Cataibh
Dihaoine 5mh An t-Sultain 2008
Tha Sin Groobhidh! - Groove to the Shoogles
Shooglenifty | Cuairt-chèilidh Fèis Chataibh
Tha Shooglenifty air aon de na còmhlain-chiùil Cheilteach as fheàrr a th’ ann, agus iad a’ cleachdadh ionnstramaidean traidiseanta mar an fhìdheall is am bandeo, còmhla ri ruitheaman nas ùire bho dhrumaichean, an giotàr dealain agus an giotàr bass. Tha iad a’ cur cuideam air puirt dhannsa, ach an lùib nam port seo, cluinnear earrainnean socair, siubhlach le bun-stèidhe de ruitheaman tomadach. A-nochd bidh na cluicheadairean mìorbhaileach bho Chuairt-chèilidh Fèis Cataibh 2008 a’ cumail taic riutha air an àrd-ùrlar.
Àite
Talla Choimhearsnachd - Loch an Inbhir
7.30f
tiocaidean
Didòmhnaich 7mh An t-Sultain 2008
Cèilidh Teaghlaich
Gizzen Briggs | Fiona J. & Katie NicCoinnich | Cuairt-chèilidh Fèis Chataibh
Tha Cathair-eaglais Dhòrnaich, a tha suidhichte ann an ceàrnag a’ bhaile Chataibhich bhrèagha seo, air aon de na h-eaglaisean as ainmeile agus as ionmhainn le daoine air a’ Ghàidhealtachd. Thigibh nar cuideachd feasgar na Sàbaid airson cèilidh teaghlaich a tha saor ’s an-asgaidh, leis a’ chòmhlan thraidiseanta ionadail Gizzen Briggs, a tha air toileachas mòr a thoirt do luchd-èisteachd an seo agus ann an Ameireagaidh a Tuath thar nam bliadhnaichean. Bidh Fiona NicCoinnich, a bhuannaich am bonn òir aig a’ Mhòd ann an 2005, agus a nighean Katie a’ nochdadh air an àrd-ùrlar cuideachd, tha Katie an-dràsta ag ionnsachadh seinn is clàrsach aig an RSAMD ann an Glaschu.
Àite
Cathair-eaglais Dòrnaich, Dòrnach
3 - 5f
Saor an asgaidh - tiocaidean aig an doras
Dimàirt 9mh An t-Sultain 2008
Aly Bain & Phil Cunningham
Aly Bain & Phil Cunningham | Maeve NicFhionghain
Tha Aly Bain is Phil Cunningham am measg an luchd-chiùil as ainmeile air an t-saoghal a thaobh ceòl traidiseanta. Thar nam bliadhnaichean tha iad air toileachas ana-mhòr a thoirt do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail le an cuid ciùil agus na stòiridhean aca. A bharrachd air na clàraidhean aca a tha air soirbheachadh gu mòr, tha Phil is Aly air leth ainmeil ann an Alba mar dhithis luchd-ciùil a bhios a’ cluich còmhla ri linn nan iomadh turas a nochd iad air telebhisean is rèidio. A’ nochdadh air an àrd-ùrlar air an aon oidhche bidh Maeve NicFhionghain aig a bheil an tiotal an-dràsta “Neach-ciùil ùr gealltanach na Bliadhna”, a fhuair i aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba. Dh’fhoillsich i a’ chiad chlàr aice o chionn ghoirid, “Don’t Sing Love Songs”, a fhuair moladh mòr agus a’ cluich còmhla rithe bidh an neach-giotàir tàlantach, Innes Watson.
Àite
Talla Choimhearsnachd, Strathaidh
7.30f
tiocaidean
Disathairne 13mh An t-Sultain 2008
Cèilidh Cost' a Tuath
Còmhlan Dòmhnall Mac'IlleDhuibh | Còmhlan Addie Harper Jnr | Cuairt-chèilidh Fèis Chataibh
’S ann an Diùirnis a chluinnear Dòmhnall MacIlleDhuibh agus a chòmhlan agus iad a’ tilleadh chun Chost’ a Tuath. Tha Dòmhnall na shàr chluicheadair òrgan-beòil, agus e a’ cleachdadh stoidhle na pìoba nuair a tha ga chluich. A bharrachd air an seo, tha Dòmhnall air toileachas mòr a thoirt do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail ri linn mar a chluicheas e cuid de na fuinn mhall na dhòigh fhèin. Cuideachd air an àrd-ùrlar a-nochd còmhla ri Dòmhnall agus a chòmhlan, bidh an còmhlan aig Addie Harper Jnr, air a bheil fèill mhòr am measg luchd-èisteachd mu Thuath, agus air a bheil iarrtas mòr airson cluich aig dannsaichean aig clubaichean bogsa is fìdhle air feadh na dùthcha. Cuideachd sa phrògram, bidh taghadh de phuirt is òrain bhon sgioba aig Cuairt-chèilidh Fèis Chataibh 2008.
Àite
Talla Choimhearsnachd, Diùirnis
7.30f








