Luchd-ciùil
Còmhlan Addie Harper
Tha Addie air a bhith a’ cluiche a’ bhogsa ann an Alba agus air feadh an t-saoghail, air an rèidio agus an telebhisean airson còrr is 30 bliadhna. Tha e air clàran a dhèanamh airson iomadh companaidh agus bidh e a’ cluiche còmhla ri tòrr chòmhlan-ciùil, leithid am fear ainmeil aig Fergie Dòmhnallach.
Cinn-latha
Seomraichean an t-Seanaidh, Inbhir Uige, Dimairt 8 An t-Sultain
Aly Bain agus Phil Cunningham
Dr Phil Cunningham MBE
Ann am beachd mòran tha Phil Cunningham air fear dhe na cluicheadairean as inntinnich agus as ùr-ghnàthaichte an-diugh. Tha e air am bogsa a thoirt o neart gu neart, agus ’s ann air an tàlant aigesan a tha mòran chluicheadairean òga ag amas. Tron obair a rinn e còmhla ri Silly Wizard (1976-1986) bhuannaich e àite dhan bhogsa ann an saoghal ciùil traidiseanta. Cluichidh e ionnstramaidean eile seach am bogsa agus bidh e ag obair ann an film agus telebhisean mar sgrìobhadair ciùil, stiùiriche ciùil agus presenter. Tha iarraidh mòr air mar riochdaire chlàr agus thig aige air a h-uile càil a tha sin a dhèanamh a bharrachd air a bhith air chuairt agus a’ clàradh còmhla ri a charaid Aly Bain.
Dr Aly Bain MBE
’S e sàr-fhìdhlear ann an stoidhle traidiseanta na h-Alba a th’ ann an Aly Bain. Tha an cluiche aige air leth – glan, làn faireachdainn – le fuaim beothail, sònraichte a tha air luchd-leantainn a chosnadh dha air feadh an t-saoghail. Rugadh Aly ann an Lerwick, ann an Sealtainn, ann an 1946 ’s thòisich e air an fhidheall aig aois 11. Nuair a bha e beagan is fichead rinn e air tìr-mòr na h-Alba. Cha b’ fhada gus an robh e air aithneachadh, air feadh na dùthcha, mar chluicheadair air leth ann an ath-bheothachadh ceòl folk. Tha Aly agus Phil air a bhith a’ dèanamh chuairtean gach bliadhna bho 1988 ’s tha 6 clàran aca còmhla. Tha an dithis aca air MBE agus dotaireachd a chosnadh airson na rinn iad do Cheòl Albannach. Ann an 2003 bhuannaich Phil ‘Best Instrumentalist’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba. Ann an 2005 bhuannaich iad ‘Best Duo’ aig Duaisean Folk a’ BhBC agus fhuair Phil ‘Composer of the Year’ aig Duaisean STMA 2007.
Cinn latha
Talla choimhearsnachd, Inbhir Narainn, Diluain 7 An t-Sultain
Seomraichean an t-Seanaidh, Inbhir Uige, Dimàirt 8 An t-Sultain
Ionad Bhàideanach, Ceann a' Ghiusaich, Diciadain 9 An t-Sultain
Anna Mhoireach
Thogadh Anna air a’ Bhac, Eilean Leòdhais, is thòisich i gu math òg ag ionnsachadh seinn sa chànan dùthchais aice, a’ Ghàidhlig. Mun àm a bha i deich bliadhna dh’aois, bha i air teannadh air a’ phìob-mhòir. An dèidh dhi a bhith soirbheachail aig a’ Mhòd gun i fhathast ach òg, agus an dèidh dhi a bhith a’ nochdadh gu tric air an telebhisean ‘s aig cèilidhean air feadh nan eileanan, chlàraich Anna grunnan chlàran air a ceann fhèin. Agus thairis air na bliadhnaichean, tha i air bhith air cuairtean-ciùil thall ‘s a-bhos is fèill mhòr oirre aig daoine eòlach air ceòl. .
Cinn latha
Taigh Cluiche Eden Court, Disathairne 5 An t-Sultain
Barra MacNeils
Tha na Barra MacNeils air aon de na còmhlain Cheilteach as fheàrr a th’ ann air an t-saoghal. Tha iad air grunn dhuaisean a ghleidheadh, tha iad air ochd clàran, DVD leis an ainm Cape Breton Christmas, agus caochladh bhidiothan ciùil fhoillseachadh cuideachd. Tha na Barra MacNeils fhathast a’ cluich aig cuirmean-ciùil a tha loma-làn le luchd-èisteachd ann an Canada, sna Stàitean Aonaichte, sa Charibbean, agus san Rìoghachd Aontaichte.
Cinn latha
Aros, Port Rìgh, Diciadain 9 An t-Sultain
Talla Cuimhneachaidh na Drochaid Ruaidh, Diardaoin 10 An t-Sultain
Talla Carnegie, Clais Mhòr, Dihaoine 11 An t-Sultain
Taigh-cluiche Eden Court, Inbhir Nis, Disathairne 12 An t-Sultain
Blàr Dùghlas
Rugadh agus thogadh Blàr san Eilean Sgitheanach. Air taobh a mhàthar tha ceangal làidir aige ri Uibhist a Tuath, agus rinn cuideachd athar imrich don Eilean Sgitheanach bho na Crìochan o chionn 150 bliadhna. Ghluais an teaghlach aige a Ghlaschu
nuair a bha e 15, ach thill iad don dachaigh aca sa Bhràigh às dèidh grunn bhliadhnaichean a chur seachad sa bhaile mhòr.
Coltach ri iomadach sgrìobhaiche-ciùil Ceilteach, tha ceòl Bhlàir a’ tarraing bho thobar dhomhain an ana-ceartais shòisealta agus phoilitigich, a dh’fhuiling daoine an dà chuid aig an taigh agus thall-thairis. Tha cor nan Gàidheal a’ toirt buaidh ionadail air a’ cheòl agus aig an aon àm tha daoine iomraiteach bhon 20mh linn mar Nelson Mandela, Martin Luther King agus Mìcheal Collins, agus mar a rinn iad strì nan dùthchannan fhèin, a’ toirt taobh eadar-nàiseanta do a chuid chiùil. Ged a bhiodh cuid a dhaoine air fearg, searbhachd agus sgaiteachd a nochdadh nan cuid ciùil, tha an ceòl aig Blàr làn dòchais agus toraidhean gu tur eadar-dhealaichte.
Cinn latha
Cathair-Eaglais, Inbhir Nis, Dihaoine 4 An t-Sultain
Eaglais Chaitligeach an Naomh Moire, An Gearasdan, Disathairne 5 An t-Sultain
Eaglais an Naomh Moire, Port Rìgh, Didòmhniach 6 An t-Sultain
Blazin' Fiddles
Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn fàilte as ùr a chur air a’ chòmhlan mhìorbhaileach Blazin’ Fiddles. Tha gach neach às a’ chòmhlan às a’ Ghaidhealtachd ‘s na h-Eileanan is iad a’ cluich pàirt uabhasach mòr ann am beatha-chiùil na Gàidhlig ‘s na h-Alba. Tha an còmhlan-sa air a bhith a’ toirt fìor thoileachas dha luchd-èisteachd, aig an taigh is thall thairis, airson còrr is 10 bliadhna leis a’ mheasgachadh sradagach aca de phuirt às a’ Ghaidhealtachd ‘s às na h-Eileanan cho math ri puirt à àiteachan eile: measgachadh math a tha an-còmhnaidh air an ceòl a chur air feadh na fìdhle.
