Gallaibh
Dihaoine 5mh An t-Sultain 2008
Fred Moireasdan agus Caraidean
Fred Moireasdan agus Caraidean
Air ceann na feadhna a bhios a’ cluiche, bidh an sàr phìobaire agus cluicheadair fìdeig, Fred Moireasdan, a tha air cliù eadar-nàiseanta a chosnadh dha fhèin air sgàth na stoidhle cluiche aige a tha cumhachdach, beòthail, agus air sgàth mar a bhios e a’ cruthachadh ceòl ann an làrach nam bonn, agus a tha fo bhuaidh dualchas pìobaireachd Uibhist, ceòl an latha an-diugh agus taghadh farsaing de cheòl eile. ’S e meur ionadail a’ Chomuinn Ghàidhealaich a tha a’ cur na cuirm-ciùil air a casan agus iad a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2010, agus nochdaidh grunn luchd-ciùil is sheinneadairean ionadail aig a’ chèilidh.
Àite
Taigh Osta MhicAoidh, Inbhir Ùige
7.30f
tiocaidean
Diciadain 10mh An t-Sultain 2008
An Tòir air a' Ghrèin le Seumas Ros
Seumas Ros | Mr MacFall’s Chamber | Fraser Fifield
’S e urram mòr a th’ ann dhuinn gur ann aig Fèis Bhlas a chluinnear an obair ùr aig an sgrìobhadair chiùil a rugadh ann an Inbhir Ùige, Seumas Ros, airson a’ chiad uair ann an àite sam bith air an t-saoghal. Tha seo a’ tighinn às dèidh na h-obrach aige “New Voices” a chaidh a bharantachadh airson Celtic Connections. Dh’fhoillsich e a’ chiad CD aige ann an 2006. San obair ùr seo a chaidh a bharantachadh, cluinnear ceòl ùr a tha a’ riochdachadh cruth-tìre na Gàidhealtachd rè na bliadhna, agus chithear dealbhan-camara barraichte a thog Catrìona Mhoireach. Còmhla ri Seumas bidh ceathrar sàr luchd-ciùil le an ionnstramaidean teudach, Mr McFall’s Chamber, agus an neach-ciùil is sgrìobhadair ciùil tàlantach, air a bheil fèill mhòr, Fraser Fifield.
Tha Comhairle Ealain na h-Alba a' cur taic ris an tachartas seo.
Àite
Na Seòmraichean Cruinneachaidh, Inbhir Uige
7.30f
tiocaidean
Disathairne 13mh An t-Sultain 2008
Ùrachadh
’S e a th’ anns an riochdachadh anabarrach seo, turas tro eachdraidh Iar-thuath Chataibh, tro cheòl, òrain, bàrdachd agus lèirsinn. Gu cinnteach mairidh an oidhche fada air chuimhne, oir am measg na feadhna a bhios a’ nochdadh an cuid thàlantan, bidh Seumas Greumach, a ghlèidh am bonn òir aig a’ Mhòd, am fìdhlear Rhona Shuthurlanach, an neach-piàino Seumas Ros, Catrìona NicLeòid a tha a’ seinn agus a’ cluich grunn ionnstramaidean agus am pìobaire agus cluicheadair bogsa Carol-Anne NicAoidh bhon chòmhlan Dòchas.
Àite
Mill Theatre, Inbhir Theòrsa
7.30f








