Sgioba Bhlas

David Boag (Development Manager, Fèisean nan Gàidheal)

Arthur Cormack (Director, Fèisean nan Gàidheal)

Donna Cunningham (Festival Director)

Brian Ó hEadhra (Artistic Director)

Ingrid Henderson (Lochaber Representative)

David Gilbert (PAN Board Member)

Rita Hunter (Fèis Rois Manager)

Duncan MacInnes (PAN Administrator)

Peter Kane (Press & PR Contractor)

Nicola Marshall (Development Officer, Fèisean nan Gàidheal)

Judi Menabney (Arts Manager, Highland Council)

Image : Brian Ó hEadhra

Brian Ó h-Eadhra

An Stiùiriche Ealain

Tha Brian Ó h-Eadhra, fear-ciùil agus oifigear leasachaidh cultarail na Stiùiriche Ealain airson Blas. Tha ceum aig Brian ann an Dualchas na h-Eireann agus Beurla à Colaiste Oilthaigh Bhaile a Cliath, agus bhon a thàinig e a dh’Alba, tha e air air a bhith an sàs gu mòr ann an Gàidhlig agus ceòl Ceilteach. An dèidh do Bhrian Gàidhlig a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig, tha e air a bhith na stiùiriche air fèisean cultarail agus cuirmean ciùil, le Ceòl Nis is Fèis nan Òran nam measg. Tha e cuideachd an sàs ann an Institiùd Cànain na Gàidhealtachd a tha stèidhte ann an Inbhir Nis. Tha Brian fhathast ri deànamh òrain agus bi e tric a nochadh air an àrd-ùrlar aig cuirmean-ciùil san dùthaich seo agus thall thairis.

Mar Stiùiriche Ealain, tha Brian ag obair le Buidheann Gnìomh Blas a chaidh a stèidheachadh airson Blas a chruthachadh, a phlanadh agus a lìbhrigeadh. Tha e an urra ris sùil a chumail air gnothaichean ealanta air fad anns an Fhèis agus obraichidh e le buidhnean coimhearsnachd mar na Fèisean, PAN agus cuid eile a tha airson gnothach a ghabhail ris an iomairt.

 

Image : Donna Cunningham

Donna Choineagan

Riaghladair na Fèise

Tha Donna Choineagan stèidhichte faisg air a’ Mhanachain ann an Siorrachd Inbhir Nis agus tha i air a bhith ag obair fad ceithir bliadhna fichead ann an gnìomhachas a’ chìuil agus nam meadhanan. Tha i air a bhith a’ riaghladh agus a’ stiùireadh luchd-cìuil, riochdachadh telebhisein, ionadan-clàraidh, phròiseactan ealain agus chùrsaichean trèanaidh anns a’ ghnìomhachas airson luchd-ciùil. Chaidh companaidh Donna, Firefly Productions a thaghadh airson an Fhèis a riaghladh nuair a shoirbhich leis na ciad cuirmean anns an t-Sultain 2004.

Mar Riaghladair na Fèise, tha Donna ag obair le Buidheann Gnìomh Blas agus tha e an urra rithe rian gnothachail a chumail air na Fèisean an co-bhonn ri Brian Ó h-Eadhra airson dèanamh cinnteach gu bheil gach cuirm air a cruthachadh mar rud sònraichte a chòrdas a cheart cho math ris an luchd-èisteachd agus an fheadhainn a tha a’ gabhail pàirt.

 

 

© Blas Festival 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.