Prògram Foghlaim
Prògram Foghlaim Blas 2008
Fàilte don chiad prògram de thachartasan foghlaim aig Blas.
B’ iad na prògraman, Co-òrdanaiche Cultarail agus Ceanglaichean nan Ealan aig Comhairle na Gàidhealtachd an co-bhonn ri Fèisean nan Gàidheal agus Blas, a leasaich an clàr foghlaim tarraingeachd seo a chuireas gu mòr ri Fèis Blas.
B’ iad na prògraman, Co-òrdanaiche Cultarail agus Ceanglaichean nan Ealan aig Roinn na Gàidhealtachd, a leasaich na tachartasan seo. Tha iad a’ leudachadh buaidh Blas agus a’ toirt barrachd chothroman do dhaoine, gu h-àraid dhaoine òga, pàirt a ghabhail. Tha cur-seachadan de gach seòrsa ri ‘m fhaighinn eadar ealain na cloinne agus bùthan-obrach ann an dannsa ceum gu consairtean sgoile bho luchd-ciùil Blas agus tachartasan bìdh sa choimhearsnachd. Tha òraidean do sgoilearan san àrd-sgoil bhon Ollamh Mairead Bennett agus bho Ailean Dòmhnallach à Gleann Uig a tha air leth ealanta an dà chuid pìobaireachd agus seinn. Airson feadhainn de sgoilearan bun-sgoile tha seiseanan air geamannan Gàidhlig an raon-cluiche agus bùthan-obrach seinn ann an Gàidhlig do luchd-tòiseachaidh. Thèid tòrr de na tachartasan air adhart tron latha sgoile le sgoiltean sònraichte, ach an feadhainn a tha air an comharrachadh le * anns a’ phrògram - bidh iad seo fosgailte dhan a h-uile duine.
Faodaidh tu am prògram foghlaim air fad fhaighinn mar pdf bhon duilleag seo.








