Inbhir Nis

Dihaoine 5 An t-Sultain 2008

Guthan Gàidhealach

Meantime | Mackenzie | Cuairt-chèilidh Canàl na h-Alba

Thèid a’ chuirm-chiùil seo a chumail anns a’ chiad sgoil ann an Alba a chaidh a thogail a dh’aona-ghnothach mar sgoil Ghàidhlig, agus nochdaidh air an àrd-ùrlar a dhà de na còmhlain as soirbheachaile a thaobh cruthachadh ceòl Gàidhlig ùr san ùine ghoirid a dh’fhalbh. Tha Meantime a’ dèanamh ainm dhaibh fhèin mar chòmhlan aig a bheil sàr thàlantan ann an ceòl Gàidhlig, an dà chuid seinn agus cluich ionnstramaidean, agus san t-seann nòs agus san nòs ùr. Mar an ceudna, o chionn ghreis mhath tha fèill mhòr air a bhith aig daoine a bhios ag èisteachd ri ceòl Gàidhlig ùr agus traidiseanta air MacKenzie, leis na triùir bhana-sheinneadair thàlantach, na peathraichean Eilidh, Gillian agus Fiona. Cuideachd aig a’ chuirm-chiùil bidh an sgioba bho Chuairt-chèilidh Cànal na h-Alba.

Àite

Bunsgoil Gàidhlig Inbhir Nis
7.30f

tiocaidean

Disathairne 6 An t-Sultain 2008

Blas na Fèise

Peatbog Faeries | Dàimh | Còmhlan Fred Moireasdein | JP & Hilda Cormier | Fèis a' Bhaile & Fèis na h-Òige | Dealbh Dùthcha

Tha Eden Court air fhosgladh às ùr às dèidh obair leasachaidh air an togalach, agus bidh grunn math den luchd-chiùil thraidiseanta as fheàrr a th’ ann a’ toirt blas na fèise dhuibh. Cluinnear sa chuirm-chiùil seo an ceòl ùr aig na Peatbog Faeries, an ceòl aig Dàimh aig a bheil ceangal ri Alba, Èirinn, Canada agus Ameireagaidh, na sàr sgilean aig a’ phìobaire Fred Moireasdan agus a charaidean, agus an ceòl aig an t-seinneadair is sgrìobhadair òrain JP Cormier agus a bhean Hilda, nach cluinnear ach ainneamh a’ cluich ann an Alba. Cuideachd sa phrògam bidh na h-òganaich thàlantach bho Fhèis a’ Bhaile agus bho Fhèis na h-Òige agus Dealbh Duthcha. 'S e coimisean ùr a tha seo air a sgrìobhadh le Blair Dùghlas a bhios mar phàirt den phròiseact air leth "Dealbh Dùthcha" ann an Liverpool, prìomh bhaile cultarach na Roinn Eòrpa 2008. 'S e luchd-ciùil òga nam Fèisean bho air feadh Alba a bhios a' gabhail pàirt san tachartas seo.

Àite

Eden Court, Inbhir Nis
7.30f

Tiocaidean bho Eden Court 01463 234234

Disathairne 6 An t-Sultain 2008

Club Fèis Blas

Taghadh de luchd-ciùil

A’ coimhead airson rudeigin ùr an deidh na cuirmean-ciùil? Carson nach tig sibh nar cuideachd agus le luchd-chiùil aig a’ chlub fhèis ùr ann an Taigh-òsta Cholumba, Ceum Nis, far am bi ceòl, òrain agus cabadaich bheothail.
 

Àite

Taigh Osda Columba, Inbhir Nis
10.30f
Tiocaidean aig an doras

Didòmhnaich 7 An t-Sultain 2008

Julie Fowlis & Muireann Nic Amhlaoibh còmhla ri JP Cormier

 Julie Fowlis & Muireann Nic Amhlaoibh | JP & Hilda Cormier

’S ann à Uibhist a Tuath a tha Julie Fowlis o thùs agus ann an 2007 ghlèidh i Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna agus Clàr na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba, agus ann an 2008 fhuair i Seinneadair Mith-òrain na Bliadhna aig BBC Rèidio 2. Bidh i a’ cluich agus a’ seinn còmhla ris a’ bhana-sheinneadair Èireannach Muireann Nic Amhlaoibh, a tha sa chòmhlan Danú. A thuilleadh air duaisean a fhuair i leis a’ chòmhlan, fhuair Muireann “an seinneadair as fheàrr” aig na duaisean liveireland.com ann an 2005. Tha JP Cormier air aon de na sgrìobhadairean òrain is seinneadairean as fheàrr ann an Canada, agus tha e air grunn dhuaisean a ghleidheadh thar nam bliadhnaichean. Chan ann tric a tha JP a’ tighinn a dh’Alba a chluich, agus bidh e a’ nochdadh còmhla ris a bhean Hilda. 

