Bàideanach & Srath Spè

Disathairne 5 An t-Sultain 2009
Talla Bhaile Dhail-chuinnidh, Dail-chuinnidh
Cod-puist na talla:  PH41
7.30f

Uisge-beatha
Gàirdeachas a’ Ghaidheil air an Uisge-Bheatha
Riochdaire: Iain MacPhàrlain

Fàilte oirbh dha saoghal an uisge-bheatha! Mar phàirt dhe Blas a bhith a’ comharrachadh Bliadhna an Tillidh Albannaich, tha an ceòladair ainmeil Iain MacPhàrlain, à Gleann Fhionnain, air rud iongantach a chur ri chèile a tha na mheasgachadh de cheòl, òrain, dealbhan is ar deoch nàiseanta.

Gus faireachadh nas sònraichte buileach a thoirt air an rud, bidh na consartan seo a’ gabhail àite ann an cuid dhe na taighean-staile as ainmeile agus as samhlachail air a’ Ghaidhealtachd. Chan e a-mhàin gu bheil Iain air ceòl is òrain a bhuineas dhan uisge-bheatha is iomadh buaidh na dibhe a thaghadh airson an rud, ach cuideachd bheir e seachad a thuigse phearsanta fhèin air a’ ghnothach: uisge-beatha no uisge na beatha.

Rugadh Iain MacPhàrlain ann an Gleann Fhionnain, baile beag ann an Lochabar. Fhad ‘s a bha e ag ionnsachadh na fìdhle bho athair is bho Dhòmhnall Riddell, bha e cuideachd a’ teannadh air teagasg fhaighinn air a’ phìob-mhòir aig aois 10 bliadhna bhon Mhaidsear Phìobaireachd Eòghann MacRath. On a bha e na dheugaire, tha Iain air a bhith a’ cluich ann an iomadach còmhlan is pròiseact diofraichte, a leithid dràma Gàidhlig, dannsa an latha an-diugh, rèidio agus telebhisean is e aig an aon àm a’ cluich le seòid-chiùil an àite mar Fearchar MacRath, Aonghas Grannd agus Feargaidh Dòmhnallach. Thèid agaibh cuideachd air Iain fhaicinn ‘s e a’ cluich cuide ris a’ chòmhlan-chiùil iomraiteach, shoirbheachail Blazin’ Fiddles.

Cho math ri Iain fhèin, bidh na seinneadairean/luchd-ciùil ealanta Ingrid NicEanraig is Eòghann MacDhonnchaidh a’ gabhail air an àrd-ùrlar còmhla ris: dealbhan is fuaim le Ailean MacFhionghain.

Neach-ciùil tàlanta air iomadh inneal-ciùil, rugadh agus thogadh Ingrid NicEanraig ann an Lochabar. Ann an 1999 chaidh i an sàs sa chòmhlan-chiùil Ghàidhlig Cliar air a’ chlàrsaich is air a’ phiàno. Bhuannaich i àrd-inbhe bho BBC Radio 2 le Duais an Neach-Chiùil Thraidiseanta Òig ann an 1990. Thug i ceum a-mach ann an Cuspairean Ceilteach bho Oilthigh Ghlaschu is bhon uair sin tha i air cluich air iomadach clàr is i a-nise an ceann stiùidio-clàraidh ann an Gleann Fhionnain.

‘S ann à Drochaid Charr ann an Srath Spè a tha an seinneadair is an cluicheadair giutàir Eòghann MacDhonnachidh, 24 bliadhna dh’aois. Dh’fhrithealaich Eòghann Ionad Nàiseanta Sàr-Cheòl Dùthchasach na h-Alba ann an 2000 far an robh e ag ionnsachadh na fìdhle ‘s nam pìopan. Bha e aig tùs-gnothaich ann a bhith a’ cur ri chèile a’ chòmhlain-chiùil iomraitich Breabach, is e fhathast a’ cluich cuide riutha. Bho chionn ghoirid b’ e Eòghann a’ chiad sheinneadair/cluicheadair giutàir a bhuannaich Duais Neach-Ciùil Traidiseanta Òg na Bliadhna bho BBC Radio Scotland.

Tha Ailean MacFhionghain a’ fuireach ann an Inbhir Nis is e air obair fuaim is dhealbhan a dhèanamh dhan chuid as motha de chòmhlain-chiùil phroifeiseanta na Gaidhealtachd. Tha e ag obair a-nise aig sàr-ionad ciùil Inbhir Nis The Ironworks.


