Inbhir Nàrann
Dihaoine 5mh An t-Sultain 2008
Taigh Cèilidh
Breabach | Còisir Ghàidhlig Inbhir Narann | Rona Lightfoot
Aon rud a tha cinnteach, ’s e oidhche air leth a bhios ann ma tha a’ bhana-sheinneadair is seanchaidh barraichte Rona Lightfoot gu bhith ann! Còmhla rithe bidh an còmhlan fìor mhath Breabach, a bha gu math trang ann an 2007: dh’fhoillsich iad a’ chiad chlàr aca, “The Big Spree” agus bha iad air a’ gheàrr-liosta airson Mith-chòmhlan na Bliadhna aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba. An uair sin ann an 2008 ghlèidh Eòghann Robasdan, a tha seinn agus a’ cluich giotàr sa chòmhlan, an duais airson Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna aig a’ BhBC. Cuideachd air an oidhche cluinnear na guthan binn aig Còisir Ghàidhlig Inbhir Narann, agus iad fhèin iad air duaisean a ghleidheadh.
Àite
Ionad Choimhearsnachd, Inbhir Nàrann
7.30f
tiocaidean
Dihaoine 12mh An t-Sultain 2008
Builg-shèididh, Boghanan agus Ribheidean
Còmhlan Dòmhnall Mac'IlleDhuibh | Aonghas Lyon & Ruaridh Caimbeul | Chrissy Crowley & Jason Roach | Jenna Chuimeineach
Tha Dòmhnall MacIllDhuibh air a bhith toirt mòr-thoileachas do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail thar nam bliadhnaichean leis cho math sa tha e air an òrgan-bheòil, agus leis an stoidhle shònraichte aige fhèin a tha coltach ri ceòl pìoba agus mar a chluicheas e cuid de na fuinn mhall na dhòigh fhèin. A’ cluich còmhla ris agus ri a chòmhlan a-nochd tha dithis luchd-ciùil a tha cho math sa ghabhas, Aonghas Lyon (Bogsa) agus Ruaridh Caimbeul (Fìdheall). Tha an dithis aca air a bhith air leth soirbheachail mar luchd-ciùil iad fhèin, tha Aonghas air an duais airson Cluicheadair-bogsa Bhreatainn a ghleidheadh 6 tursan agus bhuannaich Ruaridh a’ Cho-fharpais Fhìdhlearachd ainmeil aig Glenfiddich ann an 2002. Tha e cuideachd na mòr-thoileachas dhuinn fàilte a chur air Jenna Chuimeineach a bhuannaich dà bhonn òir aig a’ Mhòd agus an dithis luchd-ciùil à Ceap Breatainn Chrissy Crowley (Fìdheall) agus Jason Roach (Piàno).
Àite
Ionad Choimhearsnachd, Inbhir Nàrann
7.30f








