Siorrachd Rois

Dihaoine 4 An t-Sultain 2009
Taigh-staile Glen Ord, Am Blàr Dubh
Cod-puist na talla: IV6 7UJ
7.30f

Uisge-beatha
Gàirdeachas a’ Ghaidheil air an Uisge-Bheatha

Riochdaire: Iain MacPhàrlain

Fàilte oirbh dha saoghal an uisge-bheatha! Mar phàirt dhe Blas a bhith a’ comharrachadh Bliadhna an Tillidh Albannaich, tha an ceòladair ainmeil Iain MacPhàrlain, à Gleann Fhionnain, air rud iongantach a chur ri chèile a tha na mheasgachadh de cheòl, òrain, dealbhan is ar deoch nàiseanta.

Gus faireachadh nas sònraichte buileach a thoirt air an rud, bidh na consartan seo a’ gabhail àite ann an cuid dhe na taighean-staile as ainmeile agus as samhlachail air a’ Ghaidhealtachd. Chan e a-mhàin gu bheil Iain air ceòl is òrain a bhuineas dhan uisge-bheatha is iomadh buaidh na dibhe a thaghadh airson an rud, ach cuideachd bheir e seachad a thuigse phearsanta fhèin air a’ ghnothach: uisge-beatha no uisge na beatha.

Rugadh Iain MacPhàrlain ann an Gleann Fhionnain, baile beag ann an Lochabar. Fhad ‘s a bha e ag ionnsachadh na fìdhle bho athair is bho Dhòmhnall Riddell, bha e cuideachd a’ teannadh air teagasg fhaighinn air a’ phìob-mhòir aig aois 10 bliadhna bhon Mhaidsear Phìobaireachd Eòghann MacRath. On a bha e na dheugaire, tha Iain air a bhith a’ cluich ann an iomadach còmhlan is pròiseact diofraichte, a leithid dràma Gàidhlig, dannsa an latha an-diugh, rèidio agus telebhisean is e aig an aon àm a’ cluich le seòid-chiùil an àite mar Fearchar MacRath, Aonghas Grannd agus Feargaidh Dòmhnallach. Thèid agaibh cuideachd air Iain fhaicinn ‘s e a’ cluich cuide ris a’ chòmhlan-chiùil iomraiteach, shoirbheachail Blazin’ Fiddles.

Cho math ri Iain fhèin, bidh na seinneadairean/luchd-ciùil ealanta Ingrid NicEanraig is Eòghann MacDhonnchaidh a’ gabhail air an àrd-ùrlar còmhla ris: dealbhan is fuaim le Ailean MacFhionghain.

Neach-ciùil tàlanta air iomadh inneal-ciùil, rugadh agus thogadh Ingrid NicEanraig ann an Lochabar. Ann an 1999 chaidh i an sàs sa chòmhlan-chiùil Ghàidhlig Cliar air a’ chlàrsaich is air a’ phiàno. Bhuannaich i àrd-inbhe bho BBC Radio 2 le Duais an Neach-Chiùil Thraidiseanta Òig ann an 1990. Thug i ceum a-mach ann an Cuspairean Ceilteach bho Oilthigh Ghlaschu is bhon uair sin tha i air cluich air iomadach clàr is i a-nise an ceann stiùidio-clàraidh ann an Gleann Fhionnain.

‘S ann à Drochaid Charr ann an Srath Spè a tha an seinneadair is an cluicheadair giutàir Eòghann MacDhonnachidh, 24 bliadhna dh’aois. Dh’fhrithealaich Eòghann Ionad Nàiseanta Sàr-Cheòl Dùthchasach na h-Alba ann an 2000 far an robh e ag ionnsachadh na fìdhle ‘s nam pìopan. Bha e aig tùs-gnothaich ann a bhith a’ cur ri chèile a’ chòmhlain-chiùil iomraitich Breabach, is e fhathast a’ cluich cuide riutha. Bho chionn ghoirid b’ e Eòghann a’ chiad sheinneadair/cluicheadair giutàir a bhuannaich Duais Neach-Ciùil Traidiseanta Òg na Bliadhna bho BBC Radio Scotland.