Bidh an còmhlan tàlanta Cairngorm Cèilidh Trail, le cuid dhen luchd-chiùil òg as fheàrr às an àite a tha a’ tighinn am bàrr, a’ cur air bhog a’ chonsairt seo.

Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00

Tiocaidean          Làrach-lìn na talla

Didòmhnaich 6 An t-Sultain 2009
Aviemore Highland Resort, An Aghaidh Mhòr
Cod-puist na talla:  PH22 1PN
7.30f

An Ear san Iar
Karen NicMhathain, Michael Marra agus Seumas Greumach

Tha sinn air triùir dhe na seinneadairean (ann an Gàidhlig, Beurla-Ghallda is Beurla) as motha air a bheil spèis aig a’ mhòr-shluagh a thoirt cruinn còmhla gus cluich ann an amharclann spaideil a’ Highland Resort san Aghaidh Mhòir. Tha gach neach-ciùil-sa, làn eòlais is ealantais, a’ tighinn à dualchas làidir a’ chiùil is iad air mòr-thoileachas a thoirt dha luchd-èisteachd air feadh na h-Alba ‘s an t-saoghail le na guthan binn aca ‘s an taghadh smaoineachail de chèol sean is ùr. Neach sam bith a fhuair tiocaid airson Capercaillie fhaicinn aig Blas o chionn beagan bhliadhnaichean, bidh fhios aca dè cho sònraichte ‘s a bhios a’ chuirm-chiùil-sa. Faighibh ur tiocaidean gu math tràth!

Karen NicMhathain
Aithnichte gu farsaing mar guth drùidhteach an t-sàr-chòmhlain-chiùil Capercaillie, chaidh urramm an OBE a bhuileachadh air Karen aig àm Liost Urram na Bliadhna Ùire 2006: clach-mhìle mhòr eile ri cur ris an duais a fhuair i mar ‘An Seinneadair Gàidhlig As Fheàrr’ aig Duaisean Ceòl Dùthchasach na h-Alba. Agus ‘s chan e sin ach dà mholadh a fhuaras leathase a-mach à iomadach duais eile on a thòisich i a’ seinn is i na nighinn bhig san talla-bhaile bheag aice air cost an iar na h-Alba.
Mar seinneadair fa leth, tha Karen air gnothach a ghabhail ri iomadh pròiseact de cho-obrachadh ciùil, am measg sin an sreath cliùiteach aig a’ BhBC ‘Seiseanan Thar a’ Chuain Siar’, far na chlàraich i òrain le Emmylou Harris, na Peathraichean McGarrigle, Nanci Griffith, Rufus Wainwright agus grunnan math luchd-ciùil ealanta eile.

Michael Marra
Tha na h-òrain aig Michael Marra nan obair-ealain air an cur ri chèile le snas ‘s iad a’ toirt dhuinn sealladh breithneachail air cor a’ chinne-daonna le smeuradh de dh’àbhachdas gu h-eirmseach fhèin dubh. Tha Michael, a bhuineas dha Dùn Dè, a’ seasamh airson nan daoine cumanta is e air obair mhòr a dhèanamh na cheòladair fa leth cho math ri bhith ag obair le sàr-luchd-ciùil eile à Alba. Mar neach-ciùil, tha an uimhir eòlais aige thar nam bliadhna air comas a thoirt dha an luchd-èisteachd a dhèanamh aig an taigh sa bhad is e a’ leigeil leotha làn an toileachais a ghabhail à ealantas-ciùil is a ghuth drùidhteach fhèin. Tha fìrinneachd is faireachaidhean ùr is ainneamh rim faotainn anns gach rud a nì e.

Seumas Greumach
Ceumnaiche bhon RSAMD, tha Seumas air a bhith trang air feadh na h-Alba, na Roinn Eòrpa agus nan Stàitean ‘s e a’ toirt mòr-thoileachas dha luchd-èisteachd le dhòighean socair sèimh is an guth-seinn anabarrach fhèin math aige. Tha an taghadh farsaing aige de dh’òrain Ghàidhlig a’ leigeil fhaicinn an tàlant a fhuair Duais an Neach-Chiùil Òig Thraidiseanta ann an 2004.

