Mu Bhlas | About Blas
|
Chaidh Fèis Bhlas a stèidheachadh le Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-bhuinn ri Fèisean nan Gàidheal agus Lìonraidh Luchd-Adhartachaidh nan Ealain. Thug Comhairle na Gàidhealtachd cùmhnant do dh’Fhèisean nan Gàidheal gus obair còmhla ri PAN agus daoine eile gus an fhèis seo a leasachadh don Ghàidhealtachd. Tha Blas cudromach airson iomadh adhbhar agus tha iad rim faicinn am measg ar bun-amasan:
Tha Fèis Bhlas ag amas air dualchas ceòl traidiseanta agus na Gàidhlig air Gàidhealtachd na h-Alba a chomharrachadh. Nì Blas seo gu ìre le bhith cruthachadh chothroman do luchd-ciùil òga cluich còmhla ri agus ionnsachadh bho phrìomh luchd-ciùil traidiseanta agus luchd-ciùil Gàidhlig Leudaichidh Blas cuideachd na cothroman a th’ aig coimhearsnachdan ceòl beò agus ceòl is seinn Ghàidhlig a chluinntinn a tha cudromach don dualchas aca. Le bhith dèanamh seo, bidh Blas mar sheòl èifeachdach gus ceòl is dualchas a thaisbeanadh do luchd-èisteachd farsaing agus chan e dìreach na daoine aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig. Tàlaidh Blas daoine chun na fèise air sgàth nam freumhan dualchasach fìrinneach air a bheil an fhèis bonntaichte Ann a bhith coileanadh nan amasan seo, tha sinn ag iarraidh gum fàs Blas.’S ann air an adhbhar seo a tha sinn a’ cur fàilte air an taic bho dhaoine fa leth is buidhnean air feadh na Gàidhealtachd agus nas fhaide air falbh agus mar a bhios iad ag obair ann am compàirt leinn, agus a tha ag iarraidh a thighinn còmhla rinn ann a bhith a' coileanadh nan amasan seo.Tha a h-uile coltas ann gum bi an fhèis fiù ’s nas fheàrr na an-uiridh. Tha sinn an dòchas gun tig sibh ann agus gum faigh sibh blas de na cuirmean sònraichte a tha sinn a’ dol a chumail. ’S ann cudromach dha-rìribh a tha Blas do dhualchas na Gàidhealtachd – thigibh còmhla rinn agus cuidich sinn le bhith dèanamh cinnteach gum bi fèis na bliadhna-sa nas motha na bha i riamh! |
The Blas Festival has been devised by The Highland Council in partnership with Fèisean nan Gàidheal and the Promoters Arts Network. The Highland Council has contracted Fèisean nan Gàidheal to work with PAN and others to develop this festival for the Highlands. There are many reasons why Blas is important and they are reflected in our core aims:
|


