Bàideanach & Srath Spè

Disathairne 6mh An t-Sultain 2008

Cèilidh Teaghlaich

MacCrimmon to the Power of Three | Còmhlan Luaidh Bhàideanach | Cuairt-chèilidh a’ Chàirn Ghuirm

Tha fàilte ro shean is òg aig Pàirc Mhuinntir na Gàidhealtachd far an tèid grunn thachartasan a chumail ann an diofar àiteachan air feadh na pàirce. Cluinnear ann MacCrimmon to the Power of Three, Calum MacCruimein (a’ phìob/an fhìdeag), a bha air a’ gheàrr-liosta airson Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna aig a’ BhBC an 2007, Innes Watson (giotàr) agus Màrtainn Mac an t-Sealgair (bogsa). ’S ann às an sgìre fhèin a tha Còmhlan Luaidh Bhàideanach agus tha iad a’ dèanamh obair ionmholta le bhith gabhail agus a’ gleidheadh òrain Ghàidhlig thraidiseanta bhon sgìre agus àiteachan eile. Cuideachd, feasgair cluinnear òrain is puirt bhon bhuidhinn aig Cuairt-chèilidh a’ Chàirn Ghuirm a chaidh a stèidheachadh o chionn ghoirid.  

Àite

Folk Park, Baile Ùr an t-Slèibh
2f
Saor an asgaidh - tiocaidean aig an doras

Disathairne 6mh An t-Sultain 2008

Ceól agus Ceò

MacCrimmon to the Power of Three | Cuairt-chèilidh a’ Chàirn Ghuirm

Thigibh còmhla rinn air aon de na turasan as bòidhche a th’ ann air trèana-smùid far an cluinn sibh puirt bharraichte agus far am faigh sibh dìnnear ana-bhlasta. Chan eil cus thiocaidean ann, mar sin glèidhibh iad tràth. Cluinnear ann MacCrimmon to the Power of Three, Calum MacCruimein (a’ phìob/an fhìdeag), a bha air a’ gheàrr-liosta airson Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna aig a’ BhBC an 2007, Innes Watson (giotàr) agus Màrtainn Mac an t-Sealgair (bogsa). Bidh daoine bho Chuairt-chèilidh a’ Chàirn Ghuirm 2008 cuideachd a’ cluich le an cuid òrain is ciùil beothail fhad ’s a tha sibh a’ siubhal air aon de na rathaidean-iarrainn as fheàrr le daoine ann am Breatainn..

Àite

Rathad-iarainn Shrath Spè, An Agaidh Mhòr
7f

tiocaidean

Diardaoin 11mh An t-Sultain 2008

Guthan Gàidhealach
 

Fiona NicCoinnich | Meantime | Andrea Pheutanach & Kimberley Fhriseal

’S e bhios aig cridhe na cuirm-ciùil seo ceòl Gàidhlig bhon Ghàidhealtachd. Tha cliù Fiona NicCoinnich a’ sìor dhol an àirde an-dràsta ann an saoghal ciùil traidiseanta às dèidh dhi an clàr “Elevate” fhoillseachadh a fhuair moladh mòr. Cuideachd air an àrd-ùrlar, bidh Meantime, còmhlan cheathrar luchd-ciùil Gàidhlig bhon Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, le dealas làidir gus a bhith sgrìobhadh òrain ùra Ghàidhlig. ’S iad Dàibhidh MacIllFhinnein, Calum Rothach, Dàibhidh Boag agus Tormod MacArtair a ghlèidh am bonn òir san t-seann nòs ann an 2006. Cuideachd sa phrògram, bidh na sàr fhìdhlearan bho Cheap Breatainn, Andrea Pheutanach agus Kimberley Fhriseal.

Àite

Ionad Bàideanach - Ceann a' Ghiuthsaich
7.30f

tiocaidean
© Blas Festival 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.