Tha na fìdhlearan Catriona Dhòmhnallach (Sealtainn), Bruce MacGriogair (Inbhir Nis), Ailean MacEanraig (Malaig), Iain MacPhàrlain (Gleann Fhionnain) a’ gabhail air an àrd-ùrlar cuide ri Andy Thorburn (Bail’ Eòghainn) air a’ phiàno gus a bhith a’ cruthachadh fear dhe na còmhlain bheò as fheàrr ann an ceòl ceilteach.
Cinn latha
Ionad MhicPhàil, Ullapul, Diciadain 9 An t-Sultain
Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, Diardaoin 10 An t-Sultain
Ionad Neibhis, An Gearasdan, Dihaoine 11 An t-Sultain
Taigh-cluich Eden Court, Inbhir Nis, Disathairne 12 An t-Sultain
Calum MacCruimein
Thoisich Calum a’ pìobaireachd ann an Edmonton, Canada. Ghluais e agus a theaghlach gu Alba ann an 1991 far an do dh’fhas e ainmeil ann a bhith a’ cluich na pìoba aig co-fharpaisean. Ann an 2000, chaidh Calum dhan RSAMD ann an Glaschu, far an do rinn e fìor mhath cha b’e a-mhàin ann an pìobaireachd ach cuideachd ann an fìdeag, giotàr agus a’ sgrìobhadh ciùil.
An dèidh BA (le urram) fhaighinn ann an Ceòl Albannach, tha e a-nis a’ leantainn dreuchd a’ teagaisg ciùil agus a’ cluich le còmhlan-ciùil mar The Unusual Suspects, Na Tri Seudan agus Còmhlan Pìob Òigridh Nàiseanta. An-uiridh, bha e na chrìochaiche anns an co-fharpais BBC Neach-ciùil Òg na Bliadhna aig Celtic Connections. Tha Calum cuideachd air leth sgileil ann an a’ sgrìobhadh ciùil far an robh e soirbheachail ann a bhith a’ cur coimeasan ùr New Voices air dòigh aig Celtic Connections 2007.
Cinn latha
Caisteal Eilean Donan, An Dòrnaidh, Dihaoine 4 An t-Sultain
Caisteal Dhun Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach, Disathairne 5 An t-Sultain
Calum Stiùbhart le Hal agus Nikolaj
À baile-beag, Gaimreach, siorrachd Mhoireibh, ceann an ear-thuath na h-Alba, chaidh Calum Stiùbhart a thogail air ceòl traidiseanta na dhachaigh far an robh buaidh aig dualchas fìdhlearachd is pìobaireachd na h-Alba air a cheòl fhèin. Nise a’ fuireach anns a’ Chaisteal Nuadh, tha ùidh Chaluim ann an ceòl bho fhada a-mach à Moireibh fhèin: is e a’ coimhead seachad air crìochan sgìrean is dhùthchannan gu ruige an t-àtite ud eadar sean is ùr.
Cinn latha
Port Adhair, Inbhir Nis, Diciaidain 9 An t-Sultain
Taigh-cluich a' Mhuilinn, Inbhir Theòrsa, Diardaoin 10 An t-Sultain
Canntaireachd
Fo stiùireadh an t-seinneadair Ghàidhlig Èilidh NicCoinnich, ‘s e buidheann de dheugairean à sgìre Inbhir Nis a th’ ann an Canntaireachd is iad a’ seinn taghadh farsaing de dh’òrain Ghàidhlig is co-sheirm theann, dhrùidhteach aca. Tha fèill mhòr air a bhith aig luchd-èisteachd orra thairis air na beagan bhliadhnaichean on a thòisich iad; is gu dearbha fhèin, bidh oidhche mhìorbhaileach agaibh nan cuideachd-san.
Cinn latha
Taigh Cluiche Eden Court, Inbhir Nis, Diardaoin 10 An t-Sultain
Cèilidhean air Cuairt
Tha na diofar cèilidhean air cuairt a’ tarraing a-staigh luchd-ciùil agus seinneadairean òg bho air feadh na Gàidhealtachd le tàlantan ùra sònraichte don sgìrean aca. Tòrr den luchd-ciùil anns na sgioban Cèilidhean air Cuairt air a bhith a’ dol don Fèisean ionadail airson iomadach bliadhna. A bharrachd air cuairtean as t-samhradh, bidh iad a’ cluich a h-uile bliadhna aig Blas.
Tha sia diofar Cèilidhean air Cuairt a’ gabhail pàirt ann am Blas am bliadhna.
Cinn Latha
Fèisean Lochabair CT, Talla-bhaile Ghleann Uige Dihaoine 4 An t-Sultain, Eaglais Chaitligeach an Naomh Mhoire, An Gearasdan, Disathairne 5 An t-Sultain, Ionad Neibhis, An Gearasdan, Dihaoine 11 An t-Sultain agus Arainn Shuaineirt, Sròn an t-Sìthein, Disathairne 12 An t-Sultain
Fèis an Earraich CT, Caisteal Eilean Donan, Dornaidh, Dihaoine 4 An t-Sultain, Caisteal Dhun Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach, Disathairne 5 An t-Sultain, Eaglais Naoimh Mhoire, Port Rìgh, Didòmhnaich, 6 An t-Sultain agus Talla-bhaile Ghleann Eilg, Disathairne 12 An t-Sultain
Fèis Rois CT, Taigh-staile Glen Ord, Am Blàr Dubh, Dihaoine 4 An t-Sultain, Talla-cuimhneachaidh, Ruigh-shalais, Disathairne 5 An t-Sultain agus Talla-bhaile Loch Carrann, Dihaoine 11 An t-Sultain
Fèis Chataibh CT, Talla-Carnegie, Clais-mhòr, Dihaoine 11 An t-Sultain
Caledonian Canal CT, Cathair-eaglais,Inbhir Nis Dihaoine 4 An t-Sultain agus Taigh-cluiche Eden Court, Inbhir Nis Disathairne 12 An t-Sultain
Cairngorm CT, Taigh-staile Dhail-chuinnidh, Disathairne 5 An t-Sultain
Coisir Ghàidhlig Bhun-sgoil Inbhir Nis
Chaidh a’ chòisir sgoile seo a stèidheachadh ann an 2008 is i air a bhith a’ toirt tlachd dha pàrantan is luchd-èisteachd on uair sin leis na fuinn cheòlmhor aca is an spèis dha òrain Ghàidhlig.
Cinn Latha
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Dimàirt 8 An t-Sultain
Dagger & Neil Gordàn
‘S e cluicheadair mandolain a tha ann an Dagger Gòrdon, fear a tha ri tuathanas air a’ Ghaidhealtahcd faisg air Inbhir Gòrdain. Tha an triùir mhac aige fhèin is a bhean Julie a’ cluich ceòl Albannach is iad uile air a bhith air an àrd-ùrlar aig Blas. Bidh e a’ cluich le mhac as òige, Niall, 16 bliadhna a dh’aois, a bhios a’ cluich na fìdhle ‘s a’ phiàno.
Cinn latha
Talla-bhaile Ghleann Uige, Dihaoine 4 An t-Sultain
Talla choimhearsnachd, Poll Iùbh, Disathairne 5 An t-Sultain
Talla choimhearsnachd, Druim na Drochaid, Diluain 7 An t-Sultain
Talla Carnegie, Port mo Cholmaig, Dimàirt 8 An t-Sultain
Darren MacIllEathain
Tha Darren MacIllEathain (23) am measg cuid de na seinneadairean Gàidhlig òga as fheàrr ann an Alba. ’S ann bho theaghlach sheinneadairean iomraiteach a tha e – bha iar-uncail Calum Ceanadach na shàr-sheinneadair Gàidhlig a bha ainmeil gu h-eadar-nàiseanta – agus thòisich Darren a’ seinn na òige ann an Ròthaig, faisg air Dùn Bheagan san Eilean Sgitheanach.
