An t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse
Dihaoine 4 an t-Sultain 2009
Caisteal Eilean Donan, An Dòrnaidh, Cinn Tàile
Cod-puist na talla: IV41 8DX
7.30f
Na Fineachan Mòra Gàidhealach
Clann MhicRath, Clann Chinn Tàile
Bha Cinn Tàile an toiseach na phàirt de oighreachd Chlann MhicCoinnich. Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig Clann MhicRath gu Cinn Tàile san 14mh linn, agus iad ron sin air cliù a dhèanamh dhaibh fhèin mar dhaoine ghaisgeanta a’ sabaid airson Clann MhicShimidh. Dh’aontaich iad sabaid airson Clann MhicCoinnich - ‘Rent Day in the Wilderness’ le Edwin Landseer – Seamarlan an Triath Shìophort, Dòmhnall MacMhurchaidh, a’ gabhail màl bho Chlann MhicRath Chinn Tàile airson am fearann aca san sgìre. Mhair an càirdeas eadar Clann MhicRath is Clann MhicCoinnich gus an deach siostam nam fineachan à bith, agus thugadh an t-ainm ‘MacKenzie’s shirt of mail’ orra ri linn a’ chàirdeis seo.
Luchd-ciùil
Ceana Chaimbeul – Neach-aithris, Neach-rannsachaidh & Seinneadair.
Còmhla ri
Deirdre Ghreumach – Clàrsach & Seinn
Calum MacCruimein – A’ Phìob & Seinn
Fiona NicAsgaill - Fidheall & Seinn
agus
Cuairt-chèilidh Fèis an Earraich bhon Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, le cuid den luchd-ciùil òga as fheàrr a tha a’ tòiseachadh a’ dèanamh ainm dhaibh fhèin, agus iad a’ fosgladh an dà chuirm-chiùil shònraichte seo.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
Tiocaidean Làrach-lìn na talla Clann MhicRath
Disathairne 5 an t-Sultain 2009
Caisteal Dhùn Bheagan
7.30f
Na Fineachan Mòra Gàidhealach
Clann MhicLeòid
Tha eachdraidh inntinneach na sliochd a’ dol air ais gu Leòd, a rugadh mu 1200, mac Olaf Dubh, Rìgh Mhanainn agus nan Eilean. Phòs Leòd nighean agus ban-oighre Clann MhicArailt mu 1220. Bho a mhac, Tormod, a tha Clann MhicLeòid na Hearadh, Dhùn Bheagan agus Ghleann Eilg a’ tighinn, agus b’ ann bho a dhàrna mac, Torcuil, a thàinig Clann MhicLeòid Leòdhais. Tro na linntean tha ainm air a bhith aig Clann MhicLeòid mar fhine a bha dìleas don cheann-chinnidh aca, a nochd dealas ann a bhith a’ gleidheadh an t-seann chaisteil aca ann an Dùn Bheagan, aig an robh meas mòr air ceòl agus beul-aithris na Gàidhlig, a bha air leth comasach ann an dreuchdan, agus a bha air leth dìleas do chàch a chèile.
Luchd-ciùil
Ceana Chaimbeul – Neach-aithris, Neach-rannsachaidh & Seinneadair.
Còmhla ri
Deirdre Ghreumach – Clàrsach & Seinn
Calum MacCruimein – A’ Phìob & Seinn
Fiona NicAsgaill - Fidheall & Seinn
agus
Cuairt-chèilidh Fèis an Earraich bhon Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, le cuid den luchd-ciùil òga as fheàrr a tha a’ tòiseachadh a’ dèanamh ainm dhaibh fhèin, agus iad a’ fosgladh an dà chuirm-chiùil shònraichte seo.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
Tiocaidean Clann MhicLeòid
Didòmhnaich 6 An t-Sultain 2009
Eaglais an Naoimh Moire, Port Rìgh
Cod-puist na talla: IV51 9HB
8.00f
An Aifreann Ghàidhlig le Blàr Dùghlas
Bho chionn fhada an t-saoghail tha mac an duine air a bhith a’ sireadh neart agus dòchas tro orthachan, beannachdan, ùrnaigh agus seanfhaclan le bhith moladh dìomhaireachd do-mhìnichte na cruinne-cè. Tha comharrachadh Suipear an Tighearna “aig cridhe na Coimhearsnachd Crìosdail” agus aig cridhe a’ chreideimh agus a’ bheatha Chrìosdail. Tha e air buaidh shònraichte a thoirt air mar a leasaicheadh ceòl tro na linntean.
