CÒMHLAN CÈILIDH GHLEANN FHIONGHAIN
Tha Ceann an Iar Loch Abar air a bhith soirbheachail thar nam bliadhnachan ann a bhith a’ tarraing is ag oideachadh thàlantan ann an ceòl traidiseanta, mar a tha follaiseach nuair a chithear a’ bhuidheann seo a’ tighinn còmhla. Tha iad uile stèidhte ann an Gleann Fhionghain, is tha iad air leth soirbheachail mar luchd-ciùil traidiseanta, cofhurtail an dà chuid aig cuirmean mòra no aig cèilidhean beaga.
GLENFINNAN CÈILIDH BAND
West Lochaber has always been a fertile ground for attracting and nurturing traditional talent and this grouping of musical giants is testament to that. All based in Glenfinnan, the band members are stalwarts from the traditional music world, at home playing large concert venues and bothy cèilidhs.
ADDIE HARPER
Cluicheadair ainmeil bogsa-ciùil a tha air a bhith an sàs ann an ceòl Albannach airson ùine mhòr, na dhùthaich fhèin an Gallaibh, air feadh Alba agus nas fhaide air falbh. Thuirt Addie aig aon àm, “Fhad ’s a tha daoine ann a dh’iarras dannsa agus èisteachd ris a’ cheòl againn, cumaidh mise orm a’ cluiche!”
ADDIE HARPER
Renowned box player Addie Harper has been deeply involved in the Scottish music scene, in his native Caithness, Scotland and further afield for longer than he cares to remember. Addie once said, "As long as the fowk are prepared to dance to or listen to our music, I'll keep on playing".
AONGHAS GRANND
Fear a tha gu mòr a’ cumail suas an t-seann nòis, tha Aonghas, am fìdhlear cearraig ainmeil, am measg nan cluicheadairean as fheàrr a tha riamh air a bhith againn den stoidhle àraid fhìdhlearachd a bhuineas do thaobh siar Gàidhealtachd na h-Alba, stoidhle a bha cumanta am measg nan seann fhìdhlearan ann an sgìre a’ Ghlinne Mhòir an Loch Abar.
AONGHAS GRANND
Renowned tradition bearer Angus, the famous ‘Left-handed Fiddler’ is regarded as one the finest ever exponents of the Scottish West Highland fiddle style, typical of the old fiddlers in the Great Glen area of Lochaber.
ANNIE GRACE
Buinidh Annie Grace dhan Ghearastan agus tha i na neach-ciùil, seinneadair agus cleasaiche. Ghabh i a ciad cheumannan ciùil ann an Còmhlan Pìoba Òganaich Loch Abar. Mar aon den fheadhainn a chur air bhonn Iron Horse, chuir i seachad 12 bliadhna air chuairt air feadh an t-saoghail. Bho thòisich i air a ceann fhèin, tha i air a bhith an sàs ann an iomadach pròiseact co-obrachaidh, nam measg: The Unusual Suspects agus ‘Grace, Hewat & Polwart’.
ANNIE GRACE
Annie Grace, from Fort William is a musician, singer and actor. and began her performing career with the Lochaber Junior Pipe Band. As a founder member of Iron Horse, she toured worldwide for 12 years. Since embarking on a solo career, Annie has performed in many collaborations including; The Unusual Suspects and ‘Grace, Hewat & Polwart’.
BRIAN O’HEADHRA
Neach-ciùil, seinneadair is òranaiche cliùiteach a tha a’ fuireach an Inbhir Nis, buinidh Brian do Bhaile Atha Cliath is chaidh a thogail san Talamh Ùr. Còmhla ri feadhainn eile, chuir e air bhonn ‘Anam’, agus tha e air a’ Ghàidhlig is cultar na Gàidhealtachd a ghabhail gu chridhe. Bidh e a’ cluiche is a’ seinn gu tric còmhla ri cuid den luchd-ciùil traidiseanta as ainmeile a th’ againn.
BRIAN O’HEADHRA
Acclaimed musician and singer/songwriter living in Inverness, Brian is originally from Dublin and was brought up in Newfoundland. A founder member of ‘Anam’, he has taken Gaelic language and Highland culture to heart and performs regularly with some of our best known traditional musicians and singers.
