A’ Comharrachadh Ceòl Gàidhealach... 
5 gu 13 Sultain 2008

Fàilte gu Blas 2008. Tha an t-àm den bliadhna oirnn a-rithist anns am bi luchd-ciùil air leth a’ siubhail air feadh na Gàidhealtachd – a’ cluiche ’s a’ seinn ann an tallaichean coimhearsnachd, eaglaisean, taighean-òsta, sgoiltean, bàtaichean agus fiù ’s ann an trèanaichean!

Tha ar fèis shònraichte a-nis na ceathramh bliadhna agus nar beachd-ne tha i nas fheàrr is nas fharsaing’ na bha i a-riamh. Tha consartan mìorbhaileach againn dhuibh mar is àbhaist ach cho mhath ri sin bidh barrachd chonsartan is bhùthan-obrach air an tabhann do shean is òg agus do theaghlaichean, ann an sgoiltean, leabharlannan is ionadan poblach. Bidh ‘Club na Fèise’ ann am-bliadhna gach Oidhche-haoine dhen fhèis. Cuideachd bidh grèim bìdh ri fhaighinn aig feadhainn de na consartan.

Tha rudeigin ann airson a h-uile duine aig Blas, gun teagamh. Feumaidh sinn taing mhòr a thoirt do ar buidhnean maoineachaidh, ar buidhnean ionadail, ar luchd-taic agus dhuibh fhèin airson ur cuid taic is ur n-ùidh nar ceòl, nar cultar agus nar cànan prìseil.

© Blas Festival 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.