Inbhir Nis
Dihaoine 4 An t-Sultain 2009
Cathair-eaglais Inbhir Nis, Inbhir Nis Cod-puist na talla: IV3 5NS
8.00f
An Aifreann Ghàidhlig le Blàr Dùghlas
Bho chionn fhada an t-saoghail tha mac an duine air a bhith a’ sireadh neart agus dòchas tro orthachan, beannachdan, ùrnaigh agus seanfhaclan le bhith moladh dìomhaireachd do-mhìnichte na cruinne-cè. Tha comharrachadh Suipear an Tighearna “aig cridhe na Coimhearsnachd Crìosdail” agus aig cridhe a’ chreideimh agus a’ bheatha Chrìosdail. Tha e air buaidh shònraichte a thoirt air mar a leasaicheadh ceòl tro na linntean.
’S e rudan gu math cumhachdail agus brèagha a th’ ann an ceòl is seinn – na h-ealain. Tha greadhnachas agus neart fhaireachdainnean gar cuairteachadh tro na h-ealain seo.
Chan e dìreach ceòl labhairteach a th’ anns an Aifrinn: tha adhbhar air cùl a’ chiùil labhairteach seo. Mar phàirt de sheirbheis naoimh, ’s e an t-slat-tomhais a chleachdar gus breithneachadh air ceòl Aifreann sam bith, mar a tha e a’ dèanamh dlùth-cheangal agus ceangal gnìomhach ris an ìobairt naoimh. Mar shearbhantan an adhraidh, tha ceòl is seinn comasach air dàimh daingeann a dhèanamh eadar an t-anam agus an Tighearna, ag adhbharachadh agus a’ cur an cèill fhaireachdainnean co-cheangailte ri moladh, guidhe, rèite, taingealachd, aoibhneas a thuilleadh air bròn, gaol, earbsa agus sìth.
An Aifreann Ghàidhlig – pròiseact anns an robh ùidh mhòr aig Blàr Dùghlas o chionn beagan bhliadhnaichean, ach cha b’ ann gus o chionn ghoirid a bha e a’ faireachdainn gun robh e deiseil, gu spioradail agus a thaobh a chuid chiùil, a ghabhail os làimh.
Tha an Aifreann aige freumhaichte gu daingeann ann an dualchas nan Ceilteach ach tha i cuideachd a’ rannsachadh agus a’ leasachadh dhiofar raointean ciùil. San Aifrinn cluinnear ionnstramaidean traidiseanta mar a’ chlàrsach, an fhìdheall, an duiseal, agus a’ phìob mhòr a thuilleadh air taic bho orcastra, òrgan agus meur-chlàr. Le bhith a’ cur an dà stoidhle ciùil còmhla, thèid obair chiùil gun samhla a chruthachadh gun a bhith a’ dèanamh cron air naomhachd na h-Aifrinn. ’S e a bhios san Aifrinn Ghàidhlig, co-nasgadh de stoidhlichean traidiseanta agus clasaigeach.
Toisichidh an oidhche le Caledonian Cèilidh Trail.
Tiocaid tràth airson inbhich £12.00 (ro 31.07.09) agus £14.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £12.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £30.00
tiocaidean Làrach-lìn na talla
Disathairne 5 An t-Sultain 2009
Eden Court – Taigh-Cluiche na h-Ìompaireachd, Inbhir Nis
Cod-puist na talla: IV3 5SA
7.30f
Oidhche Mhòr Pìobaireachd le Blas
Thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, tha Blas air grunnan thachartasan pìobaireachd gu math soirbheachail a chumail air feadh na Gaidhealtachd. Ach cha robh gin dhiubh sin nas motha na an roinn thàlantan is stoidhlichean a bhios sinn a’ toirt seachad air an oidhche mhòir a tha seo. Tha e an-còmhnaidh na amas dhuinn oidhche a thairgsinn de phìobairean proifeiseanta bho thall ‘s a-bhos is iad sin a’ cluich air an àrd-ùrlar an cois feadhainn dhen luchd-chiùil òg as fheàrr a tha a’ tighinn am bàrr. Cha bhi an oidhche a-nochd idir air a’ chaochladh le taghadh farsaing de luchd-ciùil bho air feadh an àite ‘s iad a’ cluich dha luchd-èisteachd a dh’aithnicheas deagh phìobaireachd nuair a chluinneas iad i. Siuthadaibh: suidhibh air ais is leigibh le ceòl binn na pìoba-mòire ur n-anam is ur n-inntinn a thogail.