Tha Ailean MacFhionghain a’ fuireach ann an Inbhir Nis is e air obair fuaim is dhealbhan a dhèanamh dhan chuid as motha de chòmhlain-chiùil phroifeiseanta na Gaidhealtachd. Tha e ag obair a-nise aig sàr-ionad ciùil Inbhir Nis The Ironworks.

Bidh an còmhlan tàlanta Fèis Rois Cèilidh Trail, le cuid dhen luchd-chiùil òg às fheàrr às an àite a tha a’ tighinn am bàrr, a’ cur air bhog a’ chonsairt seo.

Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00



tiocaidean          Làrach-lìn na talla

Disathairne 5 An t-Sultain 2008
Talla Choimhearsnachd, Poll Iùbh
Cod-puist na talla:  IV22 2LD
7.30f

Ceanglaichean Teaghlaich

‘S ann tric bho ghlùin gu glùin sìos tro na ginealaichean a tha ar dualchas-ciùil beartach air a thoirt seachad. Tha sinn air cuid dhe na h-eisimpleirean as samlachail dhen t-seòladh-chiùil a tha seo a thoirt cruinn còmhla gus cluich dhuibh sa chonsart Ceanglaichean Teaghlaich.

Cluinnidh sibh sa chuirm-chiùil seo ceòl smaoineachail is am measg sin fìdhlearachd, pìobaireachd, seinn na Gàidhlig is an còrr bho theaghlaichean à Gaidhealtachd agus à eileanan na h-Alba. Cuideachd, bu mhath leinn fàilte a chur air athair ‘s a mhac, Gerry & Donal O’Connor, à Èirinn.

Bidh na consartan faisg làn fhaireachaidhean a tha seo a’ leigeil fhaicinn nach e a-mhàin ar ceòl ‘s ar n-òrain a tha beò is fallain, ach cuideachd gur ann ann an làmhan treun, sàbhailte ‘s a tha iad airson nam bliadhnaichean mòra a tha ri thighinn.

Donnchadh & Iain MacIllebhrath
Fear a b’ àbhaist a bhith sa chòmhlan Battlefield air a’ phìob-mhòir, air an fheadaig is air a’ ghiotàr, chan ann air aineoil a tha Donnchadh MacIllebhrath air beulaibh luchd-èisteachd na fèise. Tha e a-nise a’ cluich leis a’ chòmlan The Ghillies agus air a cheann fhèin. A thuilleadh air sin tha e na thuathanach ann an Siorrachd Rois an Ear le sianar chloinne is iad uile a’ cluich innealan-ciùil. Na chuideachd air an àrd-ùrlar bidh a mhac as sine Iain a tha a’ cluich nam pìoban, na fìdhle, na feadaig & a’ bhodhrain is e air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus ceòl ann am Beinn nam Faghla agus Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach ged a tha e a-nise na oileanach ann an Duluth, Minnesota.

Gerry & Donal O’Connor
Tha Gerry O’Connor air fear dhe na fìdhlearan as fheàrr a tha ann an Èirinn. Tha a stoidhle sònraichte fhèin is a làmh shùbailte air a’ bhogha, cho math ri sàr-ealantas ciùil, air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh dha. Na chuideachd air an fhidheall is air a’ phiàno bidh a mhac Donal O’Connor a tha a’ cumail dùthchas an teaghlaich aige a’ dol is iad a’ sìor thoirt a-mach fhìdhlearan thar chàich.

