An t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse
Dihaoine 5 An t-Sultain 2008
Taigh Cèilidh
Iain is Murachadh Camshron | Cairistìona Primrose | Màiri Sìne Chaimbeul | Joy Dunlop | Cuairt-chèilidh Fèis an Earraich
Tha a’ Ghàidhealtachd ainmeil airson cèilidhean traidiseanta agus chan eil teagamh ann nach e cèilidh air leth math a bhios san tè seo! Bidh ceòl dannsa ann bho na bràithrean tàlantach às an àite fhèin Iain is Murachadh Camshron, a thuilleadh air seinn Ghàidhlig bharraichte bho Mhàiri Sìne Chaimbeul agus Cairistìona Primrose, dithis a ghlèidh am bonn òir airson seinn seann-nòs aig a’ Mhòd, agus a’ bhana-sheinneadair òg bho Earra-Ghàidheal Joy Dunlop. A bharrachd air a h-uile càil dhe sin bidh òrain is puirt ann bho Chuairt-chèilidh Fèis an Earraich.
Àite
Talla Choimhearcnachd, Gleann Eilg
7.30f
tiocaidean
Dihaoine 5 An t-Sultain 2008
Taigh Cèilidh
Iain MacAoidh agus Iain Iòsaph Dòmhnallach / Iseabail NicAsgaill
Tha Ratharsair air aon de na h-eileanan as brèagha air cost’ an iar na h-Alba. Tha dithis de na sàr sheinneadairean Gàidhlig as ainmeile, Iain MacAoidh is Iseabail NicAsgaill, gu bhith seinn aig a’ chèilidh agus ’s cinnteach gur e oidhche air leth a bhios ann, thoradh tha cliù mòr aig muinntir na Gàidhealtachd air feadh an t-saoghail airson an cuid aoigheachd agus fearas-chuideachd.
Àite
Talla Choimhearsnachd Rathairsaigh
7.30f
tiocaidean
Disathairne 6 An t-Sultain 2008
Teudan is Eile
Còmhlan Jenna Reid | Na Duplets | Cuairt-chèilidh Fèis an Earraich
Sa chuirm-chiùil seo nochdaidh aon de na fìdhlearan òga as fheàrr agus dithis de na clàrsairean as fheàrr ann an Alba còmhla. Dh’fhoillsich Jenna Reid a’ chiad CD aice fhèin “With Silver and All” ann an 2005, clàr a chaidh a mholadh gu mòr, agus tha i na ball den chòmhlan Dòchas. ’S iad Freya Thomsen is Gillian Fleetwood Na Duplets, a tha “am measg na feadhna as fheàrr a tha a’ cluich ceòl clàrsach ùr-nòsach Albannach.” Cuideachd aig a’ chuirm-chiùil bidh an sgioba bho Chuairt-chèilidh Fèis an Earraich 2008 a’ nochdadh air an àrd-ùrlar le an cuid òrain is puirt.
Àite
Sabhal Mòr Ostaig, Slèite
7.30f
tiocaidean
Diluain 8 An t-Sultain 2008
Julie Fowlis & Muireann Nic Amhlaoidh
Julie Fowlis & Muireann Nic Amhlaoibh | Aonghas MacNeacail
’S ann à Uibhist a Tuath a tha Julie Fowlis o thùs agus ann an 2007 ghlèidh i Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna agus Clàr na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba, agus ann an 2008 fhuair i Seinneadair Mith-òrain na Bliadhna aig BBC Rèidio 2. Bidh i a’ cluich agus a’ seinn còmhla ris a’ bhana-sheinneadair Èireannach Muireann Nic Amhlaoibh, a tha sa chòmhlan Danú. A thuilleadh air duaisean a fhuair i leis a’ chòmhlan, fhuair Muireann “an seinneadair as fheàrr” aig na duaisean liveireland.com ann an 2005. Air an oidhche bidh am pìobaire Aonghas MacNeacail à Slèite a’ cluich còmhla riutha, a tha air grunn dhuaisean a ghleidheadh thar nam bliadhnaichean, nam measg bhuannaich e a’ phrìomh dhuais aig Cruinneachadh na h-Àirde Tuath ann an Inbhir Nis.