Còmhlan Pìobaireachd Coimhearsnachd Phoilis a’ Chinn a Tuath
Tha Còmhlan Pìobaireachd Coimhearsnachd Phoilis a’ Chinn a Tuath na bhuidhinn shaoir-thoilich de luchd-ciùil air an taghadh an dà chuid à teaghlach na Poilis is muinntir Bhaile Inbhir Nis agus na sgìrean ma thimcheall. Chaidh an Còmhlan a chur air bhonn san Dàmhair 2002 is bhon uair sin tha iad air a bhith a’ cluich ann an caochladh àiteachan mun cuairt air a’ Ghaidhealtachd ‘s na h-Eileanan, is nas fhaide a-mach cuideachd: am measg sin aig Duaisean Coimhearsnachd Albannach na Bliadna ann an Dùn Èideann.
Còmhlan Pìobaireachd na h-Òigridh Nàiseanta
Tha Còmhlan Pìobaireachd na h-Òigridh Nàiseanta na chòmhlan pìobaireachd neo-fharpaiseil air leth gleusta dha daoine òga ann an Alba eadar 10 is 25 bliadhna dh’aois. Stèidhichte ann an 2002, ‘s iad Còmhlan Pìobaireachd na h-Òigridh a’ chiad is an aon bhuidhinn dhe sheòrsa a tha air an luchd-ciùil òg as tàlanta ann an Alba a thoirt còmhla air ìre nàiseanta.
Ailean, Aonghas & Iain Dòmhnallach
Rugadh agus thogadh an triùir bhràithrean-sa, ‘s iad uile nam pìobairean ainmeil, ann an Gleann Uige, coimhearsnachd bheag làn Gàidhlig air taobh siar na Gaidhealtachd: àite nach ruigte ach a-mhàin air bàta suas gu 1968. Tha gach duine aca air buaidh mhòr a thoirt air saoghal na pìobaireachd, na h-eòlaichean is an luchd-èisteachd, len stoidhle is doimhneachd an eòlais air pìobaireachd tro dhualchas na Gàidhlig.
Anna Mhoireach
Thogadh Anna air a’ Bhac, Eilean Leòdhais, is thòisich i gu math òg ag ionnsachadh seinn sa chànan dùthchais aice, a’ Ghàidhlig. Mun àm a bha i deich bliadhna dh’aois, bha i air teannadh air a’ phìob-mhòir. An dèidh dhi a bhith soirbheachail aig a’ Mhòd gun i fhathast ach òg, agus an dèidh dhi a bhith a’ nochdadh gu tric air an telebhisean ‘s aig cèilidhean air feadh nan eileanan, chlàraich Anna grunnan chlàran air a ceann fhèin. Agus thairis air na bliadhnaichean, tha i air bhith air cuairtean-ciùil thall ‘s a-bhos is fèill mhòr oirre aig daoine eòlach air ceòl.
Ross Ainslie & Jarlath MacEanraig
Thòisich Ross Ainslie (a’ phìob-mhòr, feadagan) agus Jarlath MacEanraig (pìoban uilinn, feadagan) a’ cluich ceòl le chèile aig tùs-gnothaich ann an 2003 aig Fèis Pìobaireachd Uilleim Cheannadaich air an Àrd Mhagha. Bhon àm ud tha iad air neart a chur ri neart gus fuaim pìobaireachd a chruthachadh a tha a’ putadh a-mach na crìochan dhe na ghabhas dèanamh còmhla leis an dà inneal, Albannach is Èireannach.
Pìobaire a’ Chruinneachaidh mu Thuath
Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn a bhith a’ co-obrachadh le comataidh eachdraidheil a’ Chruinneachaidh mu Thuath a tha a’ toirt còmhla nam pìobairean as fheàrr bho air feadh na cruinne sa cho-fharpais aca ann an Inbhir Nis gach mìos na Sultaine. Tha an Cruinneachadh mu Thuath air aon sàr-phìobaire a thaghadh na aonar a-mach à co-fharpais na bliadhna-sa gus cluich air an oidhche mhòir shamhlachail a tha seo.
Tiocaid tràth airson inbhich £16.00 (ro 31.07.09) agus £18.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £16.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £40.00
Tiocaidean bho Eden Court 01463 234 234 no Tiocaidean
Làrach Eden Court
Disathairne 5 An t-Sultain 2009
Eden Court – Taigh-Cluich One Touch, Inbhir Nis
Cod-puist na talla: IV3 5SA
10.00f gu h-anmoch
Dannsa Cèilidh Club na Fèise
Tha sibh dìreach air a thighinn a-mach à oidhche mhìorbhaileach aig Blas; ‘s e oidhche Shathairne a th’ ann is chan eil sibh airson ‘s gun tig an ceòl no an craic gu ceann…uill tha an dearbh rud againn dhuibh. Cuiribh oirbh ur brògran dannsaidh is dèanaibh air Taigh-Cluich One Touch far am faod sibh cumail oirbh a’ dannsadh aig cèilidh a mhaireas an oidhche le fear dhe na còmhlain as fheàrr à Alba – The Occasionals. Ma dh’fheumas sibh ur casan a chur an-àird, cuiridh Anna Mhoireach fo gheasaibh sibh leis an t-seinn dhrùidhteach aice sa Ghàidhlig.