’S e rudan gu math cumhachdail agus brèagha a th’ ann an ceòl is seinn – na h-ealain. Tha greadhnachas agus neart fhaireachdainnean gar cuairteachadh tro na h-ealain seo.
Chan e dìreach ceòl labhairteach a th’ anns an Aifrinn: tha adhbhar air cùl a’ chiùil labhairteach seo. Mar phàirt de sheirbheis naoimh, ’s e an t-slat-tomhais a chleachdar gus breithneachadh air ceòl Aifreann sam bith, mar a tha e a’ dèanamh dlùth-cheangal agus ceangal gnìomhach ris an ìobairt naoimh. Mar shearbhantan an adhraidh, tha ceòl is seinn comasach air dàimh daingeann a dhèanamh eadar an t-anam agus an Tighearna, ag adhbharachadh agus a’ cur an cèill fhaireachdainnean co-cheangailte ri moladh, guidhe, rèite, taingealachd, aoibhneas a thuilleadh air bròn, gaol, earbsa agus sìth.
An Aifreann Ghàidhlig – pròiseact anns an robh ùidh mhòr aig Blàr Dùghlas o chionn beagan bhliadhnaichean, ach cha b’ ann gus o chionn ghoirid a bha e a’ faireachdainn gun robh e deiseil, gu spioradail agus a thaobh a chuid chiùil, a ghabhail os làimh.
Tha an Aifreann aige freumhaichte gu daingeann ann an dualchas nan Ceilteach ach tha i cuideachd a’ rannsachadh agus a’ leasachadh dhiofar raointean ciùil. San Aifrinn cluinnear ionnstramaidean traidiseanta mar a’ chlàrsach, an fhìdheall, an duiseal, agus a’ phìob mhòr a thuilleadh air taic bho orcastra, òrgan agus meur-chlàr. Le bhith a’ cur an dà stoidhle ciùil còmhla, thèid obair chiùil gun samhla a chruthachadh gun a bhith a’ dèanamh cron air naomhachd na h-Aifrinn. ’S e a bhios san Aifrinn Ghàidhlig, co-nasgadh de stoidhlichean traidiseanta agus clasaigeach.
Bidh Cuairt Cheilidh Fèis an Earraich a' toiseachadh na h-oidhche.
Cha bhi tiocaidean rim faighinn airson an tachartais seo, ach gheibh na ciad daoine a thig ann air an latha a-steach le bhith a’ toirt dhuinn tabhartas-airgid. Faodar tiocaidean a chuir gu aon taobh air làrach-lìn
The Booth
Diluain 7 An t-Sultain 2009
Talla-bhaile Port nan Long, An t-Eilean Sgitheanach
Cod-puist na talla: IV47 8SL
7.30f
Uisge-beatha
Gàirdeachas a’ Ghaidheil air an Uisge-Bheatha
Riochdaire: Iain MacPhàrlain
Fàilte oirbh dha saoghal an uisge-bheatha! Mar phàirt dhe Blas a bhith a’ comharrachadh Bliadhna an Tillidh Albannaich, tha an ceòladair ainmeil Iain MacPhàrlain, à Gleann Fhionnain, air rud iongantach a chur ri chèile a tha na mheasgachadh de cheòl, òrain, dealbhan is ar deoch nàiseanta.
Gus faireachadh nas sònraichte buileach a thoirt air an rud, bidh na consartan seo a’ gabhail àite ann an cuid dhe na taighean-staile as ainmeile agus as samhlachail air a’ Ghaidhealtachd. Chan e a-mhàin gu bheil Iain air ceòl is òrain a bhuineas dhan uisge-bheatha is iomadh buaidh na dibhe a thaghadh airson an rud, ach cuideachd bheir e seachad a thuigse phearsanta fhèin air a’ ghnothach: uisge-beatha no uisge na beatha.
