Loch Abar
Dihaoine 4 An t-Sultain 2009
Talla-Bhaile Ghleann Uige, Gleann Uige
Cod-puist na talla: PH38 4NG
7.30f
Ceanglaichean Teaghlaich
‘S ann tric bho ghlùin gu glùin sìos tro na ginealaichean a tha ar dualchas-ciùil beartach air a thoirt seachad. Tha sinn air cuid dhe na h-eisimpleirean as samlachail dhen t-seòladh-chiùil a tha seo a thoirt cruinn còmhla gus cluich dhuibh sa chonsart Ceanglaichean Teaghlaich.
Cluinnidh sibh sa chuirm-chiùil seo ceòl smaoineachail is am measg sin fìdhlearachd, pìobaireachd, seinn na Gàidhlig is an còrr bho theaghlaichean à Gaidhealtachd agus à eileanan na h-Alba. Cuideachd, bu mhath leinn fàilte a chur air athair ‘s a mhac, Gerry & Donal O’Connor, à Èirinn.
Bidh na consartan faisg làn fhaireachaidhean a tha seo a’ leigeil fhaicinn nach e a-mhàin ar ceòl ‘s ar n-òrain a tha beò is fallain, ach cuideachd gur ann ann an làmhan treun, sàbhailte ‘s a tha iad airson nam bliadhnaichean mòra a tha ri thighinn.
Donnchadh & Iain MacIllebhrath
Fear a b’ àbhaist a bhith sa chòmhlan Battlefield air a’ phìob-mhòir, air an fheadaig is air a’ ghiotàr, chan ann air aineoil a tha Donnchadh MacIllebhrath air beulaibh luchd-èisteachd na fèise. Tha e a-nise a’ cluich leis a’ chòmlan The Ghillies agus air a cheann fhèin. A thuilleadh air sin tha e na thuathanach ann an Siorrachd Rois an Ear le sianar chloinne is iad uile a’ cluich innealan-ciùil. Na chuideachd air an àrd-ùrlar bidh a mhac as sine Iain a tha a’ cluich nam pìoban, na fìdhle, na feadaig & a’ bhodhrain is e air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus ceòl ann am Beinn nam Faghla agus Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach ged a tha e a-nise na oileanach ann an Duluth, Minnesota.
Gerry & Donal O’Connor
Tha Gerry O’Connor air fear dhe na fìdhlearan as fheàrr a tha ann an Èirinn. Tha a stoidhle sònraichte fhèin is a làmh shùbailte air a’ bhogha, cho math ri sàr-ealantas ciùil, air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh dha. Na chuideachd air an fhidheall is air a’ phiàno bidh a mhac Donal O’Connor a tha a’ cumail dùthchas an teaghlaich aige a’ dol is iad a’ sìor thoirt a-mach fhìdhlearan thar chàich.
Seonaidh & Calum Ailig MacMhaolain
‘S ann mar sàr-sheinneadairean na Gàidhlig a choimheadar air Seonaidh is Calum Ailig MacMhaolain, athair is mac à Eilean Leòdhais. Bha Seonaidh na phrìomh-sheinneadair sa chòmhlan shoirbheachail The Lochies agus tha Calum Ailig a-nise a’ seinn leis a’ chòmhlan ùr-nòsach Ghaidhealach Dàimh. Mar chàraid, tha iad air cluich aig grunnan chèilidhean air feadh Leòdhais, is bho chionn ghoirid choisinn iad deagh cliù airson na rinn iad aig Fèis nan Dathan Ceilteach 2008.
Dagger & Niall Gòrdon
‘S e cluicheadair mandolain a tha ann an Dagger Gòrdon, fear a tha ri tuathanas air a’ Ghaidhealtahcd faisg air Inbhir Gòrdain. Tha an triùir mhac aige fhèin is a bhean Julie a’ cluich ceòl Albannach is iad uile air a bhith air an àrd-ùrlar aig Blas. Bidh e a’ cluich le mhac as òige, Niall, 16 bliadhna a dh’aois, a bhios a’ cluich na fìdhle ‘s a’ phiàno.