Cinn latha
Seomraichean an t-Senaidh, Inbhir Uige, Dimàirt 8 An t-Sultain
Aros, Port Rìgh, Diciadain 9 An t-Sultain
Coisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharain
Chaidh a’ chòisir-sa a stèidheachadh ann an 1954. Bhon uair sin, tha i air bhith gu math soirbheachail gu nàiseanta is gu h-eadar-nàiseanta. Gach bliadhna, tha a’ chòsisir a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta is iad air cuid dhe na duaisean as àirde a th’ ann dha còisirean a bhuannachadh, (am measg sin Sgiath Thullach Chàrdainn is Mhic Shimidh). Tha iad cuideachd air a bhith aig Mòd Roinneil Bhancoubhair ann an Canada far na shoirbhich uabhasach fhèin math leotha.
Cinn latha
Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Diardaoin 10 An t-Sultain
Dougie MacIllEathain
Dougie MacLean – ann am beachd mòran dhaoine, ‘s esan prìomh-sheinneadair/òranaiche na h-Alba. Gun teagamh, tha e air fear dhe na seòid chiùil as motha san dùthaich. A rèir cuid ‘s e ‘James Taylor Albannach’ a th’ ann; ‘s dha cuid eile ‘s e th’ ann ach ‘ceòl na cruinne le freumhaichean domhainn Albannach’. Tha MacLean ainmeil airson a chuid òran air leth drùidhteach is làn fhaireachaidhean is a stoidhle àraid is cumhachdach air an fhidheall.
Tha Dougie MacLean air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh mar òranaiche, sgrìobhadair-ciùil is neach-ciùil air leth. ‘S tha e air a cheòl fhèin a thoirt gu cuirmean-ciùil ‘s gu fèisean air feadh an t-saoghail, ‘s nam measg gu àrd-ùrlar Talla Charnegie ann an New York. Tha e air consartan a chluich ann an Alba aig Caisteal Chùl-Sian (cuide ri Lou Reed is Eddie Reader), aig Talla Rìoghail Ghlaschu is an Old Fruit Market, Proms sa Phàirc aig a’ BhBC, Esplanade a’ Chaisteil, Caisteal Shruighlea agus Taigh-cluich Eden Court. Tha an t-uabhas dhaoine air na h-òrain aige a ghabhail dhaibh fhèin, mar Paolo Nuttini, Amy NicDhòmhnaill, Mary Black, Dolores Keane, Deanta, agus Kathy Mattea. Tha an t-òran aige ‘Caledonia’ air a bhith air mullach nan charts is e air fear dhe na h-òrain Albannach as cliùitich a th’ ann san latha an-diugh. Tha a cheòl air a bhith ann am filmichean Hollywood (leithid ‘Last of the Mohicans’), dràma telebhisein (‘A Mug’s Game’ air a’ BhBC), agus tha e air a bhith fon phrosbaig air trì prògraman sònraichte aig a’ BhBC (‘The Land-Songs of Dougie MacLean’, ‘SongRoads’ agus ‘Clann na Mara’).
Cinn latha
Taigh-cluich Eden Court, Inbhir Nis, Diardaoin 10 An t-Sultain
Ionad Neibhis, An Gearasdan, Dihaoine 11 An t-Sultain
Donnchadh agus Iain MacGilleBhràth
Fear a b’ àbhaist a bhith sa chòmhlan Battlefield air a’ phìob-mhòir, air an fheadaig is air a’ ghiotàr, chan ann air aineoil a tha Donnchadh MacIllebhrath air beulaibh luchd-èisteachd na fèise. Tha e a-nise a’ cluich leis a’ chòmlan The Ghillies agus air a cheann fhèin. A thuilleadh air sin tha e na thuathanach ann an Siorrachd Rois an Ear le sianar chloinne is iad uile a’ cluich innealan-ciùil. Na chuideachd air an àrd-ùrlar bidh a mhac as sine Iain a tha a’ cluich nam pìoban, na fìdhle, na feadaig & a’ bhodhrain is e air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus ceòl ann am Beinn nam Faghla agus Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach ged a tha e a-nise na oileanach ann an Duluth, Minnesota.
Cinn latha
Talla-bhaile Ghleann Uige, Dihaoine 4 An t-Sultain
Talla choimhearsnachd, Poll Iùbh, Disathairne 5 An t-Sultain
Talla Phipps, A' Mhannachain, Didòmhnaich 6 An t-Sultain (Donnchadh a-mhàin)
Talla choimhearsnachd, Druim na Drochaid, Diluain 7 An t-Sultain
Talla Carnegie, Port mo Cholmaig, Dimàirt 8 An t-Sultain
Caisteal Fòlais, Am Baile Ùr, Dihaoine 11 An t-Sultain (Donnchadh a-mhàin)
Donnchadh Siosalach
‘S ann à Cnoc Mhoire ann an Siorrachd Rois a tha Donnchadh Siosalach. Dh’ionnsaich e an fhidheall nuair a bha e ochd bliadhna dh’aois bhon chroitear Dòmhnall Riddell is e air a bhith air mullach saoghal na fìdhlearachd ann an Alba fad deich bliadhna a-nise. Tràth na bheatha, bhuannaich Donnchadh bonn aig a’ Mhòd is thairis air na còig bliadhna a dh’fhalbh tha e air cluich le grunnan luchd-ciùil Albannach an dà chuid beò is air clàr. Tha e fhathast a’ cluich le Wolfstone, mar cheòladair fa leth agus cuide ri Ivan Drever.
Cinn latha
Jacobite Cruise, Loch Nis, Dihaoine 11 An t-Sultain
Eilidh NicCoinnich
Tha Eilidh NicCoinnich na seinneadair Ghàidhlig agus sgrìobhadair òrain a chaidh a togadh air Eilean Leòdhas ach tha a-nis a’ fuireach anns an Eilean Dubh, faisg air Inbhir Nis, Alba. Mar òrdanaiche bhuannaich i am bonn òir agus anns na deich bliadhna a chaidh seachad tha i air a bhith a’ seinn còmhla ri a peathraichean, Gillian agus Fiona, anns a’ chòmhlan-chiùil Mackenzie.
Cinn latha
Taigh Phipps, A' Mhanachainn, Didòmhnaich 6 An t-Sultain
Caisteal Fòlais, Am Baile Ùr, Dihaoine 11 An t-Sultain
Eoghann MacDhonnachaidh
‘S ann à Drochaid Charr ann an Srath Spè a tha an seinneadair is an cluicheadair giutàir Eòghann MacDhonnachidh, 24 bliadhna dh’aois. Dh’fhrithealaich Eòghann Ionad Nàiseanta Sàr-Cheòl Dùthchasach na h-Alba ann an 2000 far an robh e ag ionnsachadh na fìdhle ‘s nam pìopan. Bha e aig tùs-gnothaich ann a bhith a’ cur ri chèile a’ chòmhlain-chiùil iomraitich Breabach, is e fhathast a’ cluich cuide riutha. Bho chionn ghoirid b’ e Eòghann a’ chiad sheinneadair/cluicheadair giutàir a bhuannaich Duais Neach-Ciùil Traidiseanta Òg na Bliadhna bho BBC Radio Scotland.
