Blas 2009
Moladh na Gàidhealtachd
Mòran taing dhan a h-uile duine a thàinig a chèilidh oirnn aig an Fhèis. Bha e math ur faicinn! A rèir coltais b’ e seo a’ bhliadhna a bu shoirbheachail a bh’ againn gu ruige seo.
Cumaibh sùil air an làrach-lìn seo airson barrachd fiosrachaidh agus naidheachd thairis air na mìosan a tha romhainn.
Tha am prògram foghlaim againn air a bhith gu math soirbheachail cuideachd le bùthan-obrach is clasaichean a’ tachairt anns na sgoiltean air feadh na Gàidhealtachd, le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd – tha barrachd ri leughadh an seo
Cinn-latha airson Blas 2010 Dihaoine 3 – Disathairne 12 An t-Sultain
Cum sùil air na làraich conaltraidh aig Blas
A bharrachd air an làrach seo, faodadh sibh cumail suas ri naidheachdan Blas aig:-
Twitter Bebo Myspace
Chì sinn ann sibh!
|
|
|
Blas 2009 air BBC Alba
Disathairne 13 Gearran 10f
À Blas 2009, taghadh de dh' òrain is fuinn bhon chuirm 'Ceanglaichean Teaghlaich’. A’ gabhail pàirt Seonaidh & Calum Ailig MacMhaolain; Donnchadh & Iain MacIllebhrath; Dagger & Niall Gòrdon; agus Gerry & Donal O’ Connor.
Disathairne 20 Gearran 10f
Taghadh bho chruinneachadh shònraichte a chaidh a chlàradh ann an Taigh-staile Bheinn Nibheis sa Ghearasdan, a’ moladh priomh dheoch na h-Alba – an t-uisge-beatha! Air a chur ri chèile leis a’ cheòladair ainmeil, Iain MacFàrlain à Gleann Fhionnain, agus le taic bho Ingrid NicEanraig agus Eòghann MacDhonnchaidh, bidh gealladh air deàgh òrain, is puirt, agus craic gu leòr! Slàinte!
Disathairne 27 Gearran 10f
Taghadh bhon Chonsart Dheireannach à Eden Court ann an Inbhir Nis a bha loma-làn! ‘S abair oidhche! A-measg nan rionnagan eadar-nàiseanta a bha a’ gabhail pàirt – à Canada, na Barra MacNeils le am measgachadh air leth de dh’ òrain, puirt agus dannsa-ceum! A’ toirt còmhla nan dualchas beartach de cheòl is de dhannsa à Èirinn, Alba agus Canada – an còmhlan aighearach ùr – Tread. À Alba ‘s a’ cur an ceòl sradagach aca fhèin air feadh na fìdhle – na Blazin’ Fiddles! ‘S a’ riochdachadh an ath ghinealach de thàlant òg, ‘s abair tàlant – à sgìre Inbhirnis fhèin - Cuairt Cèilidh a’ Chanàil Chailleanaich.
|
|
|
|
|