Loch Abar
Dihaoine 5 An t-Sultain 2008
Teudan is eile
Còmhlan Jenna Reid | JP & Hilda Cormier | Cuairt-chèilidh Fhèisean Loch Abar
A-nochd tha cuirm-chiùil againn le aon de na fìdhlearan as fheàrr ann an Alba, còmhla ri neach-giotàr aig a bheil cliù eadar-nàiseanta. Dh’fhoillsich Jenna Reid a’ chiad CD aice fhèin “With Silver and All” ann an 2005, clàr a chaidh a mholadh gu mòr, agus tha i na ball den chòmhlan sàr thàlantach Dòchas. Bidh i air an àrd-ùrlar air ceann a còmhlain fhèin còmhla ri aon de na sgrìobhadairean òrain is seinneadairean as fheàrr ann an Canada, JP Cormier fear nach fhaicear ach glè ainneamh ann an Alba.
“Bhithinn-sa gu math moiteil nochdadh air an àrd-ùrlar còmhla ris uair sam bith, ann an àite sam bith.” Waylon Jennings
Cuideachd sa phrògram bidh luchd-ciùil tàlantach bho Chuairt-chèilidh Fhèisean Loch Abar.
Àite
Sròn an t-Sìthein
7.30f
tiocaidean
Disathairne 6 An t-Sultain 2008
Taigh Cèilidh
Mackenzie | Gary Innes & Eòghann Robasdan | Cuairt-chèilidh Fhèisean Loch Abar
Tha MacKenzie, an còmhlan seinn le triùir pheathraichean, Eilidh, Gillian is Fiona, bho Ghriais ann an Leòdhas sna h-Eileanan a-muigh, mar thoradh air iomadh bliadhna de dh’eòlas air saoghal seinn is ciùil – gu sònraichte seinn is ceòl Gàidhlig. ’S e cluicheadair bogsa mìorbhaileach a th’ ann an Garry Innes bho Dhrochaid an Aonachain agus bu chòir a’ chiad CD aige “How’s the Craic” a bhith am measg nan clàran agaibh. A’ nochdadh còmhla ris air an àrd-ùrlar bidh Eòghann Robasdan, Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna aig a’ BhBC, a tha air leth tàlantach gu seinn agus a’ toirt taic le ionnstramaid. Cuideachd air an oidhche, bidh an sgioba bho Chuairt-chèilidh Fhèisean Loch Abar 2008 a’ cur ris a’ chuirm-chiùil le an cuid òrain is puirt bheothail.
Àite
Talla Choimhearsnachd, Gleann Garadh
7.30f
tiocaidean
Disathairne 6 An t-Sultain 2008
Na Balaich Bhatarsaigh
Tha na balaich an seo à Bhatarsaigh sna h-Eileanan Siar air cliù gaisgeil a chosnadh nan latha fhèin. Rinn iad ainm dhaibh fhèin nuair a dhràibh iad bus-cèilidh chun na cuairt-deireannaich de chupa UEFA san Spàinn, agus bhon uair sin tha iad air grunn chuirmean-ciùil a chumail far nach robh tiocaid air fhàgail air feadh na dùthcha, agus an-uiridh bha iad a’ cluich còmhla ri Runrig aig a’ chonsairt Beat the Drum. Bu chòir don a h-uile duine an còmhlan seo fhaicinn beò. Nach ann aca a tha an craic!
Àite
Talla Choimhearsnachd, Baile a’ Chaolais
8f
tiocaidean
Dimàirt 9 An t-Sultain 2008
Julie Fowlis & Muireann Nic Amhlaoibh
Julie Fowlis & Muireann Nic Amhlaoibh | Chrissy Crowley & Jason Roach | Fèis Loch Abar
’S ann à Uibhist a Tuath a tha Julie Fowlis o thùs agus a bharrachd air a bhith na bana-sheinneadair Ghàidhlig, tha i air leth tàlantach air grunn ionnstramaidean. Ann an 2007 ghlèidh i Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna agus Clàr na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba, agus am-bliadhna fhuair i Seinneadair Mith-òrain na Bliadhna aig BBC Rèidio 2. Bidh i a’ cluich agus a’ seinn còmhla ris a’ bhana-sheinneadair Èireannach Muireann Nic Amhlaoibh, a tha sa chòmhlan Danú. A thuilleadh air duaisean a fhuair i leis a’ chòmhlan, fhuair Muireann “an seinneadair as fheàrr” aig na duaisean liveireland.com ann an 2005. Air an àrd-ùrlar còmhla riutha a-nochd bidh Chrissy Crowley (fìdheall) agus Jason Roach (piàno), dithis luchd-ciùil gu math comasach à Ceap Breatainn. Cuideachd sa phrògram bidh buidheann bhon fhèis ionadail Fèis Loch Abar.