Seonaidh & Calum Ailig MacMhaolain
‘S ann mar sàr-sheinneadairean na Gàidhlig a choimheadar air Seonaidh is Calum Ailig MacMhaolain, athair is mac à Eilean Leòdhais. Bha Seonaidh na phrìomh-sheinneadair sa chòmhlan shoirbheachail The Lochies agus tha Calum Ailig a-nise a’ seinn leis a’ chòmhlan ùr-nòsach Ghaidhealach Dàimh. Mar chàraid, tha iad air cluich aig grunnan chèilidhean air feadh Leòdhais, is bho chionn ghoirid choisinn iad deagh cliù airson na rinn iad aig Fèis nan Dathan Ceilteach 2008.

Dagger & Niall Gòrdon
‘S e cluicheadair mandolain a tha ann an Dagger Gòrdon, fear a tha ri tuathanas air a’ Ghaidhealtahcd faisg air Inbhir Gòrdain. Tha an triùir mhac aige fhèin is a bhean Julie a’ cluich ceòl Albannach is iad uile air a bhith air an àrd-ùrlar aig Blas. Bidh e a’ cluich le mhac as òige, Niall, 16 bliadhna a dh’aois, a bhios a’ cluich na fìdhle ‘s a’ phiàno.

Bidh an còmhlan tàlanta Fèis Rois Cèilidh Trail, le cuid dhen luchd-chiùil òg às fheàrr às an àite a tha a’ tighinn am bàrr, a’ cur air bhog a’ chonsairt seo.

Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00

tiocaidean          Làrach-lìn na talla

Disathairne 5 An t-Sultain 2009
Talla-Cuimhneachaidh Ruigh-Shalais, Bail’ a’ Bhlàir
Cod-puist na talla:  IV7 8LL
7.30f

Michael Marra – Bàrd Dhùn Dè
le The Long Notes & Fèis Rois Cèilidh Trail

Michael Marra
Tha e na thoileachas mòr dha Blas fàilte a chur air fìor ghaisgeach-ciùil na h-Alba. Tha na h-òrain aig Michael Marra nan obair-ealain air an cur ri chèile le snas ‘s iad a’ toirt dhuinn sealladh breithneachail air cor a’ chinne-daonna le smeuradh de dh’àbhachdas gu h-eirmseach fhèin dubh. Tha Michael, a bhuineas dha Dùn Dè, a’ seasamh airson nan daoine cumanta is e air obair mhòr a dhèanamh na cheòladair fa leth cho math ri bhith ag obair le sàr-luchd-ciùil eile à Alba. Mar neach-ciùil, tha an uimhir eòlais aige thar nam bliadhna air comas a thoirt dha an luchd-èisteachd a dhèanamh aig an taigh sa bhad is e a’ leigeil leotha làn an toileachais a ghabhail à ealantas-ciùil is a ghuth drùidhteach fhèin. Tha fìrinneachd is faireachaidhean ùr is ainneamh rim faotainn anns gach rud a nì e.

The Long Notes
’S e an t-iomradh a thug an lèirmheas làn còig rionnagan aig an Scotsman orra ach ‘rudeigin gu fìrinneach air leth’. Tha na Long Notes a’ toirt ri chèile ealantas samhlachail Colette O’Learry air a’ bhocsa-chiùil, Jamie Smith air an fhìdheall agus Brian Kelly air a’ bhaindeo ’s air a’ mhandolain. Tha gach duine às an triùir aca sònraichte fhèin eòlach air cuairtean-ciùil is iad air a thighinn cruinn mar chòmhlan a-mach à seiseanan ciùil beothail ceann a tuath Lunnainn. Tha ealantas drùidhteach a’ chòmhlain-sa nas motha na suim a phàirtean fhèin is iad a’ cur gleus is cumadh smaoineachail air ceòl sean is ùr à Alba, Èirinn, an Fhraing agus Galicia.

Cuiridh Fèis Rois Cèilidh Trail toiseach-tòiseachaidh air a’ chuirm-chiùil bheothail a tha seo.


Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00



tiocaidean          Làrach-lìn na talla

Didòmhnaich 6 An t-Sultain 2009
Taigh-staile Ghleann Mòr na Sìth, Baile Dhubhthaich
Cod-puist na talla:  IV19 1PZ
3.00f

Uisge-beatha
Gàirdeachas a’ Ghaidheil air an Uisge-Bheatha

Riochdaire: Iain MacPhàrlain  

Fàilte oirbh dha saoghal an uisge-bheatha! Mar phàirt dhe Blas a bhith a’ comharrachadh Bliadhna an Tillidh Albannaich, tha an ceòladair ainmeil Iain MacPhàrlain, à Gleann Fhionnain, air rud iongantach a chur ri chèile a tha na mheasgachadh de cheòl, òrain, dealbhan is ar deoch nàiseanta.

Gus faireachadh nas sònraichte buileach a thoirt air an rud, bidh na consartan seo a’ gabhail àite ann an cuid dhe na taighean-staile as ainmeile agus as samhlachail air a’ Ghaidhealtachd. Chan e a-mhàin gu bheil Iain air ceòl is òrain a bhuineas dhan uisge-bheatha is iomadh buaidh na dibhe a thaghadh airson an rud, ach cuideachd bheir e seachad a thuigse phearsanta fhèin air a’ ghnothach: uisge-beatha no uisge na beatha.

Rugadh Iain MacPhàrlain ann an Gleann Fhionnain, baile beag ann an Lochabar. Fhad ‘s a bha e ag ionnsachadh na fìdhle bho athair is bho Dhòmhnall Riddell, bha e cuideachd a’ teannadh air teagasg fhaighinn air a’ phìob-mhòir aig aois 10 bliadhna bhon Mhaidsear Phìobaireachd Eòghann MacRath. On a bha e na dheugaire, tha Iain air a bhith a’ cluich ann an iomadach còmhlan is pròiseact diofraichte, a leithid dràma Gàidhlig, dannsa an latha an-diugh, rèidio agus telebhisean is e aig an aon àm a’ cluich le seòid-chiùil an àite mar Fearchar MacRath, Aonghas Grannd agus Feargaidh Dòmhnallach. Thèid agaibh cuideachd air Iain fhaicinn ‘s e a’ cluich cuide ris a’ chòmhlan-chiùil iomraiteach, shoirbheachail Blazin’ Fiddles.

Cho math ri Iain fhèin, bidh na seinneadairean/luchd-ciùil ealanta Ingrid NicEanraig is Eòghann MacDhonnchaidh a’ gabhail air an àrd-ùrlar còmhla ris: dealbhan is fuaim le Ailean MacFhionghain.

Neach-ciùil tàlanta air iomadh inneal-ciùil, rugadh agus thogadh Ingrid NicEanraig ann an Lochabar. Ann an 1999 chaidh i an sàs sa chòmhlan-chiùil Ghàidhlig Cliar air a’ chlàrsaich is air a’ phiàno. Bhuannaich i àrd-inbhe bho BBC Radio 2 le Duais an Neach-Chiùil Thraidiseanta Òig ann an 1990. Thug i ceum a-mach ann an Cuspairean Ceilteach bho Oilthigh Ghlaschu is bhon uair sin tha i air cluich air iomadach clàr is i a-nise an ceann stiùidio-clàraidh ann an Gleann Fhionnain.

‘S ann à Drochaid Charr ann an Srath Spè a tha an seinneadair is an cluicheadair giutàir Eòghann MacDhonnachidh, 24 bliadhna dh’aois. Dh’fhrithealaich Eòghann Ionad Nàiseanta Sàr-Cheòl Dùthchasach na h-Alba ann an 2000 far an robh e ag ionnsachadh na fìdhle ‘s nam pìopan. Bha e aig tùs-gnothaich ann a bhith a’ cur ri chèile a’ chòmhlain-chiùil iomraitich Breabach, is e fhathast a’ cluich cuide riutha. Bho chionn ghoirid b’ e Eòghann a’ chiad sheinneadair/cluicheadair giutàir a bhuannaich Duais Neach-Ciùil Traidiseanta Òg na Bliadhna bho BBC Radio Scotland.