Rugadh Iain MacPhàrlain ann an Gleann Fhionnain, baile beag ann an Lochabar. Fhad ‘s a bha e ag ionnsachadh na fìdhle bho athair is bho Dhòmhnall Riddell, bha e cuideachd a’ teannadh air teagasg fhaighinn air a’ phìob-mhòir aig aois 10 bliadhna bhon Mhaidsear Phìobaireachd Eòghann MacRath. On a bha e na dheugaire, tha Iain air a bhith a’ cluich ann an iomadach còmhlan is pròiseact diofraichte, a leithid dràma Gàidhlig, dannsa an latha an-diugh, rèidio agus telebhisean is e aig an aon àm a’ cluich le seòid-chiùil an àite mar Fearchar MacRath, Aonghas Grannd agus Feargaidh Dòmhnallach. Thèid agaibh cuideachd air Iain fhaicinn ‘s e a’ cluich cuide ris a’ chòmhlan-chiùil iomraiteach, shoirbheachail Blazin’ Fiddles.
Cho math ri Iain fhèin, bidh na seinneadairean/luchd-ciùil ealanta Ingrid NicEanraig is Eòghann MacDhonnchaidh a’ gabhail air an àrd-ùrlar còmhla ris: dealbhan is fuaim le Ailean MacFhionghain.
Neach-ciùil tàlanta air iomadh inneal-ciùil, rugadh agus thogadh Ingrid NicEanraig ann an Lochabar. Ann an 1999 chaidh i an sàs sa chòmhlan-chiùil Ghàidhlig Cliar air a’ chlàrsaich is air a’ phiàno. Bhuannaich i àrd-inbhe bho BBC Radio 2 le Duais an Neach-Chiùil Thraidiseanta Òig ann an 1990. Thug i ceum a-mach ann an Cuspairean Ceilteach bho Oilthigh Ghlaschu is bhon uair sin tha i air cluich air iomadach clàr is i a-nise an ceann stiùidio-clàraidh ann an Gleann Fhionnain.
‘S ann à Drochaid Charr ann an Srath Spè a tha an seinneadair is an cluicheadair giutàir Eòghann MacDhonnachidh, 24 bliadhna dh’aois. Dh’fhrithealaich Eòghann Ionad Nàiseanta Sàr-Cheòl Dùthchasach na h-Alba ann an 2000 far an robh e ag ionnsachadh na fìdhle ‘s nam pìopan. Bha e aig tùs-gnothaich ann a bhith a’ cur ri chèile a’ chòmhlain-chiùil iomraitich Breabach, is e fhathast a’ cluich cuide riutha. Bho chionn ghoirid b’ e Eòghann a’ chiad sheinneadair/cluicheadair giutàir a bhuannaich Duais Neach-Ciùil Traidiseanta Òg na Bliadhna bho BBC Radio Scotland.
Tha Ailean MacFhionghain a’ fuireach ann an Inbhir Nis is e air obair fuaim is dhealbhan a dhèanamh dhan chuid as motha de chòmhlain-chiùil phroifeiseanta na Gaidhealtachd. Tha e ag obair a-nise aig sàr-ionad ciùil Inbhir Nis The Ironworks.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
Tiocaidean Làrach-lìn na talla
Diciadain 9 An t-Sultain 2009
Àros, Port Rìgh Cod-puist na talla: IV51 9EU
7.30f
A’ Tilleadh à Canada
Barra MacNeils agus Darren MacIllEathain
A’ comharrachadh nan sinnsirean Gàidhealach aca, tha na Barra MacNeils a’ tilleadh gu Fèis Bhlas airson Tilleadh a dh’Alba 2009, agus iad a’ cluich aig trì cuirmean-ciùil sònraichte còmhla ri cuid de na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr a th’ againn.
Tha na Barra MacNeils air aon de na còmhlain Cheilteach as fheàrr a th’ ann air an t-saoghal. Tha iad air grunn dhuaisean a ghleidheadh, tha iad air ochd clàran, DVD leis an ainm Cape Breton Christmas, agus caochladh bhidiothan ciùil fhoillseachadh cuideachd. Tha na Barra MacNeils fhathast a’ cluich aig cuirmean-ciùil a tha loma-làn le luchd-èisteachd ann an Canada, sna Stàitean Aonaichte, sa Charibbean, agus san Rìoghachd Aontaichte.
Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn a ràdh riutha, “Fàilte Dhachaigh”.
Tha Darren MacIllEathain (23) am measg cuid de na seinneadairean Gàidhlig òga as fheàrr ann an Alba. ’S ann bho theaghlach sheinneadairean iomraiteach a tha e – bha iar-uncail Calum Ceanadach na shàr-sheinneadair Gàidhlig a bha ainmeil gu h-eadar-nàiseanta – agus thòisich Darren a’ seinn na òige ann an Ròthaig, faisg air Dùn Bheagan san Eilean Sgitheanach.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
Tiocaidean Làrach-lìn na talla Aros 01478 613750
Diardaoin 10 An t-Sultain 2009
Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, an t-Eilean Sgitheanach
Cod-puist na talla: IV44 8RQ
7.30f
Blazin’ Fiddles – Ar Ceòl air feadh na Fìdhle
le The Cherry on the Cream
Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn fàilte as ùr a chur air a’ chòmhlan mhìorbhaileach Blazin’ Fiddles. Tha gach neach às a’ chòmhlan às a’ Ghaidhealtachd ‘s na h-Eileanan is iad a’ cluich pàirt uabhasach mòr ann am beatha-chiùil na Gàidhlig ‘s na h-Alba. Tha an còmhlan-sa air a bhith a’ toirt fìor thoileachas dha luchd-èisteachd, aig an taigh is thall thairis, airson còrr is 10 bliadhna leis a’ mheasgachadh sradagach aca de phuirt às a’ Ghaidhealtachd ‘s às na h-Eileanan cho math ri puirt à àiteachan eile: measgachadh math a tha an-còmhnaidh air an ceòl a chur air feadh na fìdhle.
Tha na fìdhlearan Catriona Dhòmhnallach (Sealtainn), Bruce MacGriogair (Inbhir Nis), Ailean MacEanraig (Malaig), Iain MacPhàrlain (Gleann Fhionnain) a’ gabhail air an àrd-ùrlar cuide ri Marc Clement (Inbhir Nis) air a’ ghiutàir agus Andy Thorburn (Bail’ Eòghainn) air a’ phiàno gus a bhith a’ cruthachadh fear dhe na còmhlain bheò as fheàrr ann an ceòl ceilteach.
The Cherry on the Cream
San Ògmhios 2006, thàinig Aonghas MacNeacail às a’ Chill Mhòir agus Coll Dòmhnallach à Peighinn a’ Chorrain còmhla agus rugadh The Cherry on the Cream. Measgachadh làidir is abaich dhen phìob-mhòir is dhen fhidheall air am maistreadh le chèile, bheir an dithis Sgitheanach òga a tha seo ùrachadh dhuibh is sibh air bhioran le fiamh-ghàire air ur n-aodann! ‘S ann a-mach às a’ chroit a tha an ceòl-sa is gun teagamh sam bith bhon Chost an Iar.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
tiocaidean Làrach-lìn na talla
Dihaoine 11 An t-Sultain 2009
Àros, Port Rìgh Cod-puist na talla: IV51 9EU
7.30f
Guthan nan Gàidheal
Mairi Anna NicUalraig agus Na Seòid, The MacCollective
Màiri Anna NicUalraig is Na Seòid – ann am prioba na sùla chaidh an sàr-chòmhlan seo a dhearbhadh mar sheinneadairean thar chàich ann an saoghal-ciùil na Gaidhealtachd ‘s na h-Alba san latha a th’ ann. Tha seachd guthan fhear òga, làn doimhneachd, eòlais is ealantais, gan snighe mun cuairt air aona guth boireann is sin uile le taic gu math tuigseach bho chaochladh innealan-ciùil.
‘S ann dha-rìribh cumhachdach a tha an còmhlan-sa le Màiri Anna NicUalraig, Seumas Greumach, Noraidh MacIomhair, Tormod MacArtair, Gillebrìde MacIllemhaoil, Calum Ailig MacMhaolain, Aonghas MacPhàil agus Griogair Labhraidh: a tha h-uile fear (is tè) aca air àrd-dhuaisean ciùil a bhuannachadh dhaibh fhèin. Dèanaibh deiseil ma-tà airson fìor mhaistreadh de ghuthan, de cho-sheirm, de dh’òrain is de cheòl drùidhteach fhad ‘s a bheir Màiri Anna NicUalraig is Na Seòid ceòl Gàidhlig gu h-àiteachan far nach deach e roimhe ach ainneamh.