CANNTAIREACHD
Buidheann de dheugairean tàlantach, sònraichte a th’ air ainm a dhèanamh dhaibh fhèin mar shàr luchd-ciùil, a’ cleachdadh seinn co-sheirm sa Ghàidhlig. ’S i Eilidh NicCoinnich, seinneadair Gàidhlig agus sgrìobhadair-òran à Leòdhas, a thug a’ bhuidheann còmhla bho chionn 4 bliadhna. Tha an t-ainm “Canntaireachd” a’ tighinn bhon dòigh fhuaimneachaidh thraidiseanta a bhiodh pìobairean a’ cleachdadh airson fuinn ionnsachadh do dhaoine eile.
CANNTAIREACHD
are a group of remarkable and talented teenagers, who have built up a reputation as leading exponents of Gaelic vocal harmony singing since being formed 4 years ago by Lewis Gaelic singer and songwriter Eilidh Mackenzie. The name “Canntaireachd” comes from the traditional oral method used by pipers for passing on tunes.
CHERISH THE LADIES
A’ comharrachadh 25 bliadhna mar aon de na còmhlain-ciùil as soirbheachaile agus air a bheil an fhèill as motha ann an eachdraidh ceòl Ceilteach, tha an còmhlan Èireannach-Ameireaganach, Cherish the Ladies, a’ toirt thugainn blas de na traidiseanan Èireannach a fhuair clann-nighean bhon athraichean. Tha measgachadh sònraichte aig a’ chòmhlan-bhoireannach de thàlantan air innealan-ciùil, guthan àlainn, rianan tarraingeach agus dannsaichean-ceum mìorbhaileach, a’ toirt gach taobh de chultar thraidiseanta na h-Èireann còmhla chun an àrd-ùrlair aig an aon àm.
“Cha ghabh a chreidsinn gum biodh luchd-amhairc ann ris nach còrdadh na tha an còmhlan a’ dèanamh.” - The Boston Globe.
“Cha ghabh a chreidsinn gum biodh luchd-amhairc ann ris nach còrdadh na tha an còmhlan a’ dèanamh.” - The Boston Globe.
CHERISH THE LADIES
Celebrating 25 years as the most successful and sought-after Irish-American group in Celtic music history, Cherish The Ladies share their timeless Irish traditions passed down from fathers to their daughters. The all-female ensemble's spectacular blend of virtuosic instrumental talents, beautiful vocals, captivating arrangements and stunning step dancing showcases all the facets of traditional Irish culture.
“It is simply impossible to imagine an audience that wouldn’t enjoy what they do.” -The Boston Globe
“It is simply impossible to imagine an audience that wouldn’t enjoy what they do.” -The Boston Globe
CAIRISTÌONA PRIMROSE
Seinneadar Gàidhlig na Bliadhna aig STMA 2009, rugadh Cairistìona ann an Leòdhas, agus tha i air astar a shiubhal air feadh an t-saoghail, a’ nochdadh air àrd-ùrlar ann an Ameireaga a Tuath, Astràilia agus san Roinn Eòrpa. Tha i an-diugh a’ teagasg Òrain Ghàidhlig ann an Sabhal Mòr Ostaig, a’ cholaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach.
CHRISTINE PRIMROSE
STMA Gaelic Singer of the Year 2009, Christine, from Lewis, has toured extensively giving concerts and recitals in North America , Australia and Europe, and currently teaches Gaelic song at Sabhal Mor Ostaig, the Gaelic College on Skye.
CAIRISTÌONA STONE
Bhiodh mo phàrantan gam bhrosnachadh gus
seinn bho bha mi beag bìodach ~ Gàidhlig, Beurla agus na Sailm Ghàidhlig a bha
cho mòr san dualchas. ’S e rud àlainn a tha ann an seinn Ghàidhlig agus
tha mi moiteil gu bheil dualchas cho beairteach agam. Tha mi sa chòisir
Ghàidhlig ionadail is bidh mi a’ seinn aig cèilidhean san sgìre fhèin agus
ann an àiteachan nas fhaide air falbh. Tha mi cuideachd nam Neach-oifis de
Fhèis Ghallaibh a chuireadh air bhonn bho chionn ghoirid, is bidh sinn a’
toirt taic is brosnachadh cunbhalach do chloinn anns gach rud a bhuineas dhan
Ghàidhlig. Tha e a’ togail mo chridhe a bhith gan cluinntinn a’
gabhail nan òran Gàidhlig air a bheil gaol cho mòran agam.