The Occassionals
Nuair a thòisich an còmhlan-sa a’ cluich ann an 1986 b’ ann ainneamh sin: suidheachadh às an tàinig an t-ainm aca. Bhon uair sin tha iad air cluich gu math tric: Freeland Barbour (am bocsa-ciùil), Ian Hardie (an fhidheall), Kevin MacLeòid (baindeo, mandolain), agus Gus Millar (drumaichean). Tha iad air sia clàr a thoirt a-mach is fèill mhòr orra ann an saoghal dannsa-cèilidh.
‘An ceòl Albannach is ceòl dannsaidh na seann-aimsir as fheàrr a th’ ann bho chòmhlan samhlachail a tha a’ tighinn am bàrr.’ (The Living Tradition)
Anna Mhoireach
Thogadh Anna air a’ Bhac, Eilean Leòdhais, is thòisich i gu math òg ag ionnsachadh seinn sa chànan dùthchais aice, a’ Ghàidhlig. Mun àm a bha i deich bliadhna dh’aois, bha i air teannadh air a’ phìob-mhòir. An dèidh dhi a bhith soirbheachail aig a’ Mhòd gun i fhathast ach òg, agus an dèidh dhi a bhith a’ nochdadh gu tric air an telebhisean ‘s aig cèilidhean air feadh nan eileanan, chlàraich Anna grunnan chlàran air a ceann fhèin. Agus thairis air na bliadhnaichean, tha i air bhith air cuairtean-ciùil thall ‘s a-bhos is fèill mhòr oirre aig daoine eòlach air ceòl.
Tiocaid tràth airson inbhich £8.00 (ro 31.07.09) agus £10.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £8.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £25.00
Tiocaidean bho Eden Court 01463 234 234 no Tiocaidean
Làrach Eden Court
Didòmhnaich 6 An t-Sultain 2008
Talla Phipps, A’ Mhanachainn Cod-puist na talla: IV30 1DT
7.30f
Na Fineachan Mòra Gàidhealach
Clann MhicShimidh
’S e sliochd Shir Shìm Fhriseil, bràthair do Shir Alasdair Friseil, a th’ ann an Clann MhicShimidh o thùs. Fhuair Sir Sìm fearann Bisset timcheall na Manachainn nuair a phòs e ban-oighre an fhearainn sin, agus stèidhich e fhèin agus a sliochd dachaigh san oighreachd sin.
Tha clàr bho 1367 ag ràdh Triath Lovat ri Uisdean Friseil agus neach-taca san Àird, b’ e sin a’ chiad turas a tha sinn a’ cluinntinn mun cheangal eadar na Frisealaich agus fearann Lovat.
Tha e na thoileachas dhuinn a bhith a’ comharrachadh teaghlach ionadail dha bheil an uiread de spèis agus urram aig daoine.
Luchd-ciùil:
Eilidh NicCoinnich – Neach-aithris, Neach-rannsachaidh, Seinneadair.
Còmhla ri
Donnachadh MacIllebhrath – A’ Phìob & An Fhìdeag
Gòrdan Gunnach – Fìdheall
Brian MacAlpain – Bogsa & Piàno
agus
Fosglaidh Gerry agus Donal O’ Connor (fìdheall & piàno), athair is mac tàlantach à Èirinn, a’ chuirm-chiùil.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
tiocaidean Làrach-lìn na talla Clann MhicShimidh
Diluain 7 An t-Sultain 2009
Talla-Bhaile Ghleann Urchardainn, Druim na Drochaid
Cod-puist na talla: IV63 6UG
7.30f
Ceanglaichean Teaghlaich
‘S ann tric bho ghlùin gu glùin sìos tro na ginealaichean a tha ar dualchas-ciùil beartach air a thoirt seachad. Tha sinn air cuid dhe na h-eisimpleirean as samlachail dhen t-seòladh-chiùil a tha seo a thoirt cruinn còmhla gus cluich dhuibh sa chonsart Ceanglaichean Teaghlaich.
Cluinnidh sibh sa chuirm-chiùil seo ceòl smaoineachail is am measg sin fìdhlearachd, pìobaireachd, seinn na Gàidhlig is an còrr bho theaghlaichean à Gaidhealtachd agus à eileanan na h-Alba. Cuideachd, bu mhath leinn fàilte a chur air athair ‘s a mhac, Gerry & Donal O’Connor, à Èirinn.