Le taic bho Cholmcille

Àite

Talla Phipps, A’ Mhanachainn
7.30f

tiocaidean

Dimàirt 9 An t-Sultain 2008

Cherish The Ladies agus Caraidean

Cherish the Ladies | Rachel Walker | Fèis Gleann Albainn

Tha Blas air leth toilichte gum bi an còmhlan traidiseanta Èireannach seo, a tha stèidhichte sna Stàitean Aonaichte, a’ cluich a-nochd. Thar nam bliadhnaichean a dh’fhalbh, tha an còmhlan air a bhith siubhal air feadh Ameireagaidh a Tuath agus a Deas, na Rìoghachd Aonaichte, na Roinn Eòrpa, Astràilia agus New Zealand, agus iad a’ cluich ann an cuid de na tallachan consairt as fheàrr a th’ ann agus aig fèisean eadar-nàiseanta. Cuideachd air an oidhche, bidh a’ bhana-sheinneadair Ghàidhlig bharraichte Rachel Walker a’ seinn, a fhuair moladh mòr airson a dà chlàr a dh’fhoillsich i, “Bràigh Loch Iall” agus “Fon Reul Sholas”. A’ cluich còmhla rithe bidh Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna aig a’ BhBC, Eòghann Robasdan. Cuideachd ann am prògram a-nochd, tha buidheann thàlantach bhon fhèis ionadail, Fèis Gleann Albainn.  


Àite

Talla Gleann Mhoriston, Inbhir Moireasdan
7.30f 

tiocaidean

 

Dicaidain 10 An t-Sultain 2008

Na Chieftains Iomraiteach Beò air Àrd-urlar

Na Chieftains | Alyth | Cainntearachd | Fìdhlearan Chill Tighearn

Tha e na urram mòr do Bhlas fàilte a chur air a’ chòmhlan Èireannach iomraiteach na Chieftains agus iad a’ cluich ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd, agus bidh a’ bhana-sheinneadair Ghàidhlig Alyth NicCarmaig cuideachd a’ nochdadh air an àrd-ùrlar. Tha iad air cluich le cuid de na daoine as ainmeile sa ghnìomhachas, agus tha cothrom agaibh a-nis an cluinntinn ann an cuirm-chiùil shònraichte ann an Theatar Ìompaireachd aig Eden Court. Cuideachd a’ cluich air an oidhche bidh Fìdhlearan Chill Tighearn bho Fhèis Rois, a bhuannaich an ensemble as fheàrr dà bhliadhna sreath ri chèile aig an Eisteddfod Eadar-nàiseanta, agus Cainntearachd, buidheann òg thàlantach sheinneadairean Gàidhlig às Inbhir Nis.

Àite

Eden Court,  Inbhir Nis
7.30f

Tiocaidean bho Eden Court 01463 234234

Diardaoin 11 An t-Sultain 2008

 The Nuala Kennedy Band

The Nuala Kennedy Band | Rachel Hair | Stiùbhart Mac an Tòisich

’S e neach-ciùil is seinneadair air leth tàlantach a th’ ann an Nuala Cheannadach, bho Dhún Dealgan ann an Èirinn o thùs, agus dh’fhoillsich i a clàr “The New Shoes” ann an 2007, agus fhuair i moladh mòr airson “Astar”, obair a chaidh a bharantachadh fon sgeama Guthan Ùra aig Celtic Connections. Còmhla ri Nuala bidh an còmhlan aice, le Phillippe Guidat, Luke Daniels agus Donald Hay. Cuideachd sa phrògram, bidh an clàrsair Rachel Hair le taic bho Paul Tracey, agus an cluicheadair bogsa ionadail Stiùbhart Mac an Tòisich le an stoidhle bheothail aige.