The MacCollective
On a bhuannaich i an sàr-dhuais aig BBC Rèidio 2, ‘Duais Ciùil Dhùthchasaich Òig’ ann an 2005, tha Lauren NicCholla air a dhol bho neart gu neart is i an ceann ‘The MacCollective’ cuide ri Barry Reid (Croft No. 5) agus Mhairi Hall. Le stiùireadh na fìdhle, cho math ri measgachadh làidir dhen phiàno is dhen ghiotàr, bheir iad air cuairt-chiùil sibh, bho righle gu srath-spè gu puirt dhrùidhteach Ghaidhealach. Ann an 2008 chaidh an inbhe ‘Classic Album’ fo sgèith na fèise ‘Ceanglaichean Ceilteach’ a thoirt dhan chiad chlàr aca is iad a-nise a’ toirt tarraing air puirt sean is ùr às a’ Ghaidhealtachd.
Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00
Tiocaidean Làrach-lìn na talla Aros 01478 613750
Disathairne 12 An t-Sultain 2009
Talla-Bhaile Ghleann Eilg, Loch Aillse
Cod-puist na talla: IV40 8JU
7.30f
Cèilidh & Dannsa
le Feargaidh Dòmhnallach ‘s a chàirdean
Ciamar a tha sibh ag iarraidh nan cèilidh agaibh? Ma tha sibh cotlach rinne, ‘s e duine leithid Feargaidh Dòmhnallach a bu toil leibh a bhith an ceann ghnothaichean. Tha Feargaidh eòlach air saoghal nan cèilidh nas fheàrr na duine sam bith eile is e air a bhith a’ tàladh dhaoine a-mach a dhannsadh fad bhliadhnaichean mòra. Ach mus tòisich Feargaidh ‘s a sheòid a’ cluich airson an dannsa, gabhaidh luchd-ciùil òg, ealanta is aighearach às an Eilean Sgitheanach, Loch Aillse ‘s Eilean Leòdhais air an àrd-ùrlar. Tha talla-bhaile Ghleann Eilg air a shuidheachadh ann an àite air leth àlainn agus ‘s math as d’ fhiach a’ chuairt ma tha sibh ag iarraidh fìor chèilidh Gaidhealach a bhith agaibh.
Feargaidh Dòmhnallach – fear a’ bhocsa-chiùil is stiùiriche còmhlain-chèilidh thar chàich airson còrr is 40 bliadhna. Tha Feargaidh air bhàrr saoghal-ciùil nan còmhlan-cèilidh is e air còrr is 23 clàran a thoirt a-mach.
Le bhocsa-ciùil, ‘s ann tric a chithear Feargaidh air prògraman ceòl-dannsaidh air BBC na h-Alba; b’ esan a’ chiad duine a bha a’ craoladh ceòl nan cèilidh. ‘S e fìor laoch-ciùil a tha ann air Gaidhealtachd na h-Alba far a bheil fèill mhòr air fhèin ‘s air a chòmhlan aig cèilidhean nuair a dh’fheumar ceòl dannsa thar chàich. ‘S iad a tha na chòmhlan an-dràsta: Feargaidh Dòmhnallach, Ùisdean MacChaluim, Iain Dòmhnallach, Morbhairn Dhòmhnallach.
Seumas MacCoinnich is Caraidean – còmhlan a th’ ann de luchd-ciùil traidiseanta, òg, èasgaidh. Bheir iad cruinn beothalachd pìob-mhòr Sheumais, ealantas bocsa-ciùil Raibeirt Nairn agus cumhachd giotàr Mhata Watson. ‘S e ceòl a’ chost an iar aig a bheil buaidh orra, agus còmhla thèid aca air stoidhle air leth a chur an cèill.
Bidh Cuairt Chèilidh Fèis an Earraich a' toiseachadh na h-oidhche.
Tiocaid tràth airson inbhich £8.00 (ro 31.07.09) agus £10.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £8.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £22.00