Cinn latha
Taigh-staile Glen Ord, Am Blàr Dubh, Dihaoine 4 An t-Sultain
Taigh-staile, Dail-chuinnidh, Disathairne 5 An t-Sultain
Taigh-staile Ghleann Mòr na Sìth, Baile Dhubhthaich, Didòmhnaich 6 An t-Sultain
Talla-bhaile, Port nan Long, An t-Eilean Sgitheanach, Diluain 7 An t-Sultain
Taigh-staile Bheinn Nibheis, An Gearasdan, Dimàirt 8 An t-Sultain
Fèis a' Bhaile agus Fèis na h-Òige
Thig dhà dhe na buidhnean as fheàrr a thàinig a-mach à Inbhir Nis fo sgèith nam Fèisean còmhla a-nochd. Tha na dhà dhiubh a’ teagasg nan ealan Gàidhlig dha daoine òga aig amannan diofraichte dhen bhliadhna is iad air ìre is inbhe ceòl na sgìre a thogail an-àird am measg luchd-ciùil òg.
Cinn latha
Taigh-cluich Eden Court, Inbhir Nis, Diardaoin 10 An t-Sultain
Fergie Dòmhnallach
Fear a’ bhocsa-chiùil is stiùiriche còmhlain-chèilidh thar chàich airson còrr is 40 bliadhna. Tha Feargaidh air bhàrr saoghal-ciùil nan còmhlan-cèilidh is e air còrr is 23 clàran a thoirt a-mach.
Le bhocsa-ciùil, ‘s ann tric a chithear Feargaidh air prògraman ceòl-dannsaidh air BBC na h-Alba; b’ esan a’ chiad duine a bha a’ craoladh ceòl nan cèilidh. ‘S e fìor laoch-ciùil a tha ann air Gaidhealtachd na h-Alba far a bheil fèill mhòr air fhèin ‘s air a chòmhlan aig cèilidhean nuair a dh’fheumar ceòl dannsa thar chàich. ‘S iad a tha na chòmhlan an-dràsta: Feargaidh Dòmhnallach, Ùisdean MacChaluim, Iain Dòmhnallach, Morbhairn Dhòmhnallach.
Cinn latha
Seomraichean an t-Seanaidh, Inbhir Uige, Dimàirt 8 An t-Sultain
Talla-bhaile, Gleann Eilg, Disathairne 12 An t-Sultain
Fiona NicAsgaill
'S e fidhlear a th' ann an Fiona NicAsgaill às an Eilean Sgitheanach agus tha i anns a bliadhna mu dheireadh aig an RSAMD. A bharrachd air ag obair air a ceòl fhèin, bidh Fiona a' cluich còmhla ri còmhlan Catriona Watt agus thoisich o chionn greis a' cluich còmhla ri 'The Outside Track'.
Cinn latha
Caisteal Eilean Donan, An Dòirnidh, Dihaoine 4 An t-Sultain
Caisteal Dhun Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach, Disathairne 5 An t-Sultain
Gerry agus Dónal O' Connor
Tha Gerry O’Connor air fear dhe na fìdhlearan as fheàrr a tha ann an Èirinn. Tha a stoidhle sònraichte fhèin is a làmh shùbailte air a’ bhogha, cho math ri sàr-ealantas ciùil, air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh dha. Na chuideachd air an fhidheall is air a’ phiàno bidh a mhac Donal O’Connor a tha a’ cumail dùthchas an teaghlaich aige a’ dol is iad a’ sìor thoirt a-mach fhìdhlearan thar chàich.
Cinn latha
Talla-bhaile Ghleann Uige, Dihaoine 4 An t-Sultain
Talla choimhearsnachd, Poll Iùbh, Disathairne 5 An t-Sultain
Talla Phipps, A' Mhanachainn, Didòmhnaich 6 An t-Sultain
Talla choimhearsnachd, Druim na Drochaid, Diluain 7 An t-Sultain
Talla Carnegie, Port mo Cholmaig, Dimàirt 8 An t-Sultain
Gordàn Gunnach
Fear na buill-stèidheachaidh den chòmhlan 'Session A9' agus bidh e cuideachd a' dol air cuairtean leis a' chòmhlan aige fhèin 'The Gordon Gunn Band'. Bidh Gordàn a' teagaisg na fidhle, a' sgriobhadh puirt agus tha e na neach-ciùil seisean. Chaidh na puirt aige an claradh le iomadach neach-ciùil mar Phil Cunningham, Aly Bain, Ingrid NicEanraig agus fidhlear Ameireaganach Rodney Miller dìreach cuid dhiubh.
Cinn latha
Talla Phipps, A' Mhanachainn, Didòmhnaich 6 An t-Sultain
Caisteal Fòlais, Am Baile Ùr, Dihaoine 11 An t-Sultain
Iain MacPhàrlain
Rugadh Iain MacPhàrlain ann an Gleann Fhionnain, baile beag ann an Lochabar. Fhad ‘s a bha e ag ionnsachadh na fìdhle bho athair is bho Dhòmhnall Riddell, bha e cuideachd a’ teannadh air teagasg fhaighinn air a’ phìob-mhòir aig aois 10 bliadhna bhon Mhaidsear Phìobaireachd Eòghann MacRath. On a bha e na dheugaire, tha Iain air a bhith a’ cluich ann an iomadach còmhlan is pròiseact diofraichte, a leithid dràma Gàidhlig, dannsa an latha an-diugh, rèidio agus telebhisean is e aig an aon àm a’ cluich le seòid-chiùil an àite mar Fearchar MacRath, Aonghas Grannd agus Feargaidh Dòmhnallach. Thèid agaibh cuideachd air Iain fhaicinn ‘s e a’ cluich cuide ris a’ chòmhlan-chiùil iomraiteach, shoirbheachail Blazin’ Fiddles.
Cinn latha
Taigh-staile Glen Ord, Am Blàr Dubh, Dihaoine 4 An t-Sultain
Taigh-staile, Dail-chuinnidh, Disathairne 5 An t-Sultain
Taigh-staile Ghleann Mòr na Sìth, Baile Dhubhthaich, Didòmhnaich 6 An t-Sultain
Talla-bhaile, Port nan Long, An t-Eilean Sgitheanach, Diluain 7 An t-Sultain
Taigh-staile Bheinn Nibheis, An Gearasdan, Dimàirt 8 An t-Sultain
Ionad MhicPhàil, Ullapul, Diciadain 9 An t-Sultain (le Blazin Fiddles)
Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, Diardaoin 10 An t-Sultain (le Blazin Fiddles)
Ionad Neibhis, An Gearasdan, Dihaoine 11 An t-Sultain (le Blazin Fiddles)
Taigh-cluich Eden Court, Inbhir Nis, Disathairne 12 An t-Sultain (le Blazin Fiddles)
Ingrid NicEanraig
Neach-ciùil tàlanta air iomadh inneal-ciùil, rugadh agus thogadh Ingrid NicEanraig ann an Lochabar. Ann an 1999 chaidh i an sàs sa chòmhlan-chiùil Ghàidhlig Cliar air a’ chlàrsaich is air a’ phiàno. Bhuannaich i àrd-inbhe bho BBC Radio 2 le Duais an Neach-Chiùil Thraidiseanta Òig ann an 1990. Thug i ceum a-mach ann an Cuspairean Ceilteach bho Oilthigh Ghlaschu is bhon uair sin tha i air cluich air iomadach clàr is i a-nise an ceann stiùidio-clàraidh ann an Gleann Fhionnain.