Bhuannaich Cairistìona Duais Mhoireibh airson Seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Chataibh 2010.
Bhuannaich Cairistìona Duais Mhoireibh airson Seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Chataibh 2010.
CHRISTINE STONE
My parents
encouraged my singing from a very early age ~ Gaelic, English and the
traditional Gaelic Psalm-singing. Gaelic singing is a beautiful thing and
I am privileged to be able to have such a rich heritage. I am in the local
Gaelic choir and sing at various ceilidhs within the county and further afield.
I am also an Office-bearer in the recently formed 'FEIS GHALLAIBH' where we
constantly support and encourage the children in all things Gaelic. To
hear them singing the Gaelic songs that I love so much gladdens my heart.
Christine won the Moray Trophy for Traditional Gaelic Singing at the Royal National Mod in Caithness 2010.
Christine won the Moray Trophy for Traditional Gaelic Singing at the Royal National Mod in Caithness 2010.
DÀIMH
Le ballrachd a’ chòmhlain a’
tighinn bho Alba, Èirinn, Canada agus Ameireaga, bidh Dàimh a’ cluiche
deagh mheasgachadh beòthail de cheòl is òrain bho thraidiseanan
cultarail na Gàidhlig, a’ toirt gu chèile diofar sheòrsachan ciùil bho
air feadh nan dùthchannan Ceilteach, a’ comharrachadh farsaingeachd gach
cultair.
Taking their name from the Gaelic word for kinship, and with members from Scotland, Ireland, Canada and America, Gaelic super group Dàimh play a high-energy, fast-flowing mix of tunes and songs from the Gaelic cultural tradition, fusing together music from across the Celtic diaspora in a total celebration of their shared cultures.
Taking their name from the Gaelic word for kinship, and with members from Scotland, Ireland, Canada and America, Gaelic super group Dàimh play a high-energy, fast-flowing mix of tunes and songs from the Gaelic cultural tradition, fusing together music from across the Celtic diaspora in a total celebration of their shared cultures.
DARREN MACILLEATHAIN
B’ e bràthair seanar Dharren a bh’ anns an t-seinneadair Ghàidhlig Calum Ceannadach agus tha Darren air dà bhonn òir a bhuannachadh dha fhèin aig a’ Mhòd Nàiseanta. Chaidh Darren a thogail san Eilean Sgitheanach far an deach a bhogadh ann an cultar na Gàidhlig bho aois òg. Ma ghabhas esan puirt-a-beul, bidh breab aig ur casan…
DARREN MACLEAN
Great nephew of Gaelic singer Calum Kennedy and a double National Mod Gold Medalist in his own right, Darren was brought up immersed in the Gaelic culture on Skye. Expect his lively puirt a beul or mouth music to have you dancing in your seats…
FÈIS A’ CHAOLAIS
Joining us for the first time at the Blas festival, are this group of talented youngsters from Bonar Bridge and the surrounding area of Sutherland.
FÈIS GHALLAIBH FOLK GROUP
Having emerged from Fèis Ghallaibh this band is becoming a firm favourite on the traditional music circuit. After a stunning performance at The National Mod 2010, Blas Festival invited them to perform at Blas 2011
FIONA J NICCOINNICH
Tha Fiona J NicCoinnich, a bhuannaich bonn òir aig a’ Mhòd Nàiseanta agus a bhios cuideachd a’ sgrìobhadh òrain, ga meas airson a seinn is bidh i a’ teagasg gach stoidhle de dh’òrain Ghàidhlig air feadh na Gàidhealtachd is thall thairis. Tha i gu tric a’ strì gus buaidh a thoirt air luchd-èisteachd ùr leis an stoidhle chlasaigeach aice fhèin, an dà chuid le òrain thraidiseanta agus san nòs ùr.
