| Nova Scotia Premier sends good-luck message to Blas | |
| 10 August 2006 Nova Scotia Premier sends good-luck message to Blas Gaels in heavily-forested Canadian province of Nova Scotia style their country as tir nan craobh or land of the trees and still refer to Scotland as An t-seann dùthaich, or the old country. For a group of musicians from that part of maritime Canada, coming to the Highlands to take part in this year’s Blas Festival there journey represents a ‘home-coming’ in many ways. “We are delighted to have had a good-luck message from the Premier of Nova Scotia, himself a renowned fiddle player, and we are looking forward to the visit by the Cape Breton musicians attending this year’s Blas. We are also delighted that Joella Foulds, the founder and Director of the Cape Breton Celtic Colours festival, is sufficiently excited by our programme to want to visit the festival this year too. Gaelic language is still an important element of the lives of people in Nova Scotia, in Cape Breton island in particular, and we welcome the renewed recognition by the provincial government of the place of the language, within the cultural life of the area.” Bho dhuthaich nan craobh chun na seann dhùthca Tha Gàidheil ann am Mòr-roinn na h-Albainn Nuaidh ag gabhail tìr nan craobh air an sgìre aca, agus tha iad fhathast ag gabhail an t-seann dùthaich air Alba. Do bhuidheann de luchd-ciùil bho thaobh sear Chanada, bi an cuairt-san na ‘thilleadh dhachaigh’ ann am barrachd air aon dòigh. Tha an stoidhle bheòthail aca nan ceòl tradiseanta a’ tarraing mòran bho an dualchas a thug na Gàidheil gu ruige Canada sa naoidheamh lìnn deug. Tha mòran ann an Ceap Bhreatuinn fhathast mòthaicheil dha na ceanglaichean teaghlaich le àiteachain air Ghàidhealtachd a dh’aindeoin a bhi air an sgaradh bhuapa leis a’ Chuan Siar airson corr ‘s ceud gu leth bliadhna. Do chuid ann an Ceap Bhreatuinn tha an càirdeas nas fhaisge. Tha Màiri Nic Fhraing na fìdhleir agus na dannsair ann am Beòlach, còmhlan beòthail bhon a’ cheàrnaidh sin de dh’Alba Nuadh agus bi iadsan air àrd-ùrlair ann an àiteachain lèithid Ceann Ghiuthais, Pol-iu, Baile an Todhair, agus ann an Gleann Garadh, cho math ri Sabhal Mòr Ostaig, mar phàirt de Bhlas. Sann de Chlann Mhic Corcadail a Uibhist a Tuath a tha a màthair, a chaidh a Cheap Bhreatuinn a theagaisg na Gàidhlig anns na 1970-an, agus a dh’fhuirich. Comhla ri Beòlach air an cuairt air Ghaidhealtachd bi Troy Mac Ghillebhrath, fìdhleir tàlantach, fear-piana agus dannsair-ceum bho ear-thuath Alba Nuadh. Tha an càirdeas maireanach le Alba Nuadh air a bhi air a dhaingeachadh gu h-oifeagail le Comhairle na Gaidhealtachd, le meòraichean còrdaidh ann an 2002, leis an Riagahlatas aca-san. Tha seo a’ comharrachadh dòighean anns an urrainear obrachadh comhla gu h-àraid ann an rudan a dhaingnicheas càirdeas teaghlaich, cànain agus dualchas. A’ dearbhadh bunnaideachd na Comhairle ann a bhi a’ cuir Blas air bhonn, bha luchd-ciùil fhaighinn a Alba Nuadh na amas bhon dol-a-mach. Ann an teachdaireachd gu Blas bhon urramach Rodney J. Dòmhnallach, Prìomhaire Mòr-roinn na h-Albann Nuaidh, dhaingnichear na ceanglaichean sin a-rithist. Tha e cuideachd a’ bruidhinn gu coibhneil air oidhirpean na Fèis na ceanglaichean sin a neartachadh anns an 21mh linn; “Tha Rioghaltas na h-Albann Nuaidh a' toirt an air' air nan ceanglaichean làidir a th' ann am bith eadar Alba is Alba Nuadh. Thòisich Gàidheil á Gàidhealtachd is Eileanan na h- Albann air coimhearsnachdan a thogail ann an Albainn Nuaidh bho chionn chórr is dà chiad bliadhna. Tha an dìleab ann a' follais fhathast ann an cànain agus cultar, a tha a nist sònraichte ann an Albainn Nuaidh agus a chaidh ionnsachadh aig a' ghlùin. O chionn ghoirid, chaidh Ministreachd Iomairtean na Gàidhlig a chur air bhonn a tha 'mothachadh na fìrinne gu bheil Alba Nuadh a' leanaid a chumail a stòras chànanaich is chultair. Tha sinn a' toirt meal an naidheachd do Fhéis a' Bhlais agus tha sinn 'n dòchas gu' soirbhich an obair agaibh leibh mar a leanas sibh a dh' ionnsaidh leasachadh cànain agus cultar nan Gàidheal agus gléidheadh de cheanglaichean làidir an teaghlaich a tha 'gar ceangal r' a chéile”. | |








