Tachartasan Sònraichte ann an 2007
Harvest
‘S e cuirm-chiùil sàr iongantach a th’ ann an Harvest, air a chruthachadh, air a sgrìobhadh ‘s air a stiùireadh le Dòmhnall Seathach bho Capercaillie. ‘S e comharrachadh ioma-thaobhach a tha seo den eadar-chluich ciùil eadar an iomadh seòrsa traidisean Ceilteach a tha san Roinn-Eòrpa. Tha seinneadairean agus luchd-ciùil eadar-nàiseanta mar Karen NicMhathain, Eòghann Vernal agus Teàrlach McKerron à Capercaillie, Guadi Galego agus Guillermo Fernandez à Gailicia, Karan Casey à Èirinn, an luchd-ciùil Gàidhealach Anna Massie, Aidan O’ Rourke agus Seumas Mac an Tòisich agus Jean-Michel Veillon às a’ Bhreatainn Bhig uile a’ tighinn còmhla an cois còrr air dà fhichead oileanach òg bhon Fhèis Ghàidhealach gus fèis-chiùil mìorbhaileach de cheòl ùr a chur air.
Tha Harvest air adhartachadh le Fèis Rois an co-bhoinn ri Blas.
Àite
Baile-turasachd na h-Aghaidh Mhoir (Taighean-òsda Mhic Dhomhnaill)
Cuideachd a' cluich ann an:
Loch Abar: Disathairne 8 An t-Sultain 2007
Tairgse sònrichte airson dinneir na h-oidhche aig taigh-bhidhe Aspect.
Dìnnear Ron-Chuirm, dà chùrsa ann an taigh-bidhe Aspects aig £15 bho 5f, agus aig taigh-bidhe Eadailteach, Giovannis, bho 5.30f. Bhiodh e glic bòrd earlaiseachadh ro làimh. Fòn 01479 815100. ’S e Aspects an taigh-bidhe sònraichte aig Aonad Turasachd Aghaidh Mhòir an Dòmhnallaich, anns am faighear sàr-chòcaireachd agus dheagh fhìon, air a libhrigeadh ann an àite snasail. Tha an suidheachadh gu ìre mhath foirmeil le còd aodaich iomchaidh.
KIN : Coimisean ùr bho Dhonnchadh Siosal
Tha ar ceangal, ar loidhne sna linntean a dh’ fhalbh fhathast beò nar ceòl, nar sgrìobhaidhean, nar sealladh-tìre, nar aithne air coimhearsnachd agus an urram a tha againn don teaghlach. Bìdh “Kin” a’ comharrachadh sealladh-tìre, cànan, dualchas, coimhearsnachd agus teaghlach, gach cuid a tha bunaiteach don bheatha Gàidhealach, do ar n-àite san t-saoghal agus do mhisneachd ar daoine.
Tilleadh air Donnchadh Siosal an seo
tiocaidean
A' cluich ann an:
Bàideanach is Srath Spè: Diluain 3 An t-Sultain 2007
Inbhir Nis: Dimàirt 4 An t-Sultain 2007
Clann
Tha teaghlach MhicEanraig, teaghlach ciùil ainmeil à Lochabair air Gàidhealtachd na h-Alba a’ coinneachadh ri clann dhualchasach MhicNèill à Ceap Bhreatainn, Alba Nuadh. Tha gach buidheann a’ cumail suas dualchas ciùil na Gàidhlig gu fallain air gach taobh den Chuain Siar. Tha cèilidh beòthail de cheòl, òrain agus dannsa gu bhith an seo don luchd-èisteachd.
tiocaidean
A' cluich ann an:
Inbhir Nis: Diluain 3 An t-Sultain 2007
Siorrachd Rois: Dimàirt 2 An t-Sultain 2007
Bàideanach is Srath Spè: Diciadain 5 An t-Sultain 2007
An t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse: Diardaoin 6 An t-Sultain 2007
Loch Abar: Dihaoine 7 An t-Sultain 2007
NA SEÒID
Am measg an fheadhainn a tha ‘s na 20n agus ‘s na tràth 30n, bha buidheann de dhaoine òga a tha pròiseil a thaobh an dualchas aca, an cànan agus na comasan agus mar a tha iad airson sin a roinneadh le càch. Tha iad cruthachail, chan ann a-mhàin mar chluicheadairean, ach mar sgrìobhadairean òrain agus ciùil. Tha misneachd aca nan cànan – tha mòran dhiubh ga cleachdadh nam beatha agus obair làitheil. Agus tha comas aca a bhith brosnachail do dhaoine eile.