Le taic bho Cholmcille

Àite

Druim na Drochaid
7.30f

tiocaidean

Dihaoine 12 An t-Sultain 2008

Ceòl bhon Chridhe

The Nuala Kennedy Band | Edey, Power agus Randall| Lewis MacFhionghain | Andrea Pheutanach & Kimberley Fhriseal

’S cinnteach gur e cuirm-chiùil air leth a bhios ann, leis a’ bhana-sheinneadair Èireannach Nuala Cheannadach, a bhios a’ cluich na duiseil, agus a còmhlan (Phillippe Guidat, Luke Daniels agus Donald Hay). Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air a’ chòmhlan bharraichte Edey, Power and Randall bhon Ghàidhealtachd, le Tim Edey air an ceann le a ghiotàr is a mheileòidian, agus an sàr chluicheadair organ-beòil Brendan Power agus Lucy Randall air a’ bhòdhran a’ toirt taic dha. Cuideachd sa phrògram, bidh triùir rionnagan bho cheòl Cheap Breatainn, an seinneadair Gàidhlig Lewis MacFhoinghain agus na fìdhlearan Andrea Pheutanach agus Kimberley Fhriseal.

Le taic bho Cholmcille

Àite

Eden Court, Inbhir Nis
7.30f

Tiocaidean bho Eden Court 01463 234234

Dihaoine 12 An t-Sultain 2008

Club Fèis Blas

Às dèidh na cuirm-ciùil thigibh nar cuideachd ann an Eden Court far am bi cothrom agaibh coinneachadh ri cuid den luchd-chiùil agus far an cluinnear seiseanan ciùil a thèid a chumail an làrach nam bonn. Bidh am bàr fosgailte anmoch.

Àite

Eden Court, Inbhir Nis
10.30f
Tiocaidean aig an doras

Disathairne 13 An t-Sultain 2008

Cèilidh Fhàrr

Fribo | Aonghas Lyon & Ruairidh Caimbeul | Jenna Chuimeineach | Cuairt-chèilidh Cànal na h-Alba

Thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh tha sreath chuirmean-ciùil anabarrach math air a bhith ann an Talla Fhàrr, faisg air Inbhir Nis, agus bidh am prògram seo a cheart cho math. A’ cluich is a’ seinn a-nochd tha Fribo, còmhlan le co-obrachadh sònraichte eadar triùir luchd-ciùil à Nirribhidh, Alba is Sasainn, aig a bheil cliù a tha a’ sìor dhol an àird ri linn mar a tha iad a’ measgachadh nan stoidhlichean ciùil aca fhèin còmhla ri nuadh fhuaimean is ruitheaman anns a bheil co-fhaireachdadh agus spionnadh. Cuideachd a’ cluich air an oidhche, bidh an dithis luchd-ciùil Aonghas Lyon air a’ bhogsa agus Ruairidh Caimbeul air an fhìdhill. Tha an dithis aca air a bhith air leth soirbheachail mar luchd-ciùil iad fhèin, tha Aonghas air an duais airson Cluicheadair-bogsa Bhreatainn a ghleidheadh 6 tursan agus bhuannaich Ruairidh a’ Cho-fharpais Fhìdhlearachd ainmeil aig Glenfiddich ann an 2002. Tha e cuideachd na mhòr-thoileachas dhuinn fàilte a chur air Jenna Chuimeineach a bhuannaich dà bhonn òir aig a’ Mhòd le a guth seinn mìorbhaileach, agus bidh buidheann bho Chuairt-chèilidh Cànal na h-Alba 2008 cuideachd a’ nochdadh air an àrd-ùrlar.

Àite

Talla Fhàrr, Fàrr
7.30f

tiocaidean

Disathairne 13 An t-Sultain 2008

Turas Bàta air Loch Nis

The Nuala Kennedy Band

Bha an turas seo air leth soirbheachail an-uiridh, mar sin carson nach tig sibh còmhla rinn air an Jacobite Queen air turas àlainn suas Canàl na h-Alba agus a-steach gu Loch Nis? Thèid biadh ana-bhlasta a thoirt seachad air bòrd agus cluinnear puirt is òrain bho Nuala Cheannadach agus a còmhlan, Phillippe Guidat, Luke Daniels agus Donald Hay. Chan eil ach àireamh shònraichte ann de thiocaidean, mar sin dèan cinnteach gum faigh sibh fear tràth.

Le taic bho Cholmcille

Àite

A' fàgail bho dhrochaid Tom na h-iùbhraich, Inbhir Nis aig 7f
£50.00

Airson barrachd fiosrachaidh cuir fòn gu 01463 783032

© Blas Festival 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.