Sgioba Bhlas
David Boag (Development Manager, Fèisean nan Gàidheal)
Arthur Cormack (Director, Fèisean nan Gàidheal)
Donna Cunningham (Festival Director)
Brian Ó hEadhra (Artistic Director)
Ingrid Henderson (Lochaber Representative)
David Gilbert (PAN Board Member)
Rita Hunter (Fèis Rois Manager)
Duncan MacInnes (PAN Administrator)
Peter Kane (Press & PR Contractor)
Nicola Marshall (Development Officer, Fèisean nan Gàidheal)
Judi Menabney (Arts Manager, Highland Council)
Brian Ó h-Eadhra
An Stiùiriche Ealain
Tha Brian Ó h-Eadhra, fear-ciùil agus oifigear leasachaidh cultarail na Stiùiriche Ealain airson Blas. Tha ceum aig Brian ann an Dualchas na h-Eireann agus Beurla à Colaiste Oilthaigh Bhaile a Cliath, agus bhon a thàinig e a dh’Alba, tha e air air a bhith an sàs gu mòr ann an Gàidhlig agus ceòl Ceilteach. An dèidh do Bhrian Gàidhlig a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig, tha e air a bhith na stiùiriche air fèisean cultarail agus cuirmean ciùil, le Ceòl
Mar Stiùiriche Ealain, tha Brian ag obair le Buidheann Gnìomh Blas a chaidh a stèidheachadh airson Blas a chruthachadh, a phlanadh agus a lìbhrigeadh. Tha e an urra ris sùil a chumail air gnothaichean ealanta air fad anns an Fhèis agus obraichidh e le buidhnean coimhearsnachd mar na Fèisean, PAN agus cuid eile a tha airson gnothach a ghabhail ris an iomairt.
Donna Choineagan
Riaghladair na Fèise
Tha Donna Choineagan stèidhichte faisg air a’ Mhanachain ann an Siorrachd Inbhir Nis agus tha i air a bhith ag obair fad ceithir bliadhna fichead ann an gnìomhachas a’ chìuil agus nam meadhanan. Tha i air a bhith a’ riaghladh agus a’ stiùireadh luchd-cìuil, riochdachadh telebhisein, ionadan-clàraidh, phròiseactan ealain agus chùrsaichean trèanaidh anns a’ ghnìomhachas airson luchd-ciùil. Chaidh companaidh Donna, Firefly Productions a thaghadh airson an Fhèis a riaghladh nuair a shoirbhich leis na ciad cuirmean anns an t-Sultain 2004.
Mar Riaghladair na Fèise, tha Donna ag obair le Buidheann Gnìomh Blas agus tha e an urra rithe rian gnothachail a chumail air na Fèisean an co-bhonn ri Brian Ó h-Eadhra airson dèanamh cinnteach gu bheil gach cuirm air a cruthachadh mar rud sònraichte a chòrdas a cheart cho math ris an luchd-èisteachd agus an fheadhainn a tha a’ gabhail pàirt.