FIONA J MACKENZIE
Mod Gold Medalist and songwriter, Fiona J Mackenzie, is popular both for her performing and teaching of all styles of Gaelic Song, in the Highlands and overseas and she constantly strives to reach out and touch new audiences with her own classic style of both traditional and contemporary material.
GABE MACBHARAIS AGUS A CHARAIDEAN
Dh’ionnsaich Gabe, a bhuineas do Chalifornia a Tuath, a’ chiad fhonn aige air an fhidheal. Às dèidh dha Co-fharpais Fidheal Albannach Nàiseanta do dh’Òigridh a bhuannachadh sna Stàitean dà thuras, thill e chun na Gàidhealtachd sna 90an. Nuair a thàinig Dàimh gu chèile, rinn e ceum BA ann an Ceòl Albannach. Air an àrd-ùrlar còmhla ris, bidh Ros Màrtainn air a’ ghiotàr agus Luke Daniels air a’ bhogsa phutan.
GABE MCVARISH AND FRIENDS
Gabe, from Northern California learned his first tunes on the fiddle. Having twice won the U.S. Junior National Scottish Fiddle Championship, Gabe returned to the Highlands in the nineties. After the formation of Dàimh, he studied for a BA in Scottish Music. He is joined by Ross Martin on guitar and button box virtuoso Luke Daniels.
GRACE, HEWAT, POLWART
Guthan sònraichte a tha a’ toirt mìneachadh ùr dhan fhacal Bheurla “ballsy” (An Scotsman). Bidh iad a’ cluiche òrain airson dannsa, tàlaidhean, tuiridhean, sgeulachdan os-nàdarrach agus spioradail cho math ri pìosan-ciùil ùra le clàrsach, pìob, fìdeag, shruti is giotàr. Nuair a thig iad còmhla, tha an còmhlan seo mar a bhiodh dùil – luasgach is lurach; ladarna is luath; dorcha is duilich; dòchasach is dòigheil!
GRACE, HEWAT, POLWART
Distinctive voices which "give fresh definition to the word 'ballsy'" (The Scotsman). They perform Scots dance songs, lullabies, and laments, supernatural and spiritual tales and striking original compositions with harp, pipes/whistle, shruti & guitar. When they get together they sound just like they are! Lilting and lovely; bolshie and bawdy; dark and discordant, hopeful and happy!
IAIN MOIREASDAN AGUS DÀIBHIDH MÀRTAINN
Tha Iain Moireasdan, Sgrìobhaiche-ciùil na Bliadhna aig STMA 2010, agus Dàibhidh Màrtainn à Leòdhas air a bhith a’ sgrìobhadh òrain còmhla airson deich bliadhna airson measgachadh de phròiseactan anns na raointean ‘new trad’ agus ‘alt-folk’ an Alba. Tha an clàr ùr aca, ‘Haunted Bird’, a’ cumail ris na freumhan bhon tàinig iad, blàth agus deàrrsach, le fuinn nàdarra is tarraingeach.
IAIN MORRISON AND DÀIBHIDH MARTIN
Iain Morrison, STMA Composer of the Year 2010, and Daibhidh Martin from Lewis have written songs together for the last decade in a diverse range of projects at the forefront of Scotland's new trad and alt-folk music scene. Their new album, Haunted Bird, remains rich in roots, warm and glowing, cast around unforgettable, natural
melodies.
melodies.
CÒMHLAN KAREN NICMHATHAIN
Nuair a thuirt Sean Connery gun do bhuin Dia fhèin do dh’amhach Karen NicMhathain, cha do dh’innis e ach pàirt dhen sgeul mu sheinneadair a tha air a bhith aig àrd-ìre ann an saoghal a’ chiùil Cheiltich airson iomadh bliadhna. Tha i na prìomh sheinneadair còmhla ri Capercaillie is tha na h-òrain a dh’ionnsaich i na h-òige cuideachd a’ brosnachadh an stuth a bhios i a’ seinn air a ceann fhèin. Tha a guth is a h-òrain fhathast a’ glacadh aire luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail.
KAREN MATHESON BAND
When Sean Connery described Karen Matheson as having a “throat surely touched by the hand of God”, he only told part of the story of a singer at the forefront of the Celtic music scene. Lead singer with Capercaillie, her solo material is also mostly inspired by the traditional Gaelic songs she grew up with – material which continues to mesmerise audiences throughout the world.