Bidh na consartan faisg làn fhaireachaidhean a tha seo a’ leigeil fhaicinn nach e a-mhàin ar ceòl ‘s ar n-òrain a tha beò is fallain, ach cuideachd gur ann ann an làmhan treun, sàbhailte ‘s a tha iad airson nam bliadhnaichean mòra a tha ri thighinn.
Donnchadh & Iain MacIllebhrath
Fear a b’ àbhaist a bhith sa chòmhlan Battlefield air a’ phìob-mhòir, air an fheadaig is air a’ ghiotàr, chan ann air aineoil a tha Donnchadh MacIllebhrath air beulaibh luchd-èisteachd na fèise. Tha e a-nise a’ cluich leis a’ chòmlan The Ghillies agus air a cheann fhèin. A thuilleadh air sin tha e na thuathanach ann an Siorrachd Rois an Ear le sianar chloinne is iad uile a’ cluich innealan-ciùil. Na chuideachd air an àrd-ùrlar bidh a mhac as sine Iain a tha a’ cluich nam pìoban, na fìdhle, na feadaig & a’ bhodhrain is e air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus ceòl ann am Beinn nam Faghla agus Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach ged a tha e a-nise na oileanach ann an Duluth, Minnesota.
Gerry & Donal O’Connor
Tha Gerry O’Connor air fear dhe na fìdhlearan as fheàrr a tha ann an Èirinn. Tha a stoidhle sònraichte fhèin is a làmh shùbailte air a’ bhogha, cho math ri sàr-ealantas ciùil, air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh dha. Na chuideachd air an fhidheall is air a’ phiàno bidh a mhac Donal O’Connor a tha a’ cumail dùthchas an teaghlaich aige a’ dol is iad a’ sìor thoirt a-mach fhìdhlearan thar chàich.
Seonaidh & Calum Ailig MacMhaolain
‘S ann mar sàr-sheinneadairean na Gàidhlig a choimheadar air Seonaidh is Calum Ailig MacMhaolain, athair is mac à Eilean Leòdhais. Bha Seonaidh na phrìomh-sheinneadair sa chòmhlan shoirbheachail The Lochies agus tha Calum Ailig a-nise a’ seinn leis a’ chòmhlan ùr-nòsach Ghaidhealach Dàimh. Mar chàraid, tha iad air cluich aig grunnan chèilidhean air feadh Leòdhais, is bho chionn ghoirid choisinn iad deagh cliù airson na rinn iad aig Fèis nan Dathan Ceilteach 2008.
Dagger & Niall Gòrdon
‘S e cluicheadair mandolain a tha ann an Dagger Gòrdon, fear a tha ri tuathanas air a’ Ghaidhealtahcd faisg air Inbhir Gòrdain. Tha an triùir mhac aige fhèin is a bhean Julie a’ cluich ceòl Albannach is iad uile air a bhith air an àrd-ùrlar aig Blas. Bidh e a’ cluich le mhac as òige, Niall, 16 bliadhna a dh’aois, a bhios a’ cluich na fìdhle ‘s a’ phiàno.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
tiocaidean Làrach-lìn na talla
Dimàirt 8 An t-Sultain 2009
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Sloc-buidhe, Inbhir Nis
Cod-puist na talla: IV2 6BA
7.30f
Cèilidh aig a’ Bhun-sgoil
Tha a’ Bhun-sgoil ùr Ghàidhlig ann an Inbhir Nis air cridhe is anam coimhnearsnachd fhallain na Gàidhlig a lìonadh ann am prìomh-bhaile na Gaidhealtachd. Gu dearbha, ‘s ann a tha an sgoil air a bhith cho soirbheachail is gu bheil e a-nise fa-near dha Comhairle na Gaidhealtachd dà sgoil Ghàidhlig a bharrachd a thogail ann am Port Rìgh agus anns a’ Ghearasdan.
Tha an sgoil glè eòlach air oidhcheannan ciùil, òran is dannsaidh. Agus bidh consart na h-oidhche a-nochd gun teagamh a’ tàladh sean is òg gus cuid dhen t-seinn is dhen cheòl Ghàidhlig as fheàrr a gheibhear ann an àite sam bith san dùthaich a chluinntinn.
Thoireadh daoine an aire gur e a’ Ghàidhlig as motha a bhios air a bruidhinn aig a’ chuirm-chiùil-sa. Bidh goireasan eadar-theangachaidh rim faotainn ann.
