| FÈIS BLAS A' CUR AIR BHOG CLÀR CULTURACH 2008 'S e fìor àrd-ùrlar a bhios aig co-dhìù aon tachartas aig Fèis Blas na bliadhna sa. Tha an Fhèis Ghàidhlig is chiùil thraidiseanta as luaithe fàs anns an rìoghachd a' cur 45 tachartas air adhart air feadh na Gàidhealtachd ann an 2008, agus am measg nan àitichean sin, bidh plèana Cessna ag itealaich mu 3,000 troigh os cionn na roinne. | |
| Tiocaidean an asgaidh agus Fèis Blas a' falbh air sgèith Tha Blas a' ruith co-fharpais inntinneach anns a bheil dà roinn airson bogadh prògram thachartasan Blas 2008 a chomharrachadh. Airson a' chiad phàirt den cho-fharpais bidh sinn a' toirt seachad 45 PAIDHIR thiocaidean. Tha sin a' ciallachadh gum faic 90 duine co-dhiù aon chuirm-chiùil Blas, saor an asgaidh. | |