Bidh an còmhlan tàlanta Cuairt Chèilidh Fèis Loch Abar, le cuid dhen luchd-chiùil òg às fheàrr às an àite a tha a’ tighinn am bàrr, a’ cur air bhog a’ chonsairt seo.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
tiocaidean Làrach-lìn na talla
Disathairne 5 An t-Sultain 2009
Eaglais Chaitligeach an Naoimh Moire, An Gearasdan
Cod-puist na talla: PH33 6BT
5.30f
An Aifreann Ghàidhlig le Blàr Dùghlas
Bho chionn fhada an t-saoghail tha mac an duine air a bhith a’ sireadh neart agus dòchas tro orthachan, beannachdan, ùrnaigh agus seanfhaclan le bhith moladh dìomhaireachd do-mhìnichte na cruinne-cè. Tha comharrachadh Suipear an Tighearna “aig cridhe na Coimhearsnachd Crìosdail” agus aig cridhe a’ chreideimh agus a’ bheatha Chrìosdail. Tha e air buaidh shònraichte a thoirt air mar a leasaicheadh ceòl tro na linntean.
’S e rudan gu math cumhachdail agus brèagha a th’ ann an ceòl is seinn – na h-ealain. Tha greadhnachas agus neart fhaireachdainnean gar cuairteachadh tro na h-ealain seo.
Chan e dìreach ceòl labhairteach a th’ anns an Aifrinn: tha adhbhar air cùl a’ chiùil labhairteach seo. Mar phàirt de sheirbheis naoimh, ’s e an t-slat-tomhais a chleachdar gus breithneachadh air ceòl Aifreann sam bith, mar a tha e a’ dèanamh dlùth-cheangal agus ceangal gnìomhach ris an ìobairt naoimh. Mar shearbhantan an adhraidh, tha ceòl is seinn comasach air dàimh daingeann a dhèanamh eadar an t-anam agus an Tighearna, ag adhbharachadh agus a’ cur an cèill fhaireachdainnean co-cheangailte ri moladh, guidhe, rèite, taingealachd, aoibhneas a thuilleadh air bròn, gaol, earbsa agus sìth.
An Aifreann Ghàidhlig – pròiseact anns an robh ùidh mhòr aig Blàr Dùghlas o chionn beagan bhliadhnaichean, ach cha b’ ann gus o chionn ghoirid a bha e a’ faireachdainn gun robh e deiseil, gu spioradail agus a thaobh a chuid chiùil, a ghabhail os làimh.
Tha an Aifreann aige freumhaichte gu daingeann ann an dualchas nan Ceilteach ach tha i cuideachd a’ rannsachadh agus a’ leasachadh dhiofar raointean ciùil. San Aifrinn cluinnear ionnstramaidean traidiseanta mar a’ chlàrsach, an fhìdheall, an duiseal, agus a’ phìob mhòr a thuilleadh air taic bho orcastra, òrgan agus meur-chlàr. Le bhith a’ cur an dà stoidhle ciùil còmhla, thèid obair chiùil gun samhla a chruthachadh gun a bhith a’ dèanamh cron air naomhachd na h-Aifrinn. ’S e a bhios san Aifrinn Ghàidhlig, co-nasgadh de stoidhlichean traidiseanta agus clasaigeach.
Fosglaidh na h-oidhche le ceòl bho Chuairt-cheilidh Fèis Loch Abar.
Cha bhi tiocaidean rim faighinn airson an tachartais seo, ach gheibh na ciad daoine a thig ann air an latha a-steach le bhith a’ toirt dhuinn tabhartas-airgid. Faodar tiocaidean a chuir gu aon taobh air làrach-lìn
The Booth
Dimàirt 8mh An t-Sultain 2009
Taigh-staile Bheinn Nibheis, An Gearasdan
Cod-puist na talla: PH33 6TJ
7.30f
Uisge-beatha
Gàirdeachas a’ Ghaidheil air an Uisge-Bheatha
Riochdaire: Iain MacPhàrlain
Fàilte oirbh dha saoghal an uisge-bheatha! Mar phàirt dhe Blas a bhith a’ comharrachadh Bliadhna an Tillidh Albannaich, tha an ceòladair ainmeil Iain MacPhàrlain, à Gleann Fhionnain, air rud iongantach a chur ri chèile a tha na mheasgachadh de cheòl, òrain, dealbhan is ar deoch nàiseanta.
Gus faireachadh nas sònraichte buileach a thoirt air an rud, bidh na consartan seo a’ gabhail àite ann an cuid dhe na taighean-staile as ainmeile agus as samhlachail air a’ Ghaidhealtachd. Chan e a-mhàin gu bheil Iain air ceòl is òrain a bhuineas dhan uisge-bheatha is iomadh buaidh na dibhe a thaghadh airson an rud, ach cuideachd bheir e seachad a thuigse phearsanta fhèin air a’ ghnothach: uisge-beatha no uisge na beatha.