Cinn latha
Taigh-staile Glen Ord, Am Blàr Dubh, Dihaoine 4 An t-Sultain
Taigh-staile, Dail-chuinnidh, Disathairne 5 An t-Sultain
Taigh-staile Ghleann Mòr na Sìth, Baile Dhubhthaich, Didòmhnaich 6 An t-Sultain
Talla-bhaile Port nan Long, An t-Eilean Sgitheanach, Diluain 7 An t-Sultain
Taigh-staile Bheinn Nibheis, An Gearasdan, Dimàirt 8 An t-Sultain
Arainn Shuaineirt, Sròn an t-Sìthein, Disathairne 12 An t-Sultain
Iseabail NicAsgaill
‘S ann às an Rubha, Eilean Leòdhais, a tha Iseabail. Chaidh a togail air dualchas beartach ceòl is òrain na Gàidhlig thar nan linn. Tha an dòigh-seinn sònraichte aig Iseabail, gun inneal-ciùil na cois anns an t-seann nòs, agus an liuthad uair a tha i air a bhith air an rèidio is an telebhisean, air seasamh a thoirt dhi mar tè dhe na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr ‘s a dh’aithnicheas daoine san latha a tha ann.
Cinn latha
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Dimàirt 8 An t-Sultain
Ionad Bhaideanach, Ceann a' Ghiuthsaich, Diciadain 9 An t-Sultain
Talla Cuimhneachaidh na Drochais Ruaidh, Diardaoin 10 An t-Sultain
Seumas Greumach
Ceumnaiche bhon RSMDA, tha Seumas air a bhith trang air feadh na h-Alba, na Roinn Eòrpa agus nan Stàitean ‘s e a’ toirt mòr-thoileachas dha luchd-èisteachd le dhòighean socair sèimh is an guth-seinn anabarrach fhèin math aige. Tha an taghadh farsaing aige de dh’òrain Ghàidhlig a’ leigeil fhaicinn an tàlant a fhuair Duais an Neach-Chiùil Òig Thraidiseanta ann an 2004.
Cinn latha
Highland Resort, An Agaidh Mhòr, Didòmhnaich 6 An t-Sultain
Ionad Coimhearsnachd, Inbhir Narann, Diluain 7 An t-Sultain
Talla-bhaile, Loch an Inbhir, Dimàirt 8 An t-Sultain
Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Diardaoin 10 An t-Sultain (leis Na Seòid)
Aros, Port Rìgh, Diahoine 11 An t-Sultain (leis Na Seòid)
Talla Astely, Àrasaig, Disathairne 12 An t-Sultain (leis Na Seòid)
Seumas MacCoinnich
Còmhlan a th’ ann de luchd-ciùil traidiseanta, òg, èasgaidh. Bheir iad cruinn beothalachd pìob-mhòr Sheumais, ealantas bocsa-ciùil Raibeirt Nairn agus cumhachd giotàr Mhata Watson. ‘S e ceòl a’ chost an iar aig a bheil buaidh orra, agus còmhla thèid aca air stoidhle air leth a chur an cèill.
Cinn latha
Talla-bhaile Ghleann Eilg, Disathairne 12 An t-Sultain
Karen NicMhathain
Aithnichte gu farsaing mar guth drùidhteach an t-sàr-chòmhlain-chiùil Capercaillie, chaidh urramm an OBE a bhuileachadh air Karen aig àm Liost Urram na Bliadhna Ùire 2006: clach-mhìle mhòr eile ri cur ris an duais a fhuair i mar ‘An Seinneadair Gàidhlig As Fheàrr’ aig Duaisean Ceòl Dùthchasach na h-Alba. Agus ‘s chan e sin ach dà mholadh a fhuaras leathase a-mach à iomadach duais eile on a thòisich i a’ seinn is i na nighinn bhig san talla-bhaile bheag aice air cost an iar na h-Alba.
Mar seinneadair fa leth, tha Karen air gnothach a ghabhail ri iomadh pròiseact de cho-obrachadh ciùil, am measg sin an sreath cliùiteach aig a’ BhBC ‘Seiseanan Thar a’ Chuain Siar’, far na chlàraich i òrain le Emmylou Harris, na Peathraichean McGarrigle, Nanci Griffith, Rufus Wainwright agus grunnan math luchd-ciùil ealanta eile.
Cinn latha
Highland Resort, An Agaidh Mhòr, Didòmhnaich 6 An t-Sultain
Ceana Chaimbeul
Tha cliù aig Ceana Chaimbeul mar sheinneadair, neach-teagaisg agus neach strì cànain. Tha tuigse air leth aice air beairteas dualchas na Gàidhlig agus tha buaidh anabarrach mòr air a bhith aice air seinn Ghàidhlig an latha an-diugh
Bhuannaich i Bonn Òr a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1959, agus chaidh an clàr soirbheachail aice, Guth a Shnìomhas, a thoirt a-mach o chionn 8 bliadhna. Tha a cuid nigheanan, Wilma agus Màiri Anna NicUalraig, ga leantainn ann an saoghal nan Ealan Gàidhlig, agus iad fhèin aithnichte mar sheinneadairean.
Cinn latha
Caisteal Eilean Donan, An Dòirnidh, Dihaoine 4 An t-Sultain
Caisteal Dhun Bheagan, An t-Eilean Sgitheanach, Disathairne 5 An t-Sultain
Fìdhlearan Chill Tighearna
Thoisich Fidhlearan Chill Tighearna mar chlas choimhearsnachd Fèis Rois ann an 1990. Tha a’ bhuidheann òg seo air a bhith a’ cluich gu luchd-èisteachd aig fèisean, cèilidhean agus tachartasan carthannach mar Le Festival de Cornouaille, Brittany, Fèis Fidhlearachd Eadar-nàiseanta ann an Dun Èideann agus Blas. Ann an 2006/2007 bhuannaich iad duais aig an International Eisteddfod, Llangollen, Cuimrigh.
Cinn latha
Caisteal Fòlais, Am Baile Ùr, Dihaoine 11 An t-Sultain
Kirsteen NicDhòmhnaill
Na craoladair dha BBC Alba, tha Kirsteen NicDhòmhnaill air obair a dhèanamh an dà chuid dhan phrògram chloinne ‘Dè a-nis’ agus dha Radio nan Gaidheal is i stèidhichte ann an Glaschu. Bhuannaich Kirsteen Bonn Òir nam Ban aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an 2006. Ann an 2008, bhuannaich i Bonn nam Ban san t-seann nòs aig Mòd na h-Eaglaise Brice.
Cinn latha
Port Adhair Dail Croise, Inbhir Nis, Diciadain 9 An t-Sultain
MacGriogair,Brechin agus O' hEadhra
Tha Bruce MacGriogair, Sandy Brechin is Brian O hEadhra a’ toirt còmhla cuid dhen ealantas-chiùil is dhen t-seinn as fheàrr a tha air a thighinn a-mach à Alba bho chionn ghoirid. Tha gach duine fa leth aca a’ cluich le chòmhlan cliùiteach fhèin: Bruce le Blazin’ Fiddles, Sandy le Bùrach agus Brian le Anam.
Tha an triùir air tarraing gu domhainn air tobar phort is òran sa Gàidhlig agus sa Bheurla Ghallda, cho math ri bhith nan sgrìobhadairean ciùil iad fhèin. A thuilleadh air a bhith nam fìor dheagh cheòladairean, tha fèill aig daoine orra airson na bheir iad seachad beò air an àrd-ùrlar. ‘S e ‘Sonas’ a’ chiad chlàr a thug iad a-mach còmhla ann an 2008 is iad a’ sìor chluich thall ‘s a-bhos. Tha clann Bhruce agus Bhrian le chèile a’ frithealadh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.