KATHLEEN NICAONGHAIS AGUS A CÒMHLAN
’S ann à Uibhist a tha Kathleen NicAonghais agus, ged a rinn i ainm dhi fhèin ann an rèidio, TBh, fiolmaichean is dealbhan-cluiche Gàidhlig, tha i a-nis air fàs nas ainmeile airson a guth seinn. Ann an 2010, chaidh am fiolm Hollywood mòr aig Ridley Scott, ‘Robin Hood’, fhoillseachadh, is bha an guth aig Kathleen ri chluinntinn anns an fhiolm. Nuair a bha Ridley Scott a’ deasachadh an fhiolm, thuirt e gun robh guth nàdarra, cumhachdach aig Kathleen a bha dìreach àlainn!
KATHLEEN MACINNES AND BAND
Kathleen MacInnes is from Uist and with a background in Gaelic TV Radio, Film and Theatre, she has in the last few years become better known for her voice. 2010 saw the release of Ridley Scott's Hollywood blockbuster film 'Robin Hood' which features Kathleen's vocals. Ridley Scott commented on her vocal during the mix of the movie saying, "Kathleen has a very natural powerful voice! Beautiful!”
MAGAIDH NICDHÒMHNAIL
Buinidh Magaidh NicDhòmhnaill, a bhuannaich am Bonn Òir aig a’ Mhòd, do Chaimbeulaich a’ Ghrìob san Eilean Sgitheanach – aon de na teaghlaichean as ainmeile is as coileanta am measg sheinneadairean seann nòs na h-Alba. Tha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis, a tha air iomadh duais a bhuannachadh, agus ’s i an aon sheinneadair riamh a sheinn beò air saiteal à Hiort!
MAGGIE MACDONALD
Mod Gold Medalist Maggie Macdonald belongs to the Campbells of Greepe of Skye - one of the most famous and accomplished families of traditional Gaelic singers in Scotland. A member of award winning choir Cóisir Gáidhlig Inbhir Nis, she is also the only singer to have sung live by satellite from St Kilda!
MAIREARAD GREEN
Bhuannaich Mairearad Sgrìobhadair-ciùil PRS na Bliadhna ann an 2009 agus tha i air cliù a chosnadh airson an stoidhle ghleusda, ealanta a th’ aice air a’ bhogsa-chiùil. Tha Mairearad cuideachd tàlantach ann a bhith a’ sgrìobhadh fhonn is a’ seinn na pìoba, agus tha i am measg an luchd-ciùil as fheàrr a chluinneas sinn an Alba is air feadh an t-saoghail.
MAIREARAD GREEN
Winner of the PRS Composer of the Year 2009 and renowned for her deft and lyrical accordion style, Mairearad is also a gifted composer and piper and one of Scotland’s finest musical exports.
MÀNRAN
Mànran – ceòl Gàidhlig ùr, aighearrach bhon chòmhlan-chiùil ùr as fhèarr
a nochd airson greis. Tha bogsa-ciùil, fidheal, pìob Ghàidhealach,
pìob Uillean agus duiseal a’ cumail taic ri òrain Ghàidhlig agus
Bheurla, agus druma is beus a’ toirt nam fuaimean còmhla gu cumhachdach.
Mànran, the fresh, unstoppable sound of modern Gaelic, the hottest new band on the Scottish music scene - combining driving accordion, fiddle, Highland pipes, Uillean pipes and flute with powerful songs in English and Gaelic, all underpinned by rocking drums and bass.
Mànran, the fresh, unstoppable sound of modern Gaelic, the hottest new band on the Scottish music scene - combining driving accordion, fiddle, Highland pipes, Uillean pipes and flute with powerful songs in English and Gaelic, all underpinned by rocking drums and bass.
MARGARET MACLELLAN
Double Mod Gold Medallist, Margaret MacLellan was brought up on the tiny island of Eilean Shona in Loch Moidart, and in Mingarry, another small village in West Lochaber and has been singing since a very early age.
......
