Siorrachd Rois

Dihaoine 5 An t-Sultain 2008

Taigh Cèilidh

Fiona J NicCoinnich | Skipinnish | Triùir bho Fhèis Rois

Bhuannaich Fiona J NicCoinnich am bonn òir ainmeil aig a’ Mhòd ann an Steòrnabhagh ann an 2005. Air an àrd-ùrlar còmhla rithe bidh Skipinnish, aon de na còmhlain chèilidh as fheàrr ann an Alba, a tha air luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail a bheò-ghlacadh leis a’ cheòl dannsa agus na h-òrain aca agus an còmhlan air am bogadh ann an dualchas cost’ an iar na h-Alba. Còmhla riutha a-nochd bidh buidheann de luchd-ciùil òga bhon fhèis ionadail, Fèis Rois.

Àite

Cèilidh Place, Ulapul
7.30f

tiocaidean

Disathairne 6 An t-Sultain 2008

Taigh Cèilidh

Skipinnish | Iain MacAoidh | Iseabail NicAsgaill | Cuairt-chèilidh Fèis Rois

Tha Skippinish air aon de na còmhlain chèilidh as fheàrr ann an Alba, agus ri linn na stoidhle sònraichte aca, mar thoradh air na freumhan aca ann an cost’ an iar na h-Alba, tha fèill mhòr orra air feadh an t-saoghail. Còmhla riutha aig a’ chuirm-chiùil bidh dithis sheinneadairean Gàidhlig iomraiteach, Iain MacAoidh is Iseabail NicAsgaill, a tha, coltach ri Skipinnish, air nochdadh aig cuirmean air feadh an t-saoghail. Cuideachd sa phrògram bidh muinntir Cuairt-chèilidh Fèis Rois 2008, le an cuid òrain is puirt.

Àite

Talla Choimhearsnachd, Poll Iùbh
7.30f

tiocaidean 

Diluain 8 An t-Sultain 2008

Aly Bain & Phil Cunningham

Aly Bain & Phil Cunningham | Maeve NicFhionghain

Tha Aly Bain is Phil Cunningham am measg an luchd-chiùil as ainmeile air an t-saoghal a thaobh ceòl traidiseanta. Thar nam bliadhnaichean tha iad air toileachas ana-mhòr a thoirt do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail le an cuid ciùil agus na stòiridhean aca. A bharrachd air na clàraidhean aca a tha air soirbheachadh gu mòr, tha Phil is Aly air leth ainmeil ann an Alba mar dhithis luchd-ciùil a bhios a’ cluich còmhla ri linn nan iomadh turas a nochd iad air telebhisean is rèidio. A’ nochdadh air an àrd-ùrlar air an aon oidhche bidh Maeve NicFhionghain aig a bheil an tiotal an-dràsta “Neach-ciùil ùr gealltanach na Bliadhna”, a fhuair i aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba. Dh’fhoillsich i a’ chiad chlàr aice o chionn ghoirid, “Don’t Sing Love Songs”, a fhuair moladh mòr agus a’ cluich còmhla rithe bidh an neach-giotàir tàlantach, Innes Watson.

Àite

Talla Carnegie, Port Mo Cholmaig
7.30f

tiocaidean

Dimàirt 9 An t-Sultain 2008

Na Bràithrean Dòmhnallach

Aonghas, Ailean & Iain Dòmhnallach | Lewis MacFhionghain | Andrea Pheutanach & Kimberley Fhriseal


Tha Caisteal an Tulaich ann an Inbhir Pheofharain aithnichte a-nis mar àite far an cumar sàr thachartasan pìobaireachd, agus chan eil teagamh nach eil sin fìor a-nochd, leis na triùir phìobairean tàlantach Dr Aonghas, Ailean agus Iain Dòmhnallach a’ cluich. Mar luchd-ciùil fa leth tha iad air leth comasach agus nan luchd-ciùil cliùiteach, agus chan ann tric a tha iad a’ faighinn a’ chothruim cluich còmhla. Na caillibh seo! Còmhla ris na bràithrean bidh an seinneadair Gàidhlig à Ceap Breatainn, Lewis MacFhionghain, agus na fìdhlearan òg à Ceap Breatainn, Andrea Pheutanach agus Kimberley Fhriseal.