Le taic bho Cholmcille
Àite
Limetree, An Gearasdan
7.30f
tiocaidean
Diciadain 10 An t-Sultain 2008
Cuirm-chiùil le Dàimh
Dàimh | Andrea Pheutanach & Kimberley Fhriseal
’S e còmhlan luchd-ciùil mìorbhaileach bho air feadh an t-saoghail a th’ ann an Dàimh: à Èirinn, Canada, na Stàitean Aonaichte agus gu dearbh Alba. Ge-tà, tha iad uile a-nis a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd, agus tha an taghadh de phuirt shradagach aca agus na h-òrain Ghàidhlig bhrèagha bho Chalum Ailig Mac a’ Mhaoilein, a bhuannaich dà bhonn òir aig a’ Mhòd, a’ ciallachadh gur iad aon de na còmhlain bheò as fheàrr a th’ ann an-dràsta. A’ cluich còmhla riutha a-nochd bidh na fìdhlearan òg tàlantach bho Cheap Breatainn, Andrea Pheutanach agus Kimberley Fhriseal.
Àite
Talla Astley, Àrasaig
7.30f
tiocaidean
Diardaoin 11 An t-Sultain 2008
Cherish the Ladies agus an Caraidean
Cherish the Ladies | Rachel Walker | Gary Innes & Eòghann Robasdan
Tha Blas air leth toilichte gum bi an còmhlan traidiseanta Èireannach seo, a tha stèidhichte sna Stàitean Aonaichte, a’ cluich a-nochd. Thar nam bliadhnaichean a dh’fhalbh, tha an còmhlan air a bhith siubhal air feadh Ameireagaidh a Tuath agus a Deas, na Rìoghachd Aonaichte, na Roinn Eòrpa, Astràilia agus New Zealand, agus iad a’ cluich ann an cuid de na tallachan consairt as fheàrr a th’ ann agus aig fèisean eadar-nàiseanta. Cuideachd air an oidhche, bidh a’ bhana-sheinneadair Ghàidhlig bharraichte Rachel Walker a’ seinn, a fhuair moladh mòr airson a dà chlàr a dh’fhoillsich i, “Bràigh Loch Iall” agus “Fon Reul Sholas”. Cuideachd a’ cluich sa phrògram, bidh an cluicheadair bogsa ionadail Gary Innes, agus Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna aig a’ BhBC, Eòghann Robasdan.
Àite
Memorial Hall, Drochaid Ruaidh
7.30f
tiocaidean
Diahoine 12 An t-Sultain 2008
The Finlay MacDonald Band
The Finlay MacDonald Band | Cuairt-chèilidh Fhèisean Loch Abar
Tha measgachadh teann de jazz agus funk a’ tighinn còmhla ri puirt chumhachdach ùr agus thraidiseanta, air an fhìdheall agus air a’ phìob, agus e uile air a chluich leis an Finlay MacDonald Band. ’S iad a th’ air a bhith sa chòmhlan fad na trì bliadhna a dh’fhalbh, Chris Stout (Fìdheall), Caomhan MacCoinnich (giotàr), John Speirs (Bass) agus Fearghas MacCoinnich (drumaichean). Tha an Finlay MacDonald Band air a bhith dèanamh ainm dhaibh fhèin o chionn ghoirid mar aon de na còmhlain ‘beò’ as fheàrr à Alba, agus tha daoine gan iarraidh air feadh na Roinn Eòrpa airson fèisean, consairtean fa leth, agus cuairtean le sreath chonsairtean. Cuideachd air an àrd-ùrlar, bidh an sgioba mìorbhaileach bho Chuairt-chèilidh Fhèisean Loch Abar 2008.
Àite
Talla Gleann Ùige
7.30f
tiocaidean
Disathairne 13 An t-Sultain 2008
Cèilidh Teaghlaich
The Finlay MacDonald Band | Còisir Òg Loch Abar | Cuairt-chèilidh Fhèisean Loch Abar
Tha measgachadh teann de jazz agus funk a’ tighinn còmhla ri puirt chumhachdach ùr agus thraidiseanta, air an fhìdhill agus air a’ phìob, agus e uile air a chluich leis an Finlay MacDonald Band. ’S iad a th’ air a bhith sa chòmhlan fad na trì bliadhna a dh’fhalbh, Chris Stout (Fìdheall), Caomhan MacCoinnich (giotàr), John Speirs (Bass) agus Fearghas MacCoinnich (drumaichean). Cuideachd aig a’ chèilidh theaghlaich seo, cluinnear na guthan binn aig Còisir Òg Loch Abar agus airson an turas mu dheireadh aig Blas na bliadhna-sa, cluinnear daoine bho Chuairt-chèilidh Fhèisean Loch Abar.
Àite
Limetree An Ealdhain, An Gearastan
3f