Cinn latha
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Dimàirt 8 An t-Sultain
Màiri Anna NicUalraig agus Na Seòid
Ann am prioba na sùla chaidh an sàr-chòmhlan seo a dhearbhadh mar sheinneadairean thar chàich ann an saoghal-ciùil na Gaidhealtachd ‘s na h-Alba san latha a th’ ann. Tha seachd guthan fhear òga, làn doimhneachd, eòlais is ealantais, gan snighe mun cuairt air aona guth boireann is sin uile le taic gu math tuigseach bho chaochladh innealan-ciùil.
‘S ann dha-rìribh cumhachdach a tha an còmhlan-sa le Màiri Anna NicUalraig, Seumas Greumach, Noraidh MacIomhair, Tormod MacArtair, Gillebrìde MacIllemhaoil, Calum Ailig MacMhaolain, Aonghas MacPhàil agus Griogair Labhraidh: a tha h-uile fear (is tè) aca air àrd-dhuaisean ciùil a bhuannachadh dhaibh fhèin. Dèanaibh deiseil ma-tà airson fìor mhaistreadh de ghuthan, de cho-sheirm, de dh’òrain is de cheòl drùidhteach fhad ‘s a bheir Màiri Anna NicUalraig is Na Seòid ceòl Gàidhlig gu h-àiteachan far nach deach e roimhe ach ainneamh.
Cinn Latha
Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Diardaoin 10 An t-Sultain
Aros, Port Rìgh, Diahoine 11 An t-Sultain
Talla Astely, Àrasaig, Disathairne 12 An t-Sultain
Mairead Ford
Thogadh Mairead NicGillfhinnein (Ford) air Eilean Shona ann an Loch Mhùideart, agus ann an Mìogharraidh, baile beag ann an Lochabair an Iar. Bha ceòl timcheall oirre bho aois gu math òg – bha a h-athar na fhìor dheagh phìobaire agus a mhàthair math air seinn. Thoisich i a’ seinn nuair a bha i còig bliadhna a dh’aois agus bhiodh i a’ gabhail òrain aig cèilidhean, aig a’ Mhod ionadail agus nàiseanta - an dà chuid na h-aonar agus ann an coisirean mar Coisir Bunsgoil Mhìogharraidh, Coisir Àrdsgoil Lochabair agus Comunn Gàidhlig Ceòl Glaschu. Bhuannaich i bonn oir na h-Oban Times ann an 1994, bonn oir a’ Mhoid ann an 1995, am bonn traidiseanta ann an 1996 agus co-fharpais seinn traidiseanta eadar-nàiseanta aig an fhèis Pan-Celtic ann an Èirinn ann an 1997. Tha i air òrain a ghabhail aig iomadach cèilidh agus fèis air feadh Alba agus tha i air a bhith a’ siubhail gu àiteachan cho fada air falbh ri Ceap Breatainn agus Alba Nuadh, An Eadailt agus Èireann. Tha i cuideachd air a bhith air iomadach program t.bh agus radio mar ‘Seudain a chuain’, ‘Fàilte’, ‘Aig cridhe ar ciùil’, ‘Togaidh sinn fonn’ agus ‘Brìgh an òrain’. Tha ùidh sònraichte aice ann an òrain na sgìre aice fhèin Lochabair an Iar. Le teaghlach de cheithir nigheanan òga (agus duine foighidneach!) agus obair trang a’ teagaisg clas tro meadhan na Gàidhlig aig Bun Sgoil Ath-Tharracaill, chan eil mòran ùine aig Mairead a bhith a’ seinn anns na làithean seo ach tha e a’ còrdadh rithe nuair a tha ùine aice.
Cinn Latha
Arainn Shuaineirt, Sròn an t-Sìthein, Disathairne 12 An t-Sultain
Coisir Ghàidhlig Mealabhaich
Tha coisir Ghaidhlig Mhealabhaich air tilleadh bho Mod Naiseanta Rioghail 2008 anns an Eaglais Bhric le iomadach duais agus tha iad a’ dèanamh fiughair ri pàirt a ghabhail ann an Blas 2009.
Cinn Latha
Seomraichean an t-Seanaidh, Inbhir Uige, Dimàirt 8 An t-Sultain
Mìcheal Marra
Tha e na thoileachas mòr dha Blas fàilte a chur air fìor ghaisgeach-ciùil na h-Alba. Tha na h-òrain aig Michael Marra nan obair-ealain air an cur ri chèile le snas ‘s iad a’ toirt dhuinn sealladh breithneachail air cor a’ chinne-daonna le smeuradh de dh’àbhachdas gu h-eirmseach fhèin dubh. Tha Michael, a bhuineas dha Dùn Dè, a’ seasamh airson nan daoine cumanta is e air obair mhòr a dhèanamh na cheòladair fa leth cho math ri bhith ag obair le sàr-luchd-ciùil eile à Alba. Mar neach-ciùil, tha an uimhir eòlais aige thar nam bliadhna air comas a thoirt dha an luchd-èisteachd a dhèanamh aig an taigh sa bhad is e a’ leigeil leotha làn an toileachais a ghabhail à ealantas-ciùil is a ghuth drùidhteach fhèin. Tha fìrinneachd is faireachaidhean ùr is ainneamh rim faotainn anns gach rud a nì e.
Cinn Latha
Talla-cuimhneachaidh, Riugh-shalais, Disathairne 5 An t-Sultain
Highland Resort, Agaidh Mhòr, Didòmhnaich 6 An t-Sultain
Còmhlan Pìobaireachd na h-Òigridh Nàiseanta
Tha Còmhlan Pìobaireachd na h-Òigridh Nàiseanta na chòmhlan pìobaireachd neo-fharpaiseil air leth gleusta dha daoine òga ann an Alba eadar 10 is 25 bliadhna dh’aois. Stèidhichte ann an 2002, ‘s iad Còmhlan Pìobaireachd na h-Òigridh a’ chiad is an aon bhuidhinn dhe sheòrsa a tha air an luchd-ciùil òg as tàlanta ann an Alba a thoirt còmhla air ìre nàiseanta.
Cinn latha
Taigh-Cluiche Eden Court, Inbhir Nis, Disathairne 5 An t-Sultain
Còmhlan Pìobaireachd Coimhearsnachd Phoilis a' Chinn a Tuath
Tha Còmhlan Pìobaireachd Coimhearsnachd Phoilis a’ Chinn a Tuath na bhuidhinn shaoir-thoilich de luchd-ciùil air an taghadh an dà chuid à teaghlach na Poilis is muinntir Bhaile Inbhir Nis agus na sgìrean ma thimcheall. Chaidh an Còmhlan a chur air bhonn san Dàmhair 2002 is bhon uair sin tha iad air a bhith a’ cluich ann an caochladh àiteachan mun cuairt air a’ Ghaidhealtachd ‘s na h-Eileanan, is nas fhaide a-mach cuideachd: am measg sin aig Duaisean Coimhearsnachd Albannach na Bliadna ann an Dùn Èideann.
Cinn latha
Taigh-Cluiche Eden Court, Inbhir Nis, Disathairne 5 An t-Sultain
Ross Ainsley agus Jarleth MacEanraig
Thòisich Ross Ainslie (a’ phìob-mhòr, feadagan) agus Jarlath MacEanraig (pìoban uilinn, feadagan) a’ cluich ceòl le chèile aig tùs-gnothaich ann an 2003 aig Fèis Pìobaireachd Uilleim Cheannadaich air an Àrd Mhagha. Bhon àm ud tha iad air neart a chur ri neart gus fuaim pìobaireachd a chruthachadh a tha a’ putadh a-mach na crìochan dhe na ghabhas dèanamh còmhla leis an dà inneal, Albannach is Èireannach.