The Fèisean Cèilidh Trailers
Fèisean Lochabair | Fèis Rois | Fèis air an Oir | Fèis Chataibh | Fèis an Earraich | Fèis na H-Òige | Fèis a 'Bhaile
Tha mu 13,000 duine òg a’ gabhail pàirt gach bliadhna ann an tachartas do bheil Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic, 5,000 den àireamh sin a’ gabhail pàirt anns na Fèisean fhèin. Tha mu 5,500 a’ gabhail pàirt ann an clasaichean Iomairt Ciùil an Òigridh a bhios Fèisean ionadail a’ cur air dòigh, tro chunnraidhean le Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Lodainn an Ear.
Tha Fèisean nan Gàidheal a’ leantainn air a’ toirt taic don Chompanaidh Theatar Meanbh-chuileag, a bhios a’ dol timcheall nan sgoiltean le deilbh-chluich a bhios a’ cur cudrom air dualchas agus eachdraidh na Gàidhlig agus bhom bi mu 2,500 a’ faighinn buannachd.
Tha Fèisean nan Gàidheal cuideachd an urra ris an Fhèis Blas, ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus an Lìonra Ealain Promoters, agus tha iad cuideachd a’ toirt taic do Fhèisean a tha a’ cur air adhart Turasan Cèilidh.
Tha Fèisean nan Gàidheal a’ leantainn air a’ toirt taic don Chompanaidh Theatar Meanbh-chuileag, a bhios a’ dol timcheall nan sgoiltean le deilbh-chluich a bhios a’ cur cudrom air dualchas agus eachdraidh na Gàidhlig agus bhom bi mu 2,500 a’ faighinn buannachd.
Tha Fèisean nan Gàidheal cuideachd an urra ris an Fhèis Blas, ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus an Lìonra Ealain Promoters, agus tha iad cuideachd a’ toirt taic do Fhèisean a tha a’ cur air adhart Turasan Cèilidh.
Around 13,000 young people annually participate in activities supported by Fèisean nan Gaidheal, 5,000 of which take part in the Fèisean themselves. Around 5,500 take part in Youth Music Initiative classes organised by local Fèisean, through contracts with the Highland Council and East Lothian Council. Fèisean nan Gàidheal continues to support the Meanbh-chuileag Theatre Company, which tours schools with plays focussing on Gaelic culture and history, from which around 2,500 benefit.
Fèisean nan Gàidheal is also responsible for the running of the Blas Festival, in partnership with the Highland Council and the Promoters’ Arts Network, and also supports Fèisean that organise Cèilidh Trails.
Fèisean nan Gàidheal is also responsible for the running of the Blas Festival, in partnership with the Highland Council and the Promoters’ Arts Network, and also supports Fèisean that organise Cèilidh Trails.
MONACH ISLE CÈILIDH BAND
This great cèilidh band will stun you with their sparkling dance music sets and have your feet tapping till the wee sma’ oors!
SGOIL CHIÙIL NA GÀIDHEALTACHD
Tha eòlas farsaing aig sgoilearan bho Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc ann an ceòl traidiseanta, a thàinig bhon sgoilearachd a tha iad a’ faighinn tro obair-buidhne, bùithtean-obrach agus clasaichean a tha iad a’ faighinn san sgoil – ’s math as fhiach iad èisteachd riutha.
PLOCKTON SCHOOL OF EXCELLENCE
The Plockton Pupils from the Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd, have an all-round, in-depth experience in traditional music, born of the school’s top class tuition groupwork, workshops and masterclasses, they are indeed - a class act!
ROBERT ROBERTSON
Robert, from Fort William, is one of Lochaber’s up and coming young Gaelic singers, having won the Gold Badge for Singing at the Royal National Mod in Caithness 2010
NA CAIMBEULAICH
Chan ann tric a gheibh sinn an cothrom Caimbeulaich a’ Ghrìob a chluinntinn. Tha an teaghlach seo ainmeil am measg sheinneadairean seann nòs na h-Alba. Tha Kenna agus Seumas Caimbeul, na nigheanan aig Kenna – Màiri Anna is Wilma, agus an co-ogha Magaidh NicDhòmhnaill, a’ riochdachadh dà ghinealach de theaghlach làn phìobairean is sheinneadairean às a’ bhaile bheag seo faisg air Dùn Bheagain, ann an coimhearsnachd far an robh òrain nam pàirt mòr dhen dòigh-beatha.