MacGriogair, Brechin is O hEadhra
Tha Bruce MacGriogair, Sandy Brechin is Brian O hEadhra a’ toirt còmhla cuid dhen ealantas-chiùil is dhen t-seinn as fheàrr a tha air a thighinn a-mach à Alba bho chionn ghoirid. Tha gach duine fa leth aca a’ cluich le chòmhlan cliùiteach fhèin: Bruce le Blazin’ Fiddles, Sandy le Bùrach agus Brian le Anam.
Tha an triùir air tarraing gu domhainn air tobar phort is òran sa Gàidhlig agus sa Bheurla Ghallda, cho math ri bhith nan sgrìobhadairean ciùil iad fhèin. A thuilleadh air a bhith nam fìor dheagh cheòladairean, tha fèill aig daoine orra airson na bheir iad seachad beò air an àrd-ùrlar. ‘S e ‘Sonas’ a’ chiad chlàr a thug iad a-mach còmhla ann an 2008 is iad a’ sìor chluich thall ‘s a-bhos. Tha clann Bhruce agus Bhrian le chèile a’ frithealadh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.
Iseabail NicAsgaill
‘S ann às an Rubha, Eilean Leòdhais, a tha Iseabail is i a-nise a’ fuireach ann an Inbhir Nis. Chaidh a togail air dualchas beartach ceòl is òrain na Gàidhlig thar nan linn a tha fhathast beò san Rubha is air feadh Leòdhais. Tha a cultar is a ceòl gu math cudtromach dhi na beatha is fad bhliadhnaichean tha i air a bhith an sàs anns na Fèisean is i a’ teagasg seinn Ghàidhlig dhùthchasach dha cloinn air feadh na Gaidhealtachd is nan Eilean. Tha Iseabail cuideachd air siubhal air feadh an t-saoghail gus seinn aig caochladh fhèisean is bhùth-obrach. Tha e na fhìor thoileachas dhuinn fàilte as ùr a chur oirre dhan fhèis seo.
Còisir Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Chaidh a’ chòisir sgoile seo a stèidheachadh ann an 2008 is i air a bhith a’ toirt tlachd dha pàrantan is luchd-èisteachd on uair sin leis na fuinn cheòlmhor aca is an spèis dha òrain Ghàidhlig.
Tiocaid tràth airson inbhich £8.00 (ro 31.07.09) agus £10.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £8.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £25.00
Tiocaidean Làrach-lìn na talla
Diciadain 9 An t-Sultain 2009
Port-Adhair Inbhir Nis, Dail Croise
Cod-puist na talla: IV2 7JB
7.30f
Co-oghaichean Ceilteach – Èirinn is Alba
Duine sam bith a chunnaic consart nan Chieftains aig Blas 2008 (no air BBC Alba), cha dìochuimnich iad gu bràth na dannsairean is an luchd-ciùil òg is iongantach à Èirinn agus Canada a chluich cuide ris a’ chòmhlan mhòr ud. Chuir iad na bha sin de dh’iongnadh oirnn, len ealantas sgiobalta, is gun do dh’fhaighnich sinn an robh iad a’ cluich taobh a-muigh nan Chieftains fhèin? Gu sealbhach dhuinne, bha ‘s tha: agus ‘s iad ‘Tread’! Tha sinn air ‘Tread’ a chur air cuairt na Gaidhealtachd le feadhainn dhen luchd-chiùil òg as fheàrr a tha a’ tighinn am bàrr ann an Alba cho math ris na còmhlain ioma-thàlanta a bhuineas dha Fèisean nan Gaidheal. Seo aon oidhche a bheir oirbh ur basan a bhualadh is ur casan a bhreabadh!
Tread
Cuiribh eòlas air beothalachd is ealantas a’ chòmhlain aighearaich ùir seo air a thoirt dhuibh le còignear dhaoine òga is iad a’ toirt còmhla nan dualchas beartach de cheòl is de dhannsa à Èirinn, Alba agus Canada. Fàgaidh ealantas a’ chiùil ‘s an dannsaidh aig ‘Tread’ an luchd-èisteachd air an dòigh glan lem beothalachd is an cumhachd. Tha Triona Marshall (a’ chlàrsach) agus Jon Pilatzke (an fhidheall) a’ gabhail ùine bheag dheth bho bhith a’ cluich leis na seòid-chiùil ud The Cheiftains. Cuide riutha, bidh dithis eile a tha air a bhith a’ cluich leis na Chieftains fad ùine: Nathan Pilatzke (dannsa-ceum Chanada) agus Cara Butler (dannsa-ceum na h-Èireann). ‘S e steapaichean do-chreidsinnseach sgiobalta an dithis ud a bheir an luchd-èisteachd air an casan. Nan cois, bidh guth binn is giotàr Jef McLarnon: oidhche a mhaireas nur cuimhne.