Bheir Na Seòid còmhla ochdnar de na seinneadairean agus luchd-ciùil sin fo stiùir ciùil Mhàiri Anna NicUalraig. Anns a’ chòmhlan, is e guthan a bhios aig cridhe na buidhne – tha guth làidir aig gach duine fa leth agus mar phàirt den chòmhlan.
Is e ceangal de chomasan làidir a tha an seo – agus rud a thaisbeanas teachdaireachd misneachail, joie de vivre agus dòchas airson a’ chànain, a’ chiùil agus cultar a’ Ghàidheil.
Far a bheil iad a' cluich:
Cataibh: Diciadain 5 An t-Sultain 2007Bàideanach is Strath Spè 2007Siorrachd Rois: Dihaoine 7 An t-Sultain 2007
An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Ailse: Disathairne 7 An t-Sultain 2007
Duais Neach-ciùil Òg Dualchasach BBC Rèidio Alba
Thig na sia farpaisich sa chuairt dheireannach de Dhuais Neach-ciùil Òg Dualchasach BBC Rèidio Alba 2007 còmhla airson oidhche de cheòl agus òrain. Is e duais a tha seo a tha ann gus a bhith a’ brosnachadh luchd-ciùil òga an dualchas a chumail beò agus an comas ciùil a thoirt gu àrd-ìre le bhith leantainn cùrsa-beatha ann an ceòl dualchasach. Is e na sianar tàlantaich òga a bhios a’ gabhail pàirt:
Luchd-ciùil:
Darren MacLean info
Mike Vass info
Calum Stewart info
Catriona Watt info
Calum MacCrimmon info
Martin Hunter info
Far a bheil iad a' cluich:
Inbhir Nis: Diardaoin 6 An t-Suiltain 2007
Siorrachd Rois: Dihaoine 7 An t-Sultain 2007
Eilean a’ Chiùil
Tha an t-Eilean Sgìtheanach lom-làn de dhualchas ciùil agud beul-aithris. Bheir a’ chuirm seo dhuibh blasad den dualchas beartach seo ann an ceòl agus òran a’ tighinn bho na riochdairean dualchais as comasaiche a gheibhear san Eilean.
tiocaidean
Luchd-ciùil:
Anne Martin info
Sarah Naylor info
Angus Nicolson info
Blair Douglas info
Far a bheil iad a' cluich:
Loch Abar: Dihaoine 31 An Lùnasdal 2007
An t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse: Disathairne 1 An t-Sulatin 2007
Guthan a' Chuain
Tha ar tachartas Canàidianach am bliadhna a’ toirt a-steach Màiri Sìne NicLaomainn, aon de na seinneadairean Gàidhlig air a bheil fìor iarrtas ann am Ameireaga a-Tuath. Tha sinn fìor-thoilichte fàilte air ais a chur oirre chun “an t-seann dùthaich” gus a bhith air an àrd-ùrlar còmhla ris an t-sàr-sheinneadair Caitlìn NicAonghais à Uibhist a-Deas. Tha gach seinneadair a’ faighinn urram mor nan raon-obrach agus is cinnteach gum bi an luchd-èisteachd ag iarraidh barrachd is barrachd bhuapa.
Cruinneachadh Gàidhlig
1 - 2 an t-Sultain 2007,Ionad MacPhail, Ulapul
Tha cruinneachadh tro mheadhan na Gàidhlig, a bhios beothail, gun samhail agus freagarrach airson an teaghlach a` tighinn gu Ulapul.
Ge b` e an ìre aig a bheil thu, bho neach-tòiseachaidh gu neach fileanta, tha rudeigin ann dhut aig Tional.
Feuch clasaichean còmhraidh traidiseanta aig ìrean eadar-dhealaichte, neo de mu dheidhinn sgrìob a ghabhail còmhla ri treòraiche mun cuairt air Ulapul?