THE CAMPBELLS
A rare opportunity this year to hear The Campbells of Greepe - one of the singing dynasties of Gaelic music. Kenna and Seumas Campbell, Kenna's daughters Mary Ann and Wilma Kennedy and niece Maggie Macdonald represent two generations of a family of pipers and singers from the tiny township of Greepe near Dunvegan, in a community where song was the constant to the way of life.
THE OUTSIDE TRACK
Le measgachadh tuainealach de sgilean is spionnadh, tha The Outside Track a’ fighe ceòl, òrain agus dannsa à Canada, Alba agus Èireann ri chèile agus tha luchd-èisteach bho air feadh an t-saoghail measail air an fhuaim. Buinidh buill a’ chòmhlain do dh’Alba, Èirinn, Ceap Breatainn agus Bhancùbhar, agus tha an còignear air an toirt gu chèile tron taobh a th’ aca do cheòl traidiseanta agus an dealas gus ceòl ùr a chruthachadh air a’ bhunait sin. A’ cleachdadh fidheal, bogsa-ciùil, clàrsach, giotàr, duiseal, dannsa-ceum agus guth seinn, tha an còignear beòthail, tarraingeach, le tomhas math joie de vivre.
THE OUTSIDE TRACK
A stunning synthesis of virtuosity and energy, The Outside Track's marriage of Canadian, Scottish and Irish music, song and dance has been rapturously received around the world. Hailing from Scotland, Ireland, Cape Breton and Vancouver, its five members are united by a love of traditional music and a commitment to creating new music on its foundation. Using fiddle, accordion, harp, guitar, flute, step-dance and vocals these five virtuosos blend boundless energy with unmistakable joie de vivre.
The Outside Track are
Mairi Rankin
(the Rankins, Beolach - fiddle, vocals, stepdance)
Norah Rendell
(Canadian Traditional Singer if the Year nominee - vocals, flute, whistle),
Ailie Robertson
(Live Ireland Winner, BBC Young Trad Finalist - harp, stepdance),
Fiona Black (BBC Fame Academy Winner - accordion)
Cillian O'Dalaigh (Trazz, guitar, vocals, stepdance).
The Outside Track are
Mairi Rankin
(the Rankins, Beolach - fiddle, vocals, stepdance)
Norah Rendell
(Canadian Traditional Singer if the Year nominee - vocals, flute, whistle),
Ailie Robertson
(Live Ireland Winner, BBC Young Trad Finalist - harp, stepdance),
Fiona Black (BBC Fame Academy Winner - accordion)
Cillian O'Dalaigh (Trazz, guitar, vocals, stepdance).
TORMOD MACARTAIR
Le teaghlach a bhuineas do Leòdhas, tha Tormod, a bhuannaich Bonn Òir an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd, a’ teagasg na Gàidhlig ann an Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus tha e na bhall dhen chòmhlan ‘Meantime’. Tha e cuideachd na phìobaire agus ’s e Fear an Taighe airson na cuirme mòire pìobaireachd a tha gu bhith ann an Eden Court am-bliadhna.
TORMOD MACARTHUR
Traditional Mod Medalist Tormod, with a family background from Lewis, teaches Gaelic at Dingwall Academy and is a member of the céilidh band ‘Meantime’. He is also a piper and our Fèar an Taighe for this year’s piping extravaganza at Eden Court
THE MACDONALD BROTHERS
Tha Aonghas, Ailean agus Iain Dòmhnallach iomraiteach air feadh an t-saoghail air sgàth an tàlantan pìobaireachd. ’S e urram air leth a tha seo dhan Fhèis agus do luchd-èisteachd, na triùir bhràithrean a chluinntinn còmhla.
Angus, Allan and Iain MacDonald are simply legendary and their piping prowess is recognised around the world. It is a great privilege for the festival and our audience to have this rare opportunity to hear all 3 brothers together
Angus, Allan and Iain MacDonald are simply legendary and their piping prowess is recognised around the world. It is a great privilege for the festival and our audience to have this rare opportunity to hear all 3 brothers together