Calum Stiùbhart
À baile-beag, Gaimreach, siorrachd Mhoireibh, ceann an ear-thuath na h-Alba, chaidh Calum Stiùbhart a thogail air ceòl traidiseanta na dhachaigh far an robh buaidh aig dualchas fìdhlearachd is pìobaireachd na h-Alba air a cheòl fhèin. Nise a’ fuireach anns a’ Chaisteal Nuadh, tha ùidh Chaluim ann an ceòl bho fhada a-mach à Moireibh fhèin: is e a’ coimhead seachad air crìochan sgìrean is dhùthchannan gu ruige an t-àtite ud eadar sean is ùr.
Kirsteen NicDhòmhnaill
Na craoladair dha BBC Alba, tha Kirsteen NicDhòmhnaill air obair a dhèanamh an dà chuid dhan phrògram chloinne ‘Dè a-nis’ agus dha Radio nan Gaidheal is i stèidhichte ann an Glaschu. Bhuannaich Kirsteen Bonn Òir nam Ban aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an 2006. Ann an 2008, bhuannaich i Bonn nam Ban san t-seann nòs aig Mòd na h-Eaglaise Brice.
tiocaidean Làrach-lìn na talla
Diardaoin 10 An t-Sultain 2009
Eden Court, Taigh-cluich na h-Ìompaireachd, Inbhir Nis
Cod-puist na talla: IV3 5SA
7.30f
An Laoch-Ciùil
Dougie MacLean ‘s a Chòmhlan
le Canntaireachd, Fèis na h-Òige is Fèis a’ Bhaile
Chan ann tric a bhios sinne air a’ Ghaidhealtachd a’ cur feum air an fhacal ‘Samhlachail’; ach an turas-sa, ‘s ionann an rud is an duine a thaobh na h-inbhe is an urraim a choisinn prìomh-sheinneadair/òranaiche na h-Alba: Dougie MacLean. Chan ann idir air aineoil ‘s a tha Dougie air a’ Ghaidhealtachd ‘s anns na h-Eileanan is e tric a’ fuireach air cost an iar Leòdhais. Ged a tha e, mar as trice, a’ seinn ‘s a’ sgrìobhadh ann am Beurla ‘s am Beurla Ghallda, tha e air òrain Ghàidhlig a chlàradh cuideachd; agus e na fhìor dheagh fhìdhlear a bharrachd.
Ann an consart na h-oidhche a-nochd, chan e a-mhàin an laoch-ciùil-sa a bhios a’ cluich dhuibh ach cuideachd còmhlan òg ionadail de sheinneadairean iongantach Canntaireachd, agus daoine òga à dà chòmhlan fèise, Fèis na h-Òige is Fèis a’ Bhaile. Le ceartas, tha na còmhlain òg-sa air àite maireannach a chosnadh san fhèis is iad a’ dearbhadh dè cho beò is cho fallain ‘s a tha saoghal ceòl na Gàidhlig ann am prìomh-bhaile na Gaidhealtachd.
Dougie MacLean – ann am beachd mòran dhaoine, ‘s esan prìomh-sheinneadair/òranaiche na h-Alba. Gun teagamh, tha e air fear dhe na seòid chiùil as motha san dùthaich. A rèir cuid ‘s e ‘James Taylor Albannach’ a th’ ann; ‘s dha cuid eile ‘s e th’ ann ach ‘ceòl na cruinne le freumhaichean domhainn Albannach’. Tha MacLean ainmeil airson a chuid òran air leth drùidhteach is làn fhaireachaidhean is a stoidhle àraid is cumhachdach air an fhidheall.
Tha Dougie MacLean air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh mar òranaiche, sgrìobhadair-ciùil is neach-ciùil air leth. ‘S tha e air a cheòl fhèin a thoirt gu cuirmean-ciùil ‘s gu fèisean air feadh an t-saoghail, ‘s nam measg gu àrd-ùrlar Talla Charnegie ann an New York. Tha e air consartan a chluich ann an Alba aig Caisteal Chùl-Sian (cuide ri Lou Reed is Eddie Reader), aig Talla Rìoghail Ghlaschu is an Old Fruit Market, Proms sa Phàirc aig a’ BhBC, Esplanade a’ Chaisteil, Caisteal Shruighlea agus Taigh-cluich Eden Court. Tha an t-uabhas dhaoine air na h-òrain aige a ghabhail dhaibh fhèin, mar Paolo Nuttini, Amy NicDhòmhnaill, Mary Black, Dolores Keane, Deanta, agus Kathy Mattea. Tha an t-òran aige ‘Caledonia’ air a bhith air mullach nan charts is e air fear dhe na h-òrain Albannach as cliùitich a th’ ann san latha an-diugh. Tha a cheòl air a bhith ann am filmichean Hollywood (leithid ‘Last of the Mohicans’), dràma telebhisein (‘A Mug’s Game’ air a’ BhBC), agus tha e air a bhith fon phrosbaig air trì prògraman sònraichte aig a’ BhBC (‘The Land-Songs of Dougie MacLean’, ‘SongRoads’ agus ‘Clann na Mara’).