Air neo, bidh taisbeanadh còcaireachd a’ cur uisge air d‘fhiaclan, no de mu dheidhinn coimhead air nàdar agus ciamar a tha e co-cheangailte ri cultar na Gàidhlig.
Airson an fheadhainn a tha nas sgairteile, tha clasaichean eacarsaich tro mheadhan na Gàidhlig ann neo ma bhios sgilean ealanta agad, bidh bùth-obrach seinn ann.
Airson na h-òigridh tha trèanadh ball-coise agus camanachd ri am faighinn ‘s iad air an toirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig no feuch bùth-obrach drama còmhla ri Eden Court.
‘S e cothrom a tha seo airson luchd-ionnsachaidh agus airson fileantaich na Gàidhlig a bhith an sàs ann an suidheachadh Gàidhlig agus airson na sgilean agus an eòlas anns a chànan a leasachadh.
Tuilleadh fiosrachaidh an seo: www.tional.org
Toiseachaidh Fèis Bhlas aig Consairt Runrig
Tuathanas Borlum, Druim na Drochaid, Loch Nìs
Disathairne 18 An Lùnasdal 2007
Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhal air an làrach-lìn Runrig an seo
Sgrìobh Calum MhacDhomhnail à Runrig:
Anns a’ bhliadhna shònraichte seo, a tha a’ comharrachadh agus ag aithneachadh cultar na Gàidhealtachd, tha Runrig toilichte gu bheil an cothrom aca com-pàirteachadh san tachartas a bhios a’ cur an Fhèis Blas 2007 air bhog.
Aig Runrig/Beat the Drum/ Loch Nis, air an 18mh den Lùnastal, tha sinn a’ coimhead air adhart ri co-roinn ann an latha a tha sinn an dòchas a bhios mìorbhaileach agus ion-chuimhneachail.
‘S e urram mòr a th’ ann dhuinne a bhith an caidreabh Blas san dòigh seo. Ged nach e còmhlan-ciùil traidiseanta a th’ ann an Runrig, tha dualchas, agus gu h-àraidh dualchas na Gàidhlig na bhun-stèidh air a h-uile nì anns a bheil an còmhlan air a bhith an sàs thar nan 34 bliadhna a chaidh seachad. Tha an t-aon feallsanachd againn ‘s a tha aig Blas, ‘s tha sinn uile air a bhith air an t-aon shlighe chultarail. Tha am fàs a thàinig air an ùidh a tha aig daoine ann an ceòl traidiseanta agus san àite a tha aige ann an Alba, na aon de na deagh adhartasan cultarail a thachair san dùthaich seo thar nan deich bliadhna no mar sin a chaidh seachad, agus tha gach pong ciùil a chaidh adhartachadh le buidhnean leithid Blas no le gluasad mìorbhaileach nam Fèisean na phong a tha air a bhith gu math faisg air cridhe Runrig. Tha fios againn gum b’ fheudar strì mhòr a dhèanamh airson gach pong a bha sin, agus chan urrainn dhuinn ach ar basan a bhualadh fa chomhair an t-seallaidh agus an dealasachd a bha aig na daoine sin a bha an sàs anns an t-strì.
Aig Beat the Drum tha sinn an dòchas latha sònraichte a thabhann a bhios a’ comharrachadh an iomadach seòrsa ceòl a bhuineas don Ghàidhealtachd, bhon àm a dh’fhalbh, on latha an-diugh agus on àm ri teachd. A bharrachd air na prìomh thachartasan air an stèids, bidh an Fhèis Blas a’ toirt dealbh-chùil, aig toiseach an latha, a bhios a’ taisbeanadh nan nithean as fheàrr a tha a’ tachairt ann an saoghal a’ chiùil thraidiseanta san latha an-diugh.
Dhuinn fhèin agus do Bhlas, ‘s e an t-amas a bhios againn air an 18mh den Lùnastal gum bi sinn a’ dèanamh nan nithean airson an deach a’ bhliadhna chultarail seo a stèidheachadh – a bhith a’ cur air adhart tachartas a bhios a’ comharrachadh na Gàidhealtachd agus a ceòl.