Tha Ailean MacFhionghain a’ fuireach ann an Inbhir Nis is e air obair fuaim is dhealbhan a dhèanamh dhan chuid as motha de chòmhlain-chiùil phroifeiseanta na Gaidhealtachd. Tha e ag obair a-nise aig sàr-ionad ciùil Inbhir Nis The Ironworks.

Bidh Fèis Rois Trio sa chuideachd.

Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00

tiocaidean          Làrach-lìn na talla

 

Dimàirt 8 An t-Sultain 2009
Talla Charnegie, Port-Mo-Cholmaig, Siorrachd Rois
Cod-puist na talla:  IV20 1YB
7.30f

Ceanglaichean Teaghlaich

‘S ann tric bho ghlùin gu glùin sìos tro na ginealaichean a tha ar dualchas-ciùil beartach air a thoirt seachad. Tha sinn air cuid dhe na h-eisimpleirean as samlachail dhen t-seòladh-chiùil a tha seo a thoirt cruinn còmhla gus cluich dhuibh sa chonsart Ceanglaichean Teaghlaich.

Cluinnidh sibh sa chuirm-chiùil seo ceòl smaoineachail is am measg sin fìdhlearachd, pìobaireachd, seinn na Gàidhlig is an còrr bho theaghlaichean à Gaidhealtachd agus à eileanan na h-Alba. Cuideachd, bu mhath leinn fàilte a chur air athair ‘s a mhac, Gerry & Donal O’Connor, à Èirinn.

Bidh na consartan faisg làn fhaireachaidhean a tha seo a’ leigeil fhaicinn nach e a-mhàin ar ceòl ‘s ar n-òrain a tha beò is fallain, ach cuideachd gur ann ann an làmhan treun, sàbhailte ‘s a tha iad airson nam bliadhnaichean mòra a tha ri thighinn.

Donnchadh & Iain MacIllebhrath
Fear a b’ àbhaist a bhith sa chòmhlan Battlefield air a’ phìob-mhòir, air an fheadaig is air a’ ghiotàr, chan ann air aineoil a tha Donnchadh MacIllebhrath air beulaibh luchd-èisteachd na fèise. Tha e a-nise a’ cluich leis a’ chòmlan The Ghillies agus air a cheann fhèin. A thuilleadh air sin tha e na thuathanach ann an Siorrachd Rois an Ear le sianar chloinne is iad uile a’ cluich innealan-ciùil. Na chuideachd air an àrd-ùrlar bidh a mhac as sine Iain a tha a’ cluich nam pìoban, na fìdhle, na feadaig & a’ bhodhrain is e air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig agus ceòl ann am Beinn nam Faghla agus Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach ged a tha e a-nise na oileanach ann an Duluth, Minnesota.

Gerry & Donal O’Connor
Tha Gerry O’Connor air fear dhe na fìdhlearan as fheàrr a tha ann an Èirinn. Tha a stoidhle sònraichte fhèin is a làmh shùbailte air a’ bhogha, cho math ri sàr-ealantas ciùil, air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh dha. Na chuideachd air an fhidheall is air a’ phiàno bidh a mhac Donal O’Connor a tha a’ cumail dùthchas an teaghlaich aige a’ dol is iad a’ sìor thoirt a-mach fhìdhlearan thar chàich.

Seonaidh & Calum Ailig MacMhaolain
‘S ann mar sàr-sheinneadairean na Gàidhlig a choimheadar air Seonaidh is Calum Ailig MacMhaolain, athair is mac à Eilean Leòdhais. Bha Seonaidh na phrìomh-sheinneadair sa chòmhlan shoirbheachail The Lochies agus tha Calum Ailig a-nise a’ seinn leis a’ chòmhlan ùr-nòsach Ghaidhealach Dàimh. Mar chàraid, tha iad air cluich aig grunnan chèilidhean air feadh Leòdhais, is bho chionn ghoirid choisinn iad deagh cliù airson na rinn iad aig Fèis nan Dathan Ceilteach 2008.