Tiocaid tràth airson inbhich £16.00 (ro 31.07.09) agus £18.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £16.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £40.00

TAIRGSE SHÒNRAICHTE
1) Dìnnear ron thachartas, ticead tachartais & àite-fuirich (seòmar a-mhàin) aig an taigh-òsta £49.95 gach duine
2) Agus tairgse de leabaidh & bracaist £35 gach duine le ticead sam bith.
Airson barrachd fiosrachaidh air na tairgsean seo cuir fios dha Aviemore MacDonald Highland Resort 01479 815100 no
www.macdonaldhotels.co.uk/aviemore (cleachd còd-adhartachaidh PN6)

TIOCAIDEAN A-MHÀIN (as aonais dinnear no àite-fuirich) RI FHAIGHINN

Tiocaidean bho Ticket Web                 Tiocaidean bho The Booth

Fòn: 0844 847 1684
No thèid gu oifis nan ticeagan aig an resort fhèin.

Làrach-lìn na talla

Diciadain 9 An t-Sultain 2009
Ionad Bhaideanach, Ceann a’ Ghiùthsaich
Cod-puist na talla:  PH21 1EH
7.30f

Aly Bain agus Phil Cunningham
le Iseabail NicAsgaill

Tha sinn a’ cur fàilte mhòr Ghaidhealach air Aly Bain agus Phil Cunningham is iad a’ tilleadh dhan fhèis againn. Bidh an dithis seo, ainmeil air an fhidheall ’s air a’ bhocsa-chiùil, a’ cluich le taghadh de luchd-ciùil òg, ionadail agus proifeiseanta, thairis air na cuirmean-ciùil aca le Blas.

Thòisich Aly agus Phil a’ cluich ceòl le chèile an dèidh dhaibh dibhearsan math a ghabhail is iad a’ clàradh fear dhe na ciad phrògraman telebhisein aig Aly. Bha fèill chòr mòr aig daoine orra is gun do chuir iad romhpa cuairt-chiùil a ghabhail le chèile, agus ‘s ann mar sin a rugadh càraid mòr. Tha a’ chuairt bhliadhnail aca air sìor fhàs is air a dhol na rud mòr dha-rìribh is tiocaidean nan consartan gan reic nas luaithe a h-uile bliadhna.

Tha Aly Bain air fear dhe na fìdhlearan às an traidisean cheilteach as fheàrr agus as motha air a bheil fhios aig daoine. Coimheadar air le ceartas mar sàr-fhìdhlear na h-Alba – ‘s dòcha am fìdhlear as fheàrr a bha ann a-riamh. Mar fhear a chuir Boys of the Lough air bhonn, tha Aly air siubhal gu fada is gu farsaing ann an Aimeireagaidh, anns an Roinn Eòrpa agus anns an Rìoghachd Aonaichte. Ann an 1994 chaidh urram na Bànrigh, an M.B.E, a bhuileachadh air is e air aithneachadh airson na rinn e ann an ceòl. Agus chaidh urram eile a thoirt dha ann an 1999 nuair a fhuair e an ceum urramaichte, Ollamh Ciùil, bho Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alba.

Tha Phil Cunnigham ainmeil air feadh an t-saoghail mar chluicheadair a’ bhocsa-chiùil is mar sgrìobhadair ciùil. Aig aois sia bliadhna deug chaidh e an sàs cuide ri bhràthair John sa chòmhlan chliùiteach Silly Wizard. Chaidh ainmeachadh san Scotsman, san Ògmhios 1996, mar fear dhe na daoine as motha buaidh ann an Alba. O chionn ghoirid, tha obair Phil air àireamh mhath de phìosan ciùil airson an telebhisein agus filmaichean a ghabhail a-staigh, is e a’ sìor dh’obair mar stiùiriche dha tachartasan mòra an dà chuid air an telebhisean agus ann an taighean-cluiche.

Iseabail NicAsgaill
‘S ann às an Rubha, Eilean Leòdhais, a tha Iseabail. Chaidh a togail air dualchas beartach ceòl is òrain na Gàidhlig thar nan linn. Tha an dòigh-seinn sònraichte aig Iseabail, gun inneal-ciùil na cois anns an t-seann nòs, agus an liuthad uair a tha i air a bhith air an rèidio is an telebhisean, air seasamh a thoirt dhi mar tè dhe na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr ‘s a dh’aithnicheas daoine san latha a tha ann.

Tiocaid tràth airson inbhich £12.00 (ro 31.07.09) agus £14.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £12.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £30.00

Tiocaidean        Làrach-lìn na talla

© Blas Festival 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.