Rugadh Iain MacPhàrlain ann an Gleann Fhionnain, baile beag ann an Lochabar. Fhad ‘s a bha e ag ionnsachadh na fìdhle bho athair is bho Dhòmhnall Riddell, bha e cuideachd a’ teannadh air teagasg fhaighinn air a’ phìob-mhòir aig aois 10 bliadhna bhon Mhaidsear Phìobaireachd Eòghann MacRath. On a bha e na dheugaire, tha Iain air a bhith a’ cluich ann an iomadach còmhlan is pròiseact diofraichte, a leithid dràma Gàidhlig, dannsa an latha an-diugh, rèidio agus telebhisean is e aig an aon àm a’ cluich le seòid-chiùil an àite mar Fearchar MacRath, Aonghas Grannd agus Feargaidh Dòmhnallach. Thèid agaibh cuideachd air Iain fhaicinn ‘s e a’ cluich cuide ris a’ chòmhlan-chiùil iomraiteach, shoirbheachail Blazin’ Fiddles.
Cho math ri Iain fhèin, bidh na seinneadairean/luchd-ciùil ealanta Ingrid NicEanraig is Eòghann MacDhonnchaidh a’ gabhail air an àrd-ùrlar còmhla ris: dealbhan is fuaim le Ailean MacFhionghain.
Neach-ciùil tàlanta air iomadh inneal-ciùil, rugadh agus thogadh Ingrid NicEanraig ann an Lochabar. Ann an 1999 chaidh i an sàs sa chòmhlan-chiùil Ghàidhlig Cliar air a’ chlàrsaich is air a’ phiàno. Bhuannaich i àrd-inbhe bho BBC Radio 2 le Duais an Neach-Chiùil Thraidiseanta Òig ann an 1990. Thug i ceum a-mach ann an Cuspairean Ceilteach bho Oilthigh Ghlaschu is bhon uair sin tha i air cluich air iomadach clàr is i a-nise an ceann stiùidio-clàraidh ann an Gleann Fhionnain.
‘S ann à Drochaid Charr ann an Srath Spè a tha an seinneadair is an cluicheadair giutàir Eòghann MacDhonnachidh, 24 bliadhna dh’aois. Dh’fhrithealaich Eòghann Ionad Nàiseanta Sàr-Cheòl Dùthchasach na h-Alba ann an 2000 far an robh e ag ionnsachadh na fìdhle ‘s nam pìopan. Bha e aig tùs-gnothaich ann a bhith a’ cur ri chèile a’ chòmhlain-chiùil iomraitich Breabach, is e fhathast a’ cluich cuide riutha. Bho chionn ghoirid b’ e Eòghann a’ chiad sheinneadair/cluicheadair giutàir a bhuannaich Duais Neach-Ciùil Traidiseanta Òg na Bliadhna bho BBC Radio Scotland.
Tha Ailean MacFhionghain a’ fuireach ann an Inbhir Nis is e air obair fuaim is dhealbhan a dhèanamh dhan chuid as motha de chòmhlain-chiùil phroifeiseanta na Gaidhealtachd. Tha e ag obair a-nise aig sàr-ionad ciùil Inbhir Nis The Ironworks.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
tiocaidean Làrach-lìn na talla
Diardaoin 10 An t-Sultain 2009
Talla Cuimhneachaidh na Drochaid Ruaidh
Cod-puist na talla: PH31
7.30f
A’ Tilleadh à Canada
Barra MacNeils agus Iseabail NicAsgaill
A’ comharrachadh nan sinnsirean Gàidhealach aca, tha na Barra MacNeils a’ tilleadh gu Fèis Bhlas airson Tilleadh a dh’Alba 2009, agus iad a’ cluich aig trì cuirmean-ciùil sònraichte còmhla ri cuid de na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr a th’ againn.
Tha na Barra MacNeils air aon de na còmhlain Cheilteach as fheàrr a th’ ann air an t-saoghal. Tha iad air grunn dhuaisean a ghleidheadh, tha iad air ochd clàran, DVD leis an ainm Cape Breton Christmas, agus caochladh bhidiothan ciùil fhoillseachadh cuideachd. Tha na Barra MacNeils fhathast a’ cluich aig cuirmean-ciùil a tha loma-làn le luchd-èisteachd ann an Canada, sna Stàitean Aonaichte, sa Charibbean, agus san Rìoghachd Aontaichte.
Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn a ràdh riutha, “Fàilte Dhachaigh”.