Dagger & Niall Gòrdon
‘S e cluicheadair mandolain a tha ann an Dagger Gòrdon, fear a tha ri tuathanas air a’ Ghaidhealtahcd faisg air Inbhir Gòrdain. Tha an triùir mhac aige fhèin is a bhean Julie a’ cluich ceòl Albannach is iad uile air a bhith air an àrd-ùrlar aig Blas. Bidh e a’ cluich le mhac as òige, Niall, 16 bliadhna a dh’aois, a bhios a’ cluich na fìdhle ‘s a’ phiàno.

Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00

Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00

Tiocaidean          Làrach-lìn na talla

Diciadain 9 An t-Sultain 2009
Ionad MhicPhàil, Ullapul
Cod-puist na talla:  IV26 2UN
7.30f

Blazin’ Fiddles – Ar Ceòl air feadh na Fìdhle

Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn fàilte as ùr a chur air a’ chòmhlan mhìorbhaileach Blazin’ Fiddles. Tha gach neach às a’ chòmhlan às a’ Ghaidhealtachd ‘s na h-Eileanan is iad a’ cluich pàirt uabhasach mòr ann am beatha-chiùil na Gàidhlig ‘s na h-Alba. Tha an còmhlan-sa air a bhith a’ toirt fìor thoileachas dha luchd-èisteachd, aig an taigh is thall thairis, airson còrr is 10 bliadhna leis a’ mheasgachadh sradagach aca de phuirt às a’ Ghaidhealtachd ‘s às na h-Eileanan cho math ri puirt à àiteachan eile: measgachadh math a tha an-còmhnaidh air an ceòl a chur air feadh na fìdhle.

Tha na fìdhlearan Catriona Dhòmhnallach (Sealtainn), Bruce MacGriogair (Inbhir Nis), Ailean MacEanraig (Malaig), Iain MacPhàrlain (Gleann Fhionnain) a’ gabhail air an àrd-ùrlar cuide ri Marc Clement (Inbhir Nis) air a’ ghiutàir agus Andy Thorburn (Bail’ Eòghainn) air a’ phiàno gus a bhith a’ cruthachadh fear dhe na còmhlain bheò as fheàrr ann an ceòl ceilteach.

Bidh luchd-ciùil òga bho Fhèis Rois a’ tòiseachadh na h-oidhche.

 Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00
Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00

tiocaidean          Làrach-lìn na talla

Diardaoin 10 An t-Sultain 2009
Acadamaidh Inbhir Pheofharan
Cod-puist na talla:  IV15 9LT
7.30f

Guthan nan Gàidheal
Mairi Anna NicUalraig agus Na Seòid, Roya NicIllEathain agus Coisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharan

‘S ann aig deas-meadhan Fhèis Blas a tha puirt, òrain is cànan na Gàidhlig. Thàinig Màiri Anna NicUalraig is Na Seòid còmhla an toiseach aig Blas ann an 2007 far an tug iad buaidh mhòr, mar a shaoileadh duine, air saoghal a’ chiùil Ghàidhlig. Tha sinn air an sàr-chòmhlan seo a chur a chluich le cuid dhen luchd-chiùil òg as fheàrr às a’ Ghaidhealtachd gus oidhche a thoirt dhuibh a dhearbhas neart is ealantas a’ chiùil ‘s nan òran à Gaidhealtachd na h-Alba.

Màiri Anna NicUalraig is Na Seòid – ann am prioba na sùla chaidh an sàr-chòmhlan seo a dhearbhadh mar sheinneadairean thar chàich ann an saoghal-ciùil na Gaidhealtachd ‘s na h-Alba san latha a th’ ann. Tha seachd guthan fhear òga, làn doimhneachd, eòlais is ealantais, gan snighe mun cuairt air aona guth boireann is sin uile le taic gu math tuigseach bho chaochladh innealan-ciùil.

