla ris na Leòdhasaich san Lanntair ann an Steòrnabhagh bidh na seinneadairean, Caitlìn NicAonghais agus Iain MacAoidh, Ailean MacEanraig, buill de Chòmhlan Phìobairean Leòdhais agus aoighean sònraichte eile. Cuideachd a’ comharrachadh ceithir fichead bliadhna bidh Criosaidh Dhòmhnallach à Barraigh, no Criosaidh Deanaidh mar as fheàrr as aithne dhi, agus na cuideachd bidh Màiri Anna NicUalraig, Ailean Dòmhnallach, Alasdair MacIlleBhàin, Còisir Ghàidhlig Bharraigh agus Rìgh nan Cèilidhean, Feargaidh Dòmhnallach,  ann an Talla a’ Bhagh a Tuath ann am Barraigh.

A’ cur an cèill an cuid saothrach ann an Canada an-dràsta, nochdaidh Fuaran air an àrd-ùrlar airson toradh na h-obrach a rinn iad o chionn ghoirid a shealltainn. ‘S e a tha ann am Fuaran ach iomairt dualchais stèidhichte le Fèisean nan Gàidheal airson ginealach ùr de sheinneadairean òga Gàidhealach a bhrosnachadh a bhith a’ rannsachadh is a’ cruinneachadh òrain Ghàidhlig sa cheàrnaidh aca fhèin, agus seinnidh iad còmhla ris a’ bhana-sheinneadair is a’ bhana-phìobaire, Rona Lightfoot, agus a’ bhana-sheinneadair,  Mairead Stiùbhart, a chuidich le chèile na seinneadairean òga le an cuid rannsachaidh.

Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art Cormaig: “Tha Fèis Blas air a dhol na thachartas cudromach ann am mìosachan choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean bho chuireadh air chois i ann an 2005. Tha prògram na bliadhna-sa mar an ceudna agus le a cuid chonsairtean is cèilidhean comharraichidh agus brosnaichidh cultar Gàidhealach do luchd-èisteachd fad is farsaing. Tha sinn air ar doìgh glan gur urrainn dhuinn Fèis Blas a chur air a-rithist am bliadhna, aon uair eile, airson an tàlant a dh’fhàs an seo fhèin a shealltainn is a chomharrachadh.”

Chuir Shona NicIllFhinnein, bho Bhòrd na Gàidhlig ris:  “Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte gun deach aig Fèisean nan Gàidheal air dèanamh cinnteach gu bheil an Fhèis luachmhor a tha ann am Blas a’ dol a-rithist am bliadhna-sa. Tha inbhe àrd is farsaingeachd tachartasan a’ phrògraim a’ sgaoileadh deagh theachdaireachd mu chànain is cultar na Gàidhlig. Tha fhios againn gu bheil an ealain na prìomh-adhbhar air daoine a tharraing a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig is gu bheil i a’ neartachadh bruidhinn na cànain agus gu bheil Blas agus fèisean eile a’ cur gu mòr ri cultar na h-Alba agus a’ tarraing dhaoine thuice.”

Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionghain, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Cur an Gnìomh na Gàidhlig agus Cathraiche an Stòrais Chorparra aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd air taic a chumail ri Fèis Blas bho thòisich i 14 bliadhna air ais. ‘S e goireas foghlaim a tha ann am prògram Blas agus tha i na fearas-cuideachd gu h-àraidh is sinn a’ comharrachadh Bliadhna nan Cànan Dùthchasach. Tha i a’ toirt a-steach thachartasan bho Chaol Àcainn gu Loch nan Inbhir agus Geàrrloch gu Srathaidh ann an Dùthaich MhicAoidh.”

Gheibhear làn-phrògram nan tachartasan aig www.blas-festival.com còmhla ri fiosrachadh air mar a ghabhas tiocaidean a cheannach.