Iseabail NicAsgaill
‘S ann às an Rubha, Eilean Leòdhais, a tha Iseabail. Chaidh a togail air dualchas beartach ceòl is òrain na Gàidhlig thar nan linn. Tha an dòigh-seinn sònraichte aig Iseabail, gun inneal-ciùil na cois anns an t-seann nòs, agus an liuthad uair a tha i air a bhith air an rèidio is an telebhisean, air seasamh a thoirt dhi mar tè dhe na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr ‘s a dh’aithnicheas daoine san latha a tha ann.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
tiocaidean Làrach-lìn na talla
Dihaoine 11 An t-Sultain 2009
Ionad Neibhis, An Gearasdan
Cod-puist na talla: PH33 6AN
7.30f
Dougie MacLean agus Blazin Fiddles
le Cèilidh air Cuairt Lochabair
Dougie MacLean – ann am beachd mòran dhaoine, ‘s esan prìomh-sheinneadair/òranaiche na h-Alba. Gun teagamh, tha e air fear dhe na seòid chiùil as motha san dùthaich. A rèir cuid ‘s e ‘James Taylor Albannach’ a th’ ann; ‘s dha cuid eile ‘s e th’ ann ach ‘ceòl na cruinne le freumhaichean domhainn Albannach’. Tha MacLean ainmeil airson a chuid òran air leth drùidhteach is làn fhaireachaidhean is a stoidhle àraid is cumhachdach air an fhidheall.
Tha Dougie MacLean air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh mar òranaiche, sgrìobhadair-ciùil is neach-ciùil air leth. ‘S tha e air a cheòl fhèin a thoirt gu cuirmean-ciùil ‘s gu fèisean air feadh an t-saoghail, ‘s nam measg gu àrd-ùrlar Talla Charnegie ann an New York. Tha e air consartan a chluich ann an Alba aig Caisteal Chùl-Sian (cuide ri Lou Reed is Eddie Reader), aig Talla Rìoghail Ghlaschu is an Old Fruit Market, Proms sa Phàirc aig a’ BhBC, Esplanade a’ Chaisteil, Caisteal Shruighlea agus Taigh-cluich Eden Court. Tha an t-uabhas dhaoine air na h-òrain aige a ghabhail dhaibh fhèin, mar Paolo Nuttini, Amy NicDhòmhnaill, Mary Black, Dolores Keane, Deanta, agus Kathy Mattea. Tha an t-òran aige ‘Caledonia’ air a bhith air mullach nan charts is e air fear dhe na h-òrain Albannach as cliùitich a th’ ann san latha an-diugh. Tha a cheòl air a bhith ann am filmichean Hollywood (leithid ‘Last of the Mohicans’), dràma telebhisein (‘A Mug’s Game’ air a’ BhBC), agus tha e air a bhith fon phrosbaig air trì prògraman sònraichte aig a’ BhBC (‘The Land-Songs of Dougie MacLean’, ‘SongRoads’ agus ‘Clann na Mara’).
Tha an còmhlan-ciùil aig Dougie MacLean a’ toirt dhuinn ceòl mòr, drùidhteach is caochlaideach ‘s e a’ measgachadh ceòl dùthchasach is innealan an latha an-diugh ‘s ga shnighe mun cuairt air òrain às na 18 clàran soirbheachail a tha e air a thoirt a-mach, mar ‘Turning Away’, ‘The Gael’, agus an laoidh ‘nàiseanta’ cha mhòr, ‘Caledonia’. “Tha gach duine sa chòmhlan ioma-thàlanta is iad a’ dol bho inneal-ciùil gu inneal-ciùil gun dragh…consart anabarrach fhèin math!” (Scotsman)
Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn fàilte as ùr a chur air a’ chòmhlan mhìorbhaileach Blazin’ Fiddles. Tha gach neach às a’ chòmhlan às a’ Ghaidhealtachd ‘s na h-Eileanan is iad a’ cluich pàirt uabhasach mòr ann am beatha-chiùil na Gàidhlig ‘s na h-Alba. Tha an còmhlan-sa air a bhith a’ toirt fìor thoileachas dha luchd-èisteachd, aig an taigh is thall thairis, airson còrr is 10 bliadhna leis a’ mheasgachadh sradagach aca de phuirt às a’ Ghaidhealtachd ‘s às na h-Eileanan cho math ri puirt à àiteachan eile: measgachadh math a tha an-còmhnaidh air an ceòl a chur air feadh na fìdhle.