‘S ann dha-rìribh cumhachdach a tha an còmhlan-sa le Màiri Anna NicUalraig, Seumas Greumach, Noraidh MacIomhair, Tormod MacArtair, Gillebrìde MacIllemhaoil, Calum Ailig MacMhaolain, Aonghas MacPhàil agus Griogair Labhraidh: a tha h-uile fear (is tè) aca air àrd-dhuaisean ciùil a bhuannachadh dhaibh fhèin. Dèanaibh deiseil ma-tà airson fìor mhaistreadh de ghuthan, de cho-sheirm, de dh’òrain is de cheòl drùidhteach fhad ‘s a bheir Màiri Anna NicUalraig is Na Seòid ceòl Gàidhlig gu h-àiteachan far nach deach e roimhe ach ainneamh.

Roya NicIlleathain – le tòrr dhuaisean air a’ bhocsa-chiùil, ‘s ann às a’ Bhlàr Dhubh, Siorrachd Rois, a tha Roya NicIlleathain is iomradh ga thoirt air an stoidhle aice mar rud làn neart, co-fhaireachainn is loinn. Bha i na h-oileanach aig Fèis Rois agus Sgoil Chiùil na Gaidhealtachd air a’ Phloc is i a-nise ag ionnsachadh Gàidhlig is Ceòl aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. Ged a tha i fhathast san oilthigh, tha Roya dìreach an dèidh an dàrna clàr aice a thoirt a-mach. Gabhaidh i air an àrd-ùrlar cuide ri Coralea NicAoidh air an fhidheall agus Heather Fhriseal air na drumaichean.

Còisir Ghàidhlig Inbhir Pheofharan – chaidh a’ chòisir-sa a stèidheachadh ann an 1954. Bhon uair sin, tha i air bhith gu math soirbheachail gu nàiseanta is gu h-eadar-nàiseanta. Gach bliadhna, tha a’ chòsisir a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta is iad air cuid dhe na duaisean as àirde a th’ ann dha còisirean a bhuannachadh, (am measg sin Sgiath Thullach Chàrdainn is Mhic Shimidh). Tha iad cuideachd air a bhith aig Mòd Roinneil Bhancoubhair ann an Canada far na shoirbhich uabhasach fhèin math leotha.


Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00

Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00



tiocaidean          Làrach-lìn na talla

Dihaoine 11 An t-Sultain 2009
Talla-Bhaile Loch Carrann
Cod-puist na talla:  IV54 8YD
7.30f

Co-oghaichean Ceilteach – Èirinn is Alba

Duine sam bith a chunnaic consart nan Chieftains aig Blas 2008 (no air BBC Alba), cha dìochuimnich iad gu bràth na dannsairean is an luchd-ciùil òg is iongantach à Èirinn agus Canada a chluich cuide ris a’ chòmhlan mhòr ud. Chuir iad na bha sin de dh’iongnadh oirnn, len ealantas sgiobalta, is gun do dh’fhaighnich sinn an robh iad a’ cluich taobh a-muigh nan Chieftains fhèin? Gu sealbhach dhuinne, bha ‘s tha: agus ‘s iad ‘Tread’! Tha sinn air ‘Tread’ a chur air cuairt na Gaidhealtachd le feadhainn dhen luchd-chiùil òg as fheàrr a tha a’ tighinn am bàrr ann an Alba cho math ris na còmhlain ioma-thàlanta a bhuineas dha Fèisean nan Gaidheal. Seo aon oidhche a bheir oirbh ur basan a bhualadh is ur casan a bhreabadh!