Le taic bho Cholmcille
Àite
Aros, Port Rìgh
7.30f
Tiocaidean bho Aros air 01478 613750
Diciadain 10 An t-Sultain 2008
Cherish the Ladies agus Caraidean
Cherish the Ladies | Chrissy Crowley & Jason Roach | Lewis MacFhionghain
Tha Blas air leth toilichte gum bi an còmhlan traidiseanta Èireannach seo, a tha stèidhichte sna Stàitean Aonaichte, a’ cluich a-nochd. Thar nam bliadhnaichean a dh’fhalbh, tha an còmhlan air a bhith siubhal air feadh Ameireagaidh a Tuath agus a Deas, na Rìoghachd Aonaichte, na Roinn Eòrpa, Astràilia agus New Zealand, agus iad a’ cluich ann an cuid de na tallachan consairt as fheàrr a th’ ann agus aig fèisean eadar-nàiseanta. Cuideachd air an àrd-ùrlair bidh dithis luchd-ciùil òga bho Cheap Breatainn, Chrissy Crowley air an fhidheall agus Jason Roach air a’ phiàno. Bidh fear òg eile bho Cheap Breatainn, Lewis MacFhionghain, cuideachd a’ seinn òrain Ghàidhlig.
Àite
Aros, Port Rìgh
7.30f
Tiocaidean bho Aros air 01478 613750
Diardaoin 11 An t-Sultain 2008
Na Bràithrean Dòmhnallach
Aonghas, Ailean & Iain Dòmhnallach | Lewis MacFhionghain | Chrissy Crowley & Jason Roach
Cluinnear àireamh mhath de luchd-ciùil tàlantach aig a’ Chaisteal ainmeil air Eilean Donan sa chuirm-chiùil a-nochd. Aig mullach a’ chlàir bidh na bràithrean Dòmhnallach iomraiteach, Dr Aonghas, Ailean agus Iain. Mar luchd-ciùil fa leth tha iad air leth comasach agus nan luchd-ciùil cliùiteach, agus chan ann tric a tha iad a’ faighinn a’ chothruim cluich còmhla. Na caillibh seo! Còmhla ris na bràithrean bidh an seinneadair Gàidhlig à Ceap Breatainn, Lewis MacFhionghain, agus dithis luchd-ciùil tàlantach à Cheap Breatainn, Chrissy Crowley air an fhìdhill agus Jason Roach air a’ phiàno.
Àite
Caisteal Eilean Donan
tiocaidean
Dihaoine 12 An t-Sultain 2008
Ùrachadh
’S e a th’ anns an riochdachadh anabarrach seo, turas tro eachdraidh Iar-thuath Chataibh, tro cheòl, òrain, bàrdachd agus lèirsinn. Gu cinnteach mairidh an oidhche fada air chuimhne, oir am measg na feadhna a bhios a’ nochdadh an cuid thàlantan, bidh Seumas Greumach, a ghlèidh am bonn òir aig a’ Mhòd, am fìdhlear Rhona Shuthurlanach, an neach-piàino Seumas Ros, Catrìona NicLeòid a tha a’ seinn agus a’ cluich ghrunn ionnstramaidean agus am pìobaire agus cluicheadair bogsa Carol-Anne NicAoidh bhon chòmhlan Dòchas.
Àite
Talla Choimhearsnachd, Loch Carran
7.30f
tiocaidean
Disathairne 13 An t-Sultain 2008
Càirdean à Ceap Bretainn
Andrea Pheutanach & Kimberley Fhriseal | Lewis MacFhionghain | Chrissy Crowley & Jason Roach | Cara NicIllEathain
Tha sinn a’ toirt ar caraidean bho Cheap Breatainn còmhla aig Sabhal Mòr Ostaig airson aon hòro-gheallaidh eile, le Andrea Pheutanach agus Kimberley Fhriseal air an fhìdhill, seinn Ghàidhlig bho Lewis MacFhionghain agus an dithis luchd-ciùil Chrissy Crowley and Jason Roach air an fhìdhill agus air a’ phiàno. Cumaidh Cara NicIllEathain bhon Eilean Sgitheanach taic riutha le beagan dannsa-ceum. Bidh sibh air ur beò-ghlacadh le an cuid ciùil, òran is dannsa agus bidh an luchd-èisteachd ag iarraidh tuilleadh!
Àite
Sabhal Mòr Ostaig, Slèite
7.30f