Tha an còmhlan-ciùil aig Dougie MacLean a’ toirt dhuinn ceòl mòr, drùidhteach is caochlaideach ‘s e a’ measgachadh ceòl dùthchasach is innealan an latha an-diugh ‘s ga shnighe mun cuairt air òrain às na 18 clàran soirbheachail a tha e air a thoirt a-mach, mar ‘Turning Away’, ‘The Gael’, agus an laoidh ‘nàiseanta’ cha mhòr, ‘Caledonia’.
“Tha gach duine sa chòmhlan ioma-thàlanta is iad a’ dol bho inneal-ciùil gu inneal-ciùil gun dragh…consart anabarrach fhèin math!” (Scotsman)
Canntaireachd
Fo stiùireadh an t-seinneadair Ghàidhlig Èilidh NicCoinnich, ‘s e buidheann de dheugairean à sgìre Inbhir Nis a th’ ann an Canntaireachd is iad a’ seinn taghadh farsaing de dh’òrain Ghàidhlig is co-sheirm theann, dhrùidhteach aca. Tha fèill mhòr air a bhith aig luchd-èisteachd orra thairis air na beagan bhliadhnaichean on a thòisich iad; is gu dearbha fhèin, bidh oidhche mhìorbhaileach agaibh nan cuideachd-san.
Fèis na h-Òige is Fèis a’ Bhaile
Thig dhà dhe na buidhnean as fheàrr a thàinig a-mach à Inbhir Nis fo sgèith nam Fèisean còmhla a-nochd. Tha na dhà dhiubh a’ teagasg nan ealan Gàidhlig dha daoine òga aig amannan diofraichte dhen bhliadhna is iad air ìre is inbhe ceòl na sgìre a thogail an-àird am measg luchd-ciùil òg.
Tiocaid tràth airson inbhich £18.00 (ro 31.07.09) agus £22.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £18.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £40.00
Tiocaidean bho Eden Court 01463 234 234 no Tiocaidean
Làrach Eden Court
Dihaoine 11 An t-Sultain 2009
Jacobite Cruise - Bànrigh nan Seumasach, Inbhir Nis
Cod-puist na talla: IV3 7JB
7.30f
Cèilidh 's Sàr-Dhìnnear fhad ‘s a sheòlas sibh sìos Loch Nis le
Donnchadh Siosalach agus Caraidean
A h-uile duine air bòrd a’ bhàta dhreachmhoir Bànrigh nan Seumasach: an tachartas boutique aig Blas! Bidh sibh a’ seòladh suas Canàl a’ Glinne Mhòir gu Loch Nis far am faigh sibh brod na dìnneir air a toirt seachad le Còcaireachd a’ Chruim-Luis Dheirg fo sgèith Nick Aburrow. Mura robh sin gu leòr, tha sinn air cuireadh a thoirt dha balach an àite, Donnchadh Siosal, fear dhe na fìdhlearan as fheàrr ann an Alba ach an tig e air bòrd gus ceòl a chluich dhuibh air an t-slighe air ais dhan acarsaid. Seo rud air a bheil fèill aig daoine an-còmhnaidh is gu tric thèid na tiocaidean a reic gu luath. Fhuair an consart is a’ chuairt-sheòlaidh lèirmheas còig rionnagan bhon Scotsman a’ chiad bhliadhna a ghabh sinn Bànrigh nan Seumasach. ‘S e seo rud a dh’fheumar a mhealadh. Siuthadaibh: gabhaibh ur leòr dheth!
Donnchadh Siosalach
‘S ann à Cnoc Mhoire ann an Siorrachd Rois a tha Donnchadh Siosalach. Dh’ionnsaich e an fhidheall nuair a bha e ochd bliadhna dh’aois bhon chroitear Dòmhnall Riddell is e air a bhith air mullach saoghal na fìdhlearachd ann an Alba fad deich bliadhna a-nise. Tràth na bheatha, bhuannaich Donnchadh bonn aig a’ Mhòd is thairis air na còig bliadhna a dh’fhalbh tha e air cluich le grunnan luchd-ciùil Albannach an dà chuid beò is air clàr. Tha e fhathast a’ cluich le Wolfstone, mar cheòladair fa leth agus cuide ri Ivan Drever.