Tread
Cuiribh eòlas air beothalachd is ealantas a’ chòmhlain aighearaich ùir seo air a thoirt dhuibh le còignear dhaoine òga is iad a’ toirt còmhla nan dualchas beartach de cheòl is de dhannsa à Èirinn, Alba agus Canada. Fàgaidh ealantas a’ chiùil ‘s an dannsaidh aig ‘Tread’ an luchd-èisteachd air an dòigh glan lem beothalachd is an cumhachd. Tha Triona Marshall (a’ chlàrsach) agus Jon Pilatzke (an fhidheall) a’ gabhail ùine bheag dheth bho bhith a’ cluich leis na seòid-chiùil ud The Cheiftains. Cuide riutha, bidh dithis eile a tha air a bhith a’ cluich leis na Chieftains fad ùine: Nathan Pilatzke (dannsa-ceum Chanada) agus Cara Butler (dannsa-ceum na h-Èireann). ‘S e steapaichean do-chreidsinnseach sgiobalta an dithis ud a bheir an luchd-èisteachd air an casan. Nan cois, bidh guth binn is giotàr Jef McLarnon: oidhche a mhaireas nur cuimhne.

The Cherry on the Cream
San Ògmhios 2006, thàinig Aonghas MacNeacail às a’ Chill Mhòir agus Coll Dòmhnallach à Peighinn a’ Chorrain còmhla agus rugadh The Cherry on the Cream. Measgachadh làidir is abaich dhen phìob-mhòir is dhen fhidheall air am maistreadh le chèile, bheir an dithis Sgitheanach òga a tha seo ùrachadh dhuibh is sibh air bhioran le fiamh-ghàire air ur n-aodann! ‘S ann a-mach às a’ chroit a tha an ceòl-sa is gun teagamh sam bith bhon Chost an Iar.

Cuiridh sin fàilte air luchd-ciùil bho Fhèis Rois a-nochd cuideachd.

Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00

Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00

tiocaidean          Làrach-lìn na talla

Dihaoine 11 An t-Sultain 2009
Caistel Fòlais, Am Baile Ùr
Cod-puist na talla: IV16 9UX
7.30f

Na Fineachan Mòra Gàidhealach
Na Rothaich

Tha tùs-sgeulachd nan Rothach air chall ann an eachdraidh. A rèir beul-aithris, thàinig iad mar shaighdearan pàighte bho Èirinn mun 11mh linn, agus fhuair iad fearann ann an Ros bhon Rìgh mar thaing airson a chuideachadh ruaig a chur air na Lochlannaich bhon cheàrnaidh sin de dh’Alba. Bhon fhianais sgrìobhte a th’ againn, tha e coltach gu robh iad gu math stèidhichte mu mheadhan na 14mh linn air costa a tuath Caolas Chrombaigh ann an sgìre ris an canar Fearann Dòmhnaill, ainmichte às dèidh a’ chiad chinn-chinnidh aca a rèir beul-aithris. Bhon bhun-stèidh bheag an seo a’ gabhail a-steach nam paraistean Cill Tighearna agus Alanais, sgaoil cumhachd nan Rothach beag air bheag gu tuath agus chun an ear gu tìr chòmhnard, thorrach Taobh Sear Rois.

Luchd-ealain:
Eilidh NicCoinnich –  Neach-aithris, Neach-rannsachaidh, Seinneadair.
Còmhla ri
Donnachadh MacIllebhrath – A’ Phìob & An Fhìdeag
Gòrdon Gunnach – Fìdheall
Brian MacAlpain – Bogsa & Piàno
agus
Foslgaidh Fìdhleirean Chill Tighearna bho Fhèis Rois, fo stiùireadh Alpha Rothach, bean a’ chinn-chinnidh a th’ aig na Rothaich an-dràsta, Eachann, a’ chuirm-chiùil chàirdeil seo.

Tiocaid tràth airson inbhich £10.00 (ro 31.07.09) agus £12.00 (bho 01.08.09)
Clann (fo aois 16) agus sgoilearan £5.00

Seann daoine £10.00
Tiocaid teaghlach (2 inbhich le 2 chlann) £28.00



tiocaidean          Làrach-lìn na talla          Clann Rothaich

© Blas Festival 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.