Cinn Latha
Taigh-Cluiche Eden Court, Inbhir Nis, Disathairne 5 An t-Sultain
Na Bràithrean Dòmhnallach à Gleann Ùige
Dr Aonghas Dòmhnallach
Tha an dotair Aonghas Dòmhnallach air fear den triùir bhràithrean ainmeil à Gleann Ùige ann am Mùideart a tha air cliù a choisinn ann an saoghal na pìobaireachd. Tha Aonghas air a bhith ag obair mar dhotair anns an Eilean Sgitheanach bho 1993, agus ron a sin chuir e seachad 11 bliadhna ag obair ann an Ceap Breatainn, Canada. Mus do dh'fhalbh e a-null thairis bha e an sàs ann a bhith a' cur Fèis Bharraigh air bhonn, iomairt a tha air ceòl agus cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh san eilean.
Nuair a bha e san oilthigh ann an Glaschu bha e na bhall de Chòmhlan-pìoba British Caledonian Airways, agus bha e cuideachd an sàs gu mòr ann a bhith a' pòsadh ceòl na pìoba ri ionnstramaidean eile. Bhiodh e a' nochdadh gu tric anns na làithean sin air an telebhisean 's e a' cluich ann an caochladh de chòmlain-chiùil traidiseanta a bha an uair sin dìreach air faighinn air an casan.
Tha Aonghas fhathast gu math trang a thaobh nan co-fharpaisean, agus e air a' mhòr-chuid de na prìomh cho-fharpaisean a ghlèidheadh, nam measg buinn-òir an Òbain, Inbhir Nis agus Chanada, Claspa Inbhir Nis, Ceòl-mòr an Òbain agus an Seannsair Airgid.
Cinn latha
Taigh-cluiche Eden Court,Inbhir Nis, Disathairne 5 An t-Sultain
Arainn Shuaineirt, Sròn an t-Sìthein, Disathairne 12 An t-Sultain
Ailean Dòmhnallach
Chaidh Ailean Dòmhnallach a thogail sa choimhearsnachd Ghàidhlig iomallach Gleann Ùige, agus thòisich e a’ pìobaireachd nuair a bha e naodh bliadhna a dh’aois, agus ri ùine chaidh e an sàs ann an co-fharpaisean agus e a’ gleidheadh Clasp Inbhir Nis dà thuras. B’ e am Màidsear na Pìoba Iain MacCoinnich bho Cheann Loch Chille Chiarain a bha na thidsear dha an toiseach agus an uair sin dh’ionnsaich Bob Nicol bho Bhealadair agus Rodaidh Dòmhnallach à Uibhist a Deas pìobaireachd dha.
Ge-tà, cha d’thug e fada gus an do dh’fhàs e teagmhach mu stoidhle nan co-fharpaisean pìobaireachd, agus bha e air cheann oidhirpean sna 1970an is 1980an stoidhlichean eadar-dhealaichte agus ceòl nas aotruime a thoirt a-steach. A thaobh a’ chiùil chlasaigeach, an Ceòl Mòr, rinn e rannsachadh air mar a tha nòs pìobaireachd an latha an-diugh eadar-dhealaichte bho phìobaireachd tràth san 18mh linn.
Rinn e seo le bhith toirt pìobaireachd air ais còmhla ris na ruitheaman a gheibhear ann an òrain Ghàidhlig, agus mar sin chuir e na puirt air ais ann an co-theacs an dualchais às an tàinig iad. Chithear an obair seo ann an tràchdas M. Litt., a chrìochnaich e ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1995.
Dh’fhoillsich e cruinneachadh ciùil, The Moidart Collection, agus ann an 1998 dh’fhoillsich e clàr a fhuair moladh mòr, Fhuair mi pòg, còmhla ris a’ bhana-sheinneadair Mairead Stiùbhart. Ann an 2001, dh’fhoillsich iad an dàrna clàr, “Colla mo Rùn”. Cluinnear e cuideachd air an CD Homebound Concert – Live in Germany. ’S e an clàr as ùire aige, Dastirum, CD le leabhran le 69 duilleagan a tha a’ sealltainn na stoidhle sònraichte aig Ailean nuair a tha e ri Pìobaireachd. An cluicheadair as dùbhlanaiche de a ghinealach, tha Ailean a’ spreigeadh gu ath-bheòthachadh an lùib aon de na dualchais as flathaile agus as tiamhaidhe anns an Roinn Eòrpa. “…neach-ciùil air leth, a’ cluich le faireachadh agus sàr chomas. Tha Ailean air barrachd buaidh a thoirt air pìobaireachd na duine eile de a ghinealach.”
Cinn Latha
Taigh-cluiche Eden Court,Inbhir Nis, Disathairne 5 An t-Sultain
Arainn Shuaineirt, Sròn an t-Sìthein, Disathairne 12 An t-Sultain
Iain Dòmhnallach
Rugadh Iain ann an Gleann Ùige, baile beag Gàidhlig, air nach do rug rathad gu 1967. Fhuair e foghlam ann an sgoiltean Ghleann Ùige agus Mhìogharraidh agus an uair sin chaidh e gu Sgoil na Ban-righinn Bhictoria ann an Dùn Bhlàthain far an do dh’ionnsaich am Màidsear na Pìoba Iain MacCoinnich bho Cheann Loch Chille Chiarain a’ phìob dha. Ri ùine fhuair e teagasg air pìobaireachd bho Màidsear na Pìoba Roderick Dòmhnallach à Uibhist a Deas, agus fhuair e leasanan aig Sgoil Phìobaireachd Duncan Johnstone ann an Glaschu.
Bha Iain sa bhuidhinn de dhaoine a stèidhich an Companaidh Theatar Gàidhlig ‘Fir Chlis’ agus bha e ag obair cuideachd aig a’ Chompanaidh Theatar 7.84 agus an Companaidh Theatar Gàidhlig Tosg. Bha e a’ cluich agus air chuairt còmhla ris a’ chòmhlan thraidiseanta Ossian, fad naodh bliadhna, agus bha e a’ cluich ann an Wolfstone nuair a thòisich iad. An uair sin chaidh don Bhattlefield Band agus bha e a’ cluich còmhla riuthasan suas gu 1996.
Tha Iain air ceòl a chlàradh le tòrr luchd-ciùil cliùiteach an latha an-diugh agus tha e air grunn chlàran, mar as àbhaist le ceòl Gàidhlig traidiseanta, a riochdachadh do luchd-ciùil, nam measg: Anna Mhàrtainn, Dàimh, Dòchas, Julie Fowlis, Rona Lightfoot, Màiri Nic a’ Ghobhainn, Blazin’ Fiddles, Kathleen NicAonghais, Eairdsidh MacAlastair, Griogair Lawrie agus Mairead Stiùbhart.
Tha e air teagasg aig Ionadan Foghlaim mar Sgoil-chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc, Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach, Oilthigh Luimneach ann an Èirinn, RSAMD ann an Glaschu, Colaiste Bheinn a’ Bhaoghla ann an Uibhist.
Tha Iain an-dràsta na Stiùiriche Ealain air ‘Ceòlas’, fèis nan ealain Gàidhlig ann an Uibhist a Deas, agus tha e cuideachd gu math trang a’ cluich fhathast.
