Cataibh

Dimàirt 8 An t-Sultain 2009
Talla-bhaile, Loch an Inbhir
Cod-puist na talla:  IV27 4JY
7.30f

Co-oghaichean Ceilteach – Èirinn is Alba
Tread, Seumas Greumach agus Trio Fèis Chataibh

Duine sam bith a chunnaic consart nan Chieftains aig Blas 2008 (no air BBC Alba), cha dìochuimnich iad gu bràth na dannsairean is an luchd-ciùil òg is iongantach à Èirinn agus Canada a chluich cuide ris a’ chòmhlan mhòr ud. Chuir iad na bha sin de dh’iongnadh oirnn, len ealantas sgiobalta, is gun do dh’fhaighnich sinn an robh iad a’ cluich taobh a-muigh nan Chieftains fhèin? Gu sealbhach dhuinne, bha ‘s tha: agus ‘s iad ‘Tread’! Tha sinn air ‘Tread’ a chur air cuairt na Gaidhealtachd le feadhainn dhen luchd-chiùil òg as fheàrr a tha a’ tighinn am bàrr ann an Alba cho math ris na còmhlain ioma-thàlanta a bhuineas dha Fèisean nan Gaidheal. Seo aon oidhche a bheir oirbh ur basan a bhualadh is ur casan a bhreabadh!

Tread
Cuiribh eòlas air beothalachd is ealantas a’ chòmhlain aighearaich ùir seo air a thoirt dhuibh le còignear dhaoine òga is iad a’ toirt còmhla nan dualchas beartach de cheòl is de dhannsa à Èirinn, Alba agus Canada. Fàgaidh ealantas a’ chiùil ‘s an dannsaidh aig ‘Tread’ an luchd-èisteachd air an dòigh glan lem beothalachd is an cumhachd. Tha Triona Marshall (a’ chlàrsach) agus Jon Pilatzke (an fhidheall) a’ gabhail ùine bheag dheth bho bhith a’ cluich leis na seòid-chiùil ud The Cheiftains. Cuide riutha, bidh dithis eile a tha air a bhith a’ cluich leis na Chieftains fad ùine: Nathan Pilatzke (dannsa-ceum Chanada) agus Cara Butler (dannsa-ceum na h-Èireann). ‘S e steapaichean do-chreidsinnseach sgiobalta an dithis ud a bheir an luchd-èisteachd air an casan. Nan cois, bidh guth binn is giotàr Jef McLarnon: oidhche a mhaireas nur cuimhne


Seumas Greumach
Ceumnaiche bhon RSMDA, tha Seumas air a bhith trang air feadh na h-Alba, na Roinn Eòrpa agus nan Stàitean ‘s e a’ toirt mòr-thoileachas dha luchd-èisteachd le dhòighean socair sèimh is an guth-seinn anabarrach fhèin math aige. Tha an taghadh farsaing aige de dh’òrain Ghàidhlig a’ leigeil fhaicinn an tàlant a fhuair Duais an Neach-Chiùil Òig Thraidiseanta ann an 2004.

Cuiridh sin fàilte air luchd-ciùil bho Fhèis Chataibh a-nochd cuideachd.

Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00


tiocaidean          Làrach-lìn na talla

Dihaoine 11 An t-Sultain 2009
Talla Carnegie san Chlais Mhòr
Cod-puist na talla:  IV25 3RG
7.30f

A’ Tilleadh à Canada
Barra MacNeils agus Fèis Chataibh

A’ comharrachadh nan sinnsirean Gàidhealach aca, tha na Barra MacNeils a’ tilleadh gu Fèis Bhlas airson Tilleadh a dh’Alba 2009, agus iad a’ cluich aig trì cuirmean-ciùil sònraichte còmhla ri cuid de na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr a th’ againn.

Tha na Barra MacNeils air aon de na còmhlain Cheilteach as fheàrr a th’ ann air an t-saoghal. Tha iad air grunn dhuaisean a ghleidheadh, tha iad air ochd clàran, DVD leis an ainm Cape Breton Christmas, agus caochladh bhidiothan ciùil fhoillseachadh cuideachd. Tha na Barra MacNeils fhathast a’ cluich aig cuirmean-ciùil a tha loma-làn le luchd-èisteachd ann an Canada, sna Stàitean Aonaichte, sa Charibbean, agus san Rìoghachd Aontaichte.

Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn a ràdh riutha, “Fàilte Dhachaigh”.

Bidh òganaich bho Chuairt-chèilidh Fèis Chataibh, agus iad am measg cuid de na rionnagan as tàlantaiche ann an ceòl traidiseanta, a’ cluich còmhla ris na Barra MacNeils san dàrna cuirm-chiùil mu dheireadh sa Chlais Mhòr.

Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00

Tiocaidean          Làrach-lìn na talla

© Blas Festival 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.