Àite

Caisteal an Tulaich, Inbhir Pheofharain
7.30f

tiocaidean

Dimàirt 9 An t-Sultain 2008

An Tòir Air a' Ghrèin le Seumas Ros

Seumas Ros | Mr MacFall’s Chamber | Fraser Fifield

’S e urram mòr a th’ ann dhuinn gur ann aig Fèis Bhlas a chluinnear an obair ùr seo aig an sgrìobhadair chiùil a rugadh ann an Inbhir Ùige, Seumas Ros. Tha seo a’ tighinn às dèidh na h-obrach aige “New Voices” a chaidh a bharantachadh airson Celtic Connections. Dh’fhoillsich e a’ chiad CD aige ann an 2006. San obair ùir seo a chaidh a bharantachadh, cluinnear ceòl ùr a tha a’ riochdachadh cruth-tìre na Gàidhealtachd rè na bliadhna, agus chithear dealbhan-camara barraichte a thog Catrìona Mhoireach. Còmhla ri Seumas bidh ceathrar sàr luchd-ciùil le an ionnstramaidean teudach, Mr McFall’s Chamber, agus an neach-ciùil is sgrìobhadair ciùil tàlantach, air a bheil fèill mhòr, Fraser Fifield.

Tha Comhairle Ealain na h-Alba a' cur taic ris an tachartas seo.


Àite

Talla Choimhearsnachd Coigeach, Achd Ille Bhuidhe
7.30f

tiocaidean

Diardaoin 11 An t-Sultain 2008

An Tòir Air a' Ghrèin le Seumas Ros

Seumas Ros | Mr MacFall’s Chamber | Fraser Fifield

’S e urram mòr a th’ ann dhuinn gur ann aig Fèis Bhlas a chluinnear an obair ùr seo aig an sgrìobhadair chiùil a rugadh ann an Inbhir Ùige, Seumas Ros. Tha seo a’ tighinn às dèidh na h-obrach aige “New Voices” a chaidh a bharantachadh airson Celtic Connections. Dh’fhoillsich e a’ chiad CD aige ann an 2006. San obair ùr seo a chaidh a bharantachadh, cluinnear ceòl ùr a tha a’ riochdachadh cruth-tìre na Gàidhealtachd rè na bliadhna, agus chithear dealbhan-camara barraichte a thog Catrìona Mhoireach. Còmhla ri Seumas bidh ceathrar sàr luchd-ciùil le an ionnstramaidean teudach, Mr McFall’s Chamber, agus an neach-ciùil is sgrìobhadair ciùil tàlantach, air a bheil fèill mhòr, Fraser Fifield. 

Tha Comhairle Ealain na h-Alba a' cur taic ris an tachartas seo.

Àite

Ruigh Solais
7.30f

tiocaidean

Dihaoine 12 An t-Sultain 2008

Ceòlraidh

Fèis Rois agus taghadh luchd-ciùil eile


Tha Fèis Rois air a bhith air ceann adhartachadh ceòl Gàidhlig traidiseanta am measg òigridh na h-àirde Tuath, agus gu dearbh air feadh Alba. Anns a’ chuirm-chiùil shònraichte seo gheibh cuid den luchd-chiùil òga seo cothrom cluich còmhla ri cuid de na gaisgich chiùil aca. Chan eil teagamh ann nach e oidhche air leth a bhios ann, agus a h-uile càil a’ tachairt ann am Pàillean Shrath Pheofhair, a tha dìreach air a leasachadh.


Àite

Srath Pheofhair
7.30f

tiocaidean

Disathairne 13 An t-Sultain 2008

Maighstirean Ciùil

Edey, Power agus Randall | Bruce MacGriogair còmhla ri Anna Massie & Christine Hanson | Cuairt-chèilidh Fèis Rois

’S iad a th’ ann an Edey, Power agus Randall Tim Edey air giotàr is meileòidian, còmhla ris an sàr chluicheadair òrgan-beòil Brendan Power agus Lucy Randall air a’ bhòdhran. Còmhla riutha bidh buidheann shònraichte de luchd-ciùil: Bruce MacGriogair bho Blazin’ Fiddles, Anna Massie, a bha na Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna aig a’ BhBC ann an 2003, agus an cluicheadair-cello Christine Hanson a tha ainmeil air feadh an t-saoghail. Bidh an sgioba bho Chuairt-chèilidh Fèis Rois 2008 cuideachd a’ nochdadh air an àrd-ùrlar le am puirt is òrain bheothail. 

Àite

Talla Choimhearsnachd, Ulapul
7.30f

tiocaidean

© Blas Festival 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.