Tha na fìdhlearan Catriona Dhòmhnallach (Sealtainn), Bruce MacGriogair (Inbhir Nis), Ailean MacEanraig (Malaig), Iain MacPhàrlain (Gleann Fhionnain) a’ gabhail air an àrd-ùrlar cuide ri Andy Thorburn (Bail’ Eòghainn) air a’ phiàno gus a bhith a’ cruthachadh fear dhe na còmhlain bheò as fheàrr ann an ceòl ceilteach.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
tiocaidean Làrach-lìn na talla
Disathairne 12 An t-Sultain 2009
Talla Astley, Àrasaig Cod-puist na talla: PH39
7.30f
Guthan nan Gàidheal
Mairi Anna NicUalraig agus Na Seòid, The MacCollective
Màiri Anna NicUalraig is Na Seòid – ann am prioba na sùla chaidh an sàr-chòmhlan seo a dhearbhadh mar sheinneadairean thar chàich ann an saoghal-ciùil na Gaidhealtachd ‘s na h-Alba san latha a th’ ann. Tha seachd guthan fhear òga, làn doimhneachd, eòlais is ealantais, gan snighe mun cuairt air aona guth boireann is sin uile le taic gu math tuigseach bho chaochladh innealan-ciùil.
‘S ann dha-rìribh cumhachdach a tha an còmhlan-sa le Màiri Anna NicUalraig, Seumas Greumach, Noraidh MacIomhair, Tormod MacArtair, Gillebrìde MacIllemhaoil, Calum Ailig MacMhaolain, Aonghas MacPhàil agus Griogair Labhraidh: a tha h-uile fear (is tè) aca air àrd-dhuaisean ciùil a bhuannachadh dhaibh fhèin. Dèanaibh deiseil ma-tà airson fìor mhaistreadh de ghuthan, de cho-sheirm, de dh’òrain is de cheòl drùidhteach fhad ‘s a bheir Màiri Anna NicUalraig is Na Seòid ceòl Gàidhlig gu h-àiteachan far nach deach e roimhe ach ainneamh.
The MacCollective
On a bhuannaich i an sàr-dhuais aig BBC Rèidio 2, ‘Duais Ciùil Dhùthchasaich Òig’ ann an 2005, tha Lauren NicCholla air a dhol bho neart gu neart is i an ceann ‘The MacCollective’ cuide ri Barry Reid (Croft No. 5) agus Mhairi Hall. Le stiùireadh na fìdhle, cho math ri measgachadh làidir dhen phiàno is dhen ghiotàr, bheir iad air cuairt-chiùil sibh, bho righle gu srath-spè gu puirt dhrùidhteach Ghaidhealach. Ann an 2008 chaidh an inbhe ‘Classic Album’ fo sgèith na fèise ‘Ceanglaichean Ceilteach’ a thoirt dhan chiad chlàr aca is iad a-nise a’ toirt tarraing air puirt sean is ùr às a’ Ghaidhealtachd.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
tiocaidean Làrach-lìn na talla
Disathairne 12 An t-Sultain 2009
Àrainn Shuaineirt, Sròn an t-Sìthein
Cod-puist na talla: PH36 4JA
7.30f
Na Fineachan Mòra Gàidhealach
Clann Raghnaill
Tha sliochd Chlann Raghnaill a’ dol air ais gu pòsadh eadar Iain Ìle (a chaochail ann an 1380) agus ogha dha Amie, aon de na nigheanan aig Ruaraidh, a bha air aon de na daoine a bu dìlse do Raibeart am Brusach. Nuair a ghlèidh an Rìgh Albannach neo-eisimeileachd do dh’Alba, shoirbhich le Ruaraidh cuideachd agus fhuair e sealbh air oighreachd glè mhòir. San oighreachd aige bha Mùideart, Àrasaig, Mòrar agus Cnòideart a chaidh a bhuileachadh air Amie nuair a chaochail e. Dhealaich Amie agus Iain Ìle ri ùine agus chaidh i a dh’fhuireach ann an Mùideart, far an do thog i an caisteal a th’ ann an-diugh ann an 1353, agus dh’fhuirich i an sin gus an do chaochail i.
Luchd-ciùil:
Ailean Dòmhnallach – Neach-aithris, Neach-rannsachaidh & a’ Phìob
Iain Dòmhnallach – A’ Phìob & An Fhìdeag
Aonghas Dòmhnallach – A’ Phìob
còmhla ri
Ingrid NicEanraig – Clàrsach & Piàno
Mairead Ford - Seinn
Fosglaidh Cuairt-chèilidh Fèis Loch Abar, cuid den luchd-ciùil tàlantach as fheàrr a th’ ann a tha a’ tòiseachadh a’ dèanamh ainm dhaibh fhèin, a’ chuirm-chiùil seo.
Cumar a’ chuirm-chiùil seo ann an co-bhuinn ris an Tachartas airson Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00