Tiocaid £50.00
Tiocaidean Làrach-lìn na talla
Disathairne 12 An t-Sultain 2009
Eden Court, Taigh-cluich na h-Ìompaireachd,Inbhir Nis
Cod-puist na talla: IV3 5SA
7.30f
An Consart Deireannach le Blas
Blazin’ Fiddles, Barra MacNeils, Tread agus Caledonian Canal Cèilidh Trail
Ceart: bha fèis mhath dha-rìribh agaibh is chaidh agaibh air grunnan math rudan fhaicinn fad na seachdain. Carson nach cuir sibh crìoch cheart air a’ ghnothach? Thigibh còmhla rinn ann an Eden Court airson oidhche mhòr le prìomh chòmhlain-chiùil na bliadhna-sa à Alba, Èirinn is Canada. Tha na daoine-sa sònraichte is iad air a bhith air feadh an t-saoghail len tionndadh fhèin air an dualchas-chiùil bheartach againn fhìn. ‘S e daoine òga tàlanta às an àite, Caledonian Canal Cèilidh Trail, a chuireas an oidhche mhòr seo air bhog.
Blazin’ Fiddles
Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn fàilte as ùr a chur air a’ chòmhlan mhìorbhaileach Blazin’ Fiddles. Tha gach neach às a’ chòmhlan às a’ Ghaidhealtachd ‘s na h-Eileanan is iad a’ cluich pàirt uabhasach mòr ann am beatha-chiùil na Gàidhlig ‘s na h-Alba. Tha an còmhlan-sa air a bhith a’ toirt fìor thoileachas dha luchd-èisteachd thall ‘s a-bhos airson còrr is 10 bliadhna leis a’ mheasgachadh sradagach aca de phuirt às a’ Ghaidhealtachd ‘s às na h-Eileanan cho math ri puirt à àiteachan eile: measgachadh math a tha an-còmhnaidh air an ceòl a chur air feadh na fìdhle.
Tha na fìdhlearan Catriona Dhòmhnallach (Sealtainn), Bruce MacGriogair (Inbhir Nis), Ailean MacEanraig (Malaig), Iain MacPhàrlain (Gleann Fhionnain) a’ gabhail air an àrd-ùrlar cuide ri Marc Clement (Inbhir Nis) air a’ ghiotàr agus Andy Thorburn (Bail’ Eòghainn) air a’ phiàno gus a bhith a’ cruthachadh fear dhe na còmhlain bheò as fheàrr ann an ceòl ceilteach.
Barra MacNeils
Tha na Barra MacNeils air aon de na còmhlain Cheilteach as fheàrr a th’ ann air an t-saoghal. Tha iad air grunn dhuaisean a ghleidheadh, tha iad air ochd clàran, DVD leis an ainm Cape Breton Christmas, agus caochladh bhidiothan ciùil fhoillseachadh cuideachd. Tha na Barra MacNeils fhathast a’ cluich aig cuirmean-ciùil a tha loma-làn le luchd-èisteachd ann an Canada, sna Stàitean Aonaichte, sa Charibbean, agus san Rìoghachd Aontaichte.
Tread
Cuiribh eòlas air beothalachd is ealantas a’ chòmhlain aighearaich ùir seo air a thoirt dhuibh le còignear dhaoine òga is iad a’ toirt còmhla nan dualchas beartach de cheòl is de dhannsa à Èirinn, Alba agus Canada. Fàgaidh ealantas a’ chiùil ‘s an dannsaidh aig ‘Tread’ an luchd-èisteachd air an dòigh glan lem beothalachd is an cumhachd. Tha Triona Marshall (a’ chlàrsach) agus Jon Pilatzke (an fhidheall) a’ gabhail ùine bheag dheth bho bhith a’ cluich leis na seòid-chiùil ud The Cheiftains. Cuide riutha, bidh dithis eile a tha air a bhith a’ cluich leis na Chieftains fad ùine: Nathan Pilatzke (dannsa-ceum Chanada) agus Cara Butler (dannsa-ceum na h-Èireann). ‘S e steapaichean do-chreidsinnseach sgiobalta an dithis ud a bheir an luchd-èisteachd air an casan. Nan cois, bidh guth binn is giotàr Jef McLarnon: oidhche a mhaireas nur cuimhne.
Tiocaid tràth airson inbhich £18.00 (ro 31.07.09) agus £22.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £18.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £40.00
Tiocaidean bho Eden Court 01463 234 234 no Tiocaidean
Làrach Eden Court
Disathairne 12 An t-Sultain 2009
Ironworks Inbhir Nis
10.00f gu h-anmoch
Club na Fèise
‘S e seo an cothrom mu dheireadh agaibh airson spòrs agus fealladh dha aig Blas 2009. Chì sinn ann sibh!