Cinn Latha
Taigh-cluiche Eden Court,Inbhir Nis, Disathairne 5 An t-Sultain
Arainn Shuaineirt, Sròn an t-Sìthein, Disathairne 12 An t-Sultain
Roya NicIllEathain
Le tòrr dhuaisean air a’ bhocsa-chiùil, ‘s ann às a’ Bhlàr Dhubh, Siorrachd Rois, a tha Roya NicIlleathain is iomradh ga thoirt air an stoidhle aice mar rud làn neart, co-fhaireachainn is loinn. Bha i na h-oileanach aig Fèis Rois agus Sgoil Chiùil na Gaidhealtachd air a’ Phloc is i a-nise ag ionnsachadh Gàidhlig is Ceòl aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. Ged a tha i fhathast san oilthigh, tha Roya dìreach an dèidh an dàrna clàr aice a thoirt a-mach. Gabhaidh i air an àrd-ùrlar cuide ri Coralea NicAoidh air an fhidheall agus Heather Fhriseal air na drumaichean.
Cinn Latha
Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Diardaoin 10 An t-Sultain
Seonaidh agus Calum Ailig Mac a' Mhaolain
‘S ann mar sàr-sheinneadairean na Gàidhlig a choimheadar air Seonaidh is Calum Ailig MacMhaolain, athair is mac à Eilean Leòdhais. Bha Seonaidh na phrìomh-sheinneadair sa chòmhlan shoirbheachail The Lochies agus tha Calum Ailig a-nise a’ seinn leis a’ chòmhlan ùr-nòsach Ghaidhealach Dàimh. Mar chàraid, tha iad air cluich aig grunnan chèilidhean air feadh Leòdhais, is bho chionn ghoirid choisinn iad deagh cliù airson na rinn iad aig Fèis nan Dathan Ceilteach 2008.
Cinn latha
Talla-bhaile Ghleann Uige, Dihaoine 4 An t-Sultain
Talla choimhearsnachd, Poll Iùbh, Disathairne 5 An t-Sultain
Talla choimhearsnachd, Druim na Drochaid, Diluain 7 An t-Sultain
Talla Carnegie, Port mo Cholmaig, Dimàirt 8 An t-Sultain
Acadamaidh Inbhir Pheofharain, Diardaoin 10 An t-Sultain (Calum Ailig leis Na Seòid)
The Cherry and the Cream
San Ògmhios 2006, thàinig Aonghas MacNeacail às a’ Chill Mhòir agus Coll Dòmhnallach à Peighinn a’ Chorrain còmhla agus rugadh The Cherry on the Cream. Measgachadh làidir is abaich dhen phìob-mhòir is dhen fhidheall air am maistreadh le chèile, bheir an dithis Sgitheanach òga a tha seo ùrachadh dhuibh is sibh air bhioran le fiamh-ghàire air ur n-aodann! ‘S ann a-mach às a’ chroit a tha an ceòl-sa is gun teagamh sam bith bhon Chost an Iar.
Cinn latha
Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach, Diardaoin 10 An t-Sultain
Talla-bhaile Loch Carrann, Dihaoine 11 An t-Sultain
The Long Notes
’S e an t-iomradh a thug an lèirmheas làn còig rionnagan aig an Scotsman orra ach ‘rudeigin gu fìrinneach air leth’. Tha na Long Notes a’ toirt ri chèile ealantas samhlachail Colette O’Learry air a’ bhocsa-chiùil, Jamie Smith air an fhìdheall agus Brian Kelly air a’ bhaindeo ’s air a’ mhandolain. Tha gach duine às an triùir aca sònraichte fhèin eòlach air cuairtean-ciùil is iad air a thighinn cruinn mar chòmhlan a-mach à seiseanan ciùil beothail ceann a tuath Lunnainn. Tha ealantas drùidhteach a’ chòmhlain-sa nas motha na suim a phàirtean fhèin is iad a’ cur gleus is cumadh smaoineachail air ceòl sean is ùr à Alba, Èirinn, an Fhraing agus Galicia.
Cinn latha
Talla-cuimhneachaidh, Riugh-shalais, Disathairne 5 An t-Sultain
The MacCollective
On a bhuannaich i an sàr-dhuais aig BBC Rèidio 2, ‘Duais Ciùil Dhùthchasaich Òig’ ann an 2005, tha Lauren NicCholla air a dhol bho neart gu neart is i an ceann ‘The MacCollective’ cuide ri Barry Reid (Croft No. 5) agus Mhairi Hall. Le stiùireadh na fìdhle, cho math ri measgachadh làidir dhen phiàno is dhen ghiotàr, bheir iad air cuairt-chiùil sibh, bho righle gu srath-spè gu puirt dhrùidhteach Ghaidhealach. Ann an 2008 chaidh an inbhe ‘Classic Album’ fo sgèith na fèise ‘Ceanglaichean Ceilteach’ a thoirt dhan chiad chlàr aca is iad a-nise a’ toirt tarraing air puirt sean is ùr às a’ Ghaidhealtachd.
Cinn latha
Aros, Port Rìgh, Dihaoine 11 An t-Sultain
Talla-Astley, Àrasaig, Disathairne 12 An t-Sultain
The Occassionals
Nuair a thòisich an còmhlan-sa a’ cluich ann an 1986 b’ ann ainneamh sin: suidheachadh às an tàinig an t-ainm aca. Bhon uair sin tha iad air cluich gu math tric: Freeland Barbour (am bocsa-ciùil), Ian Hardie (an fhidheall), Kevin MacLeòid (baindeo, mandolain), agus Gus Millar (drumaichean). Tha iad air sia clàr a thoirt a-mach is fèill mhòr orra ann an saoghal dannsa-cèilidh.
Cinn latha
Taigh Cluiche Eden Court, Inbhir Nis, Disathairne 5 An t-Sultain
Tread
Cuiribh eòlas air beothalachd is ealantas a’ chòmhlain aighearaich ùir seo air a thoirt dhuibh le còignear dhaoine òga is iad a’ toirt còmhla nan dualchas beartach de cheòl is de dhannsa à Èirinn, Alba agus Canada. Fàgaidh ealantas a’ chiùil ‘s an dannsaidh aig ‘Tread’ an luchd-èisteachd air an dòigh glan lem beothalachd is an cumhachd. Tha Triona Marshall (a’ chlàrsach) agus Jon Pilatzke (an fhidheall) a’ gabhail ùine bheag dheth bho bhith a’ cluich leis na seòid-chiùil ud The Cheiftains. Cuide riutha, bidh dithis eile a tha air a bhith a’ cluich leis na Chieftains fad ùine: Nathan Pilatzke (dannsa-ceum Chanada) agus Cara Butler (dannsa-ceum na h-Èireann). ‘S e steapaichean do-chreidsinnseach sgiobalta an dithis ud a bheir an luchd-èisteachd air an casan. Nan cois, bidh guth binn is giotàr Jef McLarnon: oidhche a mhaireas nur cuimhne.
Cinn latha
Talla-bhaile Loch an Inbhir, Dimàirt 8 An t-Sultain
Port-adhair Dail Croise, Inbhir Nis, Diciadain 9 An t-Sultain
Taigh-cluich a' Mhuillinn, Inbhir Theòrsa, Diardaoin 10 An t-Sultain
Talla-bhaile, Loch Carrann, Dihaoine 11 An t-Sultain
Taigh Cluiche Eden Court, Inbhir Nis, Disathairne 12 An t